Rannsaich

Dèanamaid Adhradh

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

DeanamaidAdhradh 10.10.1999

Geàrr-chunntas

00:00:00 - Salm 91, rainn 1-2 air fonn Bedford le Dòmhnall Iain MacIllFhinnein.

00:03:53 - Ùrnaigh

00:08:12 - Leughadh - Eòin 4:1-26

00:12:24 - Searmon air a bhonntachadh air Eòin 4:4-6, 'Agus b' èiginn dha dol tro Shamaria. An sin thàinig e gu baile a bhuineadh do Shamaria, ris an abrar Sicar... Uime sin air do Ìosa a bhith sgìth le a thuras shuidh e mar sin làimh ris an tobar...'

Tha an t-Urramach Fearghas MacBheathain a' searmonachadh mun t-sàsachadh a fhuair Bean Shamaria ann an Crìosda, mun sgìths a bha Crìosda a' fulang na dhaonnachd agus cuideachd mu a shàrachadh spioradail tro a chuairt air an talamh. Faodaidh sinne cuideachd a bhith a' sàrachadh Chrìosda le bhith ga dhiùltadh.

00:25:48 - Salm 46, rainn 10-11 air fonn Torwood le Ailean Gunnach.

00:29:44 - Co-dhùnadh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math