Eisimpleir de mhanadh san Sgarp.
Fiosraichean
Luchd-clàraidh
Ceann-latha
Àireamh a’ chlàir
2626
Pàirt 1
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1953.20.A5
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Eisimpleir de mhanadh san Sgarp.
Mus do bhàsaich sinn-seanmhair an fhiosraiche, bhiodh muinntir an taighe air an cumail nan dùsgadh tron oidhche le brag nan soithichean san dreasair, agus daoine a' dol a-mach 's a-steach. Cuideachd, bhathar a' cluinntinn brag nan dèilean agus sàbhadh air cùl an taighe.
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Tar-sgrìobhadh
An t-Urramach Calum MacIllEathain: Thàinig mo shinn-seanair gu Sgarpa anns a' bhliadhna anns an do chuireadh Blàr Waterloo, agus phòs e nighean a mhuinntir an Sgarpa, agus ghabh e bìdeag fearainn anns an Sgarpa, agus bha e ann riamh tuilleadh. 'S ann de Chlann Aonghais a bha an tè a phòs e.
Agus bha am miseanaraidh a bh' againn anns an Sgarpa, Iain Dòmhnallach, Seonaidh Shòaigh a chanamaid ris, fìor dhuine còir agus seanchaidh math dha-rìribh, latha a' dèanamh seanchasan dhòmhsa air rudan a thachair an ceann a-staigh na Hearadh, timcheall air manainean, agus gu sònraichte rudan a thachair ann an Ròdal agus anns an t-Òb. Agus 's ann a thuirt mi ris: "An do thachair càil dhen t-seòrsa sin riamh anns an Sgarpa seo fhèin?"
"Ò gu dearbh," ars esan, "thachair. Thachair gu leòr dheth," ars esan, "nuair a chaochail do shinn-seanmhair anns an Sgarpa. Bha an taigh againne," ars esan, "ri taobh taigh do sheanar, agus mun do shiubhail do shinn-seanmhair," ars esan, "bhiomaid gar cumail o chadal na h-oidhche le daoine a' toir nan soithichean às an dreasair againn, agus daoine a' dol a-mach agus a-steach feadh na h-oidhche. Agus bhiodh m' athair," ars esan, b' e Dòmhnall Shòaigh athair, fìor bhodach diadhaidh, "bhiodh e," ars esan, "ag èirigh, a' dùsgadh feadh na h-oidhche, agus bhiodh e," ars esan, "a' lasadh na coinnle agus a' leughadh a' Bhìobaill," ars esan, "agus bhiodh an gnothach a' dol air adhart."
"Co-dhiù," ars esan, "nuair a chaochail do shinn-seanmhair, thàinig sluagh mòr dhan eilean chun an tòrraidh, agus," ars esan, "thàinig iad a-staigh dhan taigh againne a thoir a-mach nan soithichean airson biadh a dhèanamh dha na daoine a thàinig."
"Chan e sin a-mhàin," ars esan, "ach mun tàinig am bàs bhiomaid a' cluinntinn nam plangannan aca gan tilgeil agus gan sàbhadh anns an sgaitse-shàbhaidh air cùl an taigh againn."

Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math