Rannsaich

Rabhadh a fhuair bean a bha a' tuireadh, 's a leanabh air bàsachadh.

Ceann-latha March 1953
Àireamh a’ chlàir 2638
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1953.20.A11

Àireamh an Teip Thùsail

SA1953.020

Geàrr-chunntas

Rabhadh a fhuair bean a bha a' tuireadh, 's a leanabh air bàsachadh.

Chaill màthair leanabh nach robh ach dà bhliadhna a dh'aois. Bha i ri tuireadh 's ri tuireadh gun stad. Air latha an tiodhlacaidh, às dèidh dhaibh falbh leis an dust, sheas bean an taighe anns an rùm às an do dh'fhalbh a' chiste-laighe 's i fhathast ri tuireadh. Cha b' fhada gus an do dh'fhairich i rudeigin mar làmh bheag a' tarraing sgòd a còta. Chlisg i agus ruith i a-mach. Mhothaich i san aodach an làrach a rinn làmh an leanaibh bhig, 's thuig i fàth an rabhaidh. Mar sin, chuir i casg air a tuireadh.

Notaichean a' Chlàir

The contributor heard this item in Prince Edward Island, but he does not remember much about his informants. He collected the material in 1931 and 1932.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

An t-Urr. Tormod Dòmhnallach: Bha e air a bhacadh gu làidir a bhith a' dèanamh tuilleadh agus a' chòir de chaoidh air an fheadhainn nach maireann. Cha robh iad a' meas gun robh cus bròin a chùm cofhurtachd na toileachadh sam bith, ach a chùm cràdh agus an-shocair a-mhàin do an spioradan.

Is ioma sgeul a bha air innse mu chuid a lean ro fhada a' tuireadh 's a' gul gu geur airson an càirdean a fhuair rabhaidhean agus cronachadh obann a thug orra sgur gu grad. Ta sgeul dhiubh seo a' dèanamh luaidh air bean àraidh a chaill àilleagan de leanabh gille mu dhà bhliadhna de aois. Cho fad agus a bha an corp a-staigh air an dèilidh, rachadh a mhàthair an ceann gach greis a-steach na h-aonar a shileadh nan deur ri taobh duslach an naoidhein.

Ann an sin thàinig latha an tiodhlacaidh, agus cha bu luaithe a chuir i cùl... cha bu luaithe a chuir iad cùl ris an taigh na chaidh bean an taighe, mar a b' àbhaist, don an t-seòmar dhorcha, agus sheas i car tacain a' caoineadh 's a' tuireadh, 's a h-aodann air fhalach na dà làimh anns a' cheart bhad anns an robh a' chiste mun do ghiùlaineadh air falbh i. Cha robh i fada anns an t-suidheachadh seo co-dhiù nuair a dh'fhairich i mar gum biodh làmh neach beag a' dèanamh grèim air sgòd de a còta. Thàinig nàdar de chlisgeadh oirre - nì nach robh idir iongantach - agus ghrad-chaidh i a-mach às an t-seòmar gu seòmar eile far an robh bana-charaide no dhà dhi na suidhe.

'S e còta de shìoda bog, dubh a bha oirre, mar a their sinn velvet anns a' Bheurla. Air dhi sùil a thoirt ann an solas na grèine air a' chearb sin dheth air an do dh'fhairich i an làmh a' greimeachadh, gu dè a chunnaic i ann an sin, gu fìor shoilleir, ach làrach bois agus meòir an leanaibh bhig. Thuig i anns a' mhionaid fàth agus adhbhar an rabhaidh, agus bhon uair sin a-mach, chuir i casg air a tuireadh.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math