Rannsaich

Bidh Clann an Rìgh air do Bhanais

Ceann-latha March 1963
Àireamh a’ chlàir 28442
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1963.05.A3

Àireamh an Teip Thùsail

SA1963.005

Geàrr-chunntas

Anns an tàladh bheag seo, tha cuid de na cinnidhean a thig gu banais an leanaibh air an ainmeachadh. Is iadsan Clann Choinnich agus Clann Dòmhnaill. Bidh clann an rìgh [na Stiùbhartaich] ann cuideachd.

Notaichean a' Chlàir

A few lines of varying lengths.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Annag Arnott (AA):

Bidh Clann an Rìgh air do bhanais
Bidh Clann an Rìgh, seinnear mo phìob
Òlainn am fìon air do bhanais

Bidh Clann Dòmhnaill, nì nach neònach
Air do bhanais.

Bidh Clann Choinnich, len sròl soilleir
Air do bhanais.

Bidh Clann an Rìgh, seinnear mo phìob,
Òlainn am fìon air do bhanais.


Iain MacAonghuis (IM): Glè mhath. Agus an e tàladh a bha sin?

AA: B' àill leibh?

IM: An e tàladh a bh' ann?

AA: Ò cha chreid mi nach e. Tha mi a' smaoineachadh gur e tàladh a bh' ann.

IM: Dìreach, dìreach.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math