Rannsaich

Na ceatharnaich Ghàidhealach a fhuair bàs an Lunainn an dèid...

Ceann-latha 02 June 1954
Àireamh a’ chlàir 28704
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1954.52.A2

Àireamh an Teip Thùsail

SA1954.052

Geàrr-chunntas

Na ceatharnaich Ghàidhealach a fhuair bàs an Lunainn an dèidh Chùil Lodair.

An dèidh Chùil Lodair, bha ceathrar cheatharnach fhathast le cumhachd sa Ghàidhealtachd. Thug an Riaghaltas Sasannach cuireadh dhaibh a thighinn a Dhùn Èideann, mas fhìor gum b' e urram a bha iad a' dol a chur orra. Dh'fhalbh triùir, ach dh'fhuirich fear dhiubh, dam b'ainm Fearchar Òg, aig baile dhà no trì làithean bhon a bha e a' faireachdainn tinn. Nuair a thog e air, thug e leis an cù aige, Bran, agus air a' chiad oidhche chaidil iad ann am bothag. Nuair a bha e na chadal, chuala e guth ag ràdh, "Bidh dùil ri fear feachd, ach cha bhi dùil ri fear liceadh", agus le seo, dhùisg e. Chunnaic e cat dubh a' tighinn a-steach air an doras agus a' tionndadh na bhoireannach. Bha fhios gur e bana-bhuidseach a bha seo, is leig e an cù an sàs innte. Bhàsaich Bran, ach chùm Fearchar air a Dhùn Èideann. Choinnich e ri chompanaich, ach chaidh cantainn riutha gu robh aca ri dhol a Lunainn a dh'ionnsaidh an Rìgh. An sin, thugadh dhaibh roghainn; a dhol air falbh gu dùthaich chèin, air neo na cinn a thoirt dhiubh. 'S e am bàs a thagh iad. 'S e seo brìgh nam facal a chualas sa bhothaig.

Notaichean a' Chlàir

See:
'The Highlands' (C. MacLean) p. 80.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Fearchar Òg

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Àrasaig is Mùideart

Baile/Àite - Àrasaig

Cànan

Gàidhlig

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Dòmhnall Dòmhnallach: Bliadhnachan an dèidh Chùil Lodair, bha a' tàmh anns na ceàrnachan a bha seo ceathrar cheatharnaich. Agus a rèir coltais bha eagal mòr air riaghladh Shasainn gun cuireadh iad aon uair eile a' Ghàidhealtachd troimh-a-chèile. Agus mar a chuala mise an naidheachd 's ann mar seo, gun d' fhuair a' cheathrar dhiubh brath airson a dhol air beulaibh an luchd-riaghlaidh gu ruige Dùn Èideann. Agus am brath a fhuair iad e, ghabh iad e mar gum b' e urram a bha iad a' dol a chur orra dar a ruigeadh iad Dùn Èideann. Agus an àm falbh - an latha a bh' air a chur a-mach airson falbh - cha robh deiseil dhiubh airson falbh ach triùir. Bha am fear eile bochd. Bha e tinn. Agus bha e gu math duilich nach b' urrainn dha a chompanaich a leanailt air a' chiad latha... air an latha a dh'fhalbh iad.

Co-dhiù, thog triùir dhiubh orra agus dh'fhuirich an ceathramh fear air deireadh gus an rachadh e beagan na b' fheàrr. Ach latha no dhà an dèidh dhan triùir falbh, thuirt am fear a bh' aig... a dh'fhuirich às an dèidh, dham b' ainm Fearchar Òg, thuirt e ri a chuideachd gun robh e a' smaoineachdainn gun togadh e air a-nise; gun robh e a' faireachdainn na b' fheàrr. Thuirt iad ris san taigh gun robh e na b' fheàrr gun teagamh, ach nach robh e idir ceart airson falbh air leithid a shlighe leis fhèin.

Co-dhiù, chan èisteadh Fearchar Òg, ach a-mach a ghabh e, agus thug e leis mar chompanach an cù a bh' aige aig an taigh. Agus 's e Bran an t-ainm a bh' air a' chù. Agus a-mach a thug e agus rinn e anns a' chiad àite air a' Ghearasdan. Nuair a ràinig e an Gearasdan, ghabh e frith-rathad a-mach cùlaibh... Gearasdan... an Gearasdan, mar a thuirt mi, ris an can iad an Stìl. Tha am frith-rathad sa aig bonn Bheinn Neibhis agus tha e a' tighinn a-mach an àiteigineach aig [???] Mòr.

Thàinig an oidhche air, agus thug e an aire goirid bhuaithe do bhothag. Bha na bothagan sa gu math lìonmhor anns an monaidhean aig an àm bhon a bhiodh daoine a' cur seachad oidhche a bhitheadh ri cìobaireachd agus ri buachailleachd. Agus a-staigh a ghabh e. Dhùin e an doras, an seòrsa dorais a bh' ann, às a dhèidh, agus shuidh e sìos agus an cù aige. Thàinig plathadh de chadal air, agus nuair a bha e san staid seo, tha... bhruadail e car tacan, agus ann an deireadh a' bhruadail thàinig guth na chluais, agus 's e an rud a chaidh a ghràdhainn ris:

"Bidh dùil ri fear feachd ach cha bhi dùil ri fear lice."

Chuir seo uabhas air agus ghabh e car dhen eagal. Co-dhiù, chuir e air seòrsa de theine agus thòisich e ri greimean de bhiadh a dhèanamh dha fhèin, agus thug e an aire do chat dubh air tighinn a-staigh fon doras. Cha robh an doras uamhraidh druidte ris an ursainn no gu h-ìseal, ach ghabh e iongantas leithid a chat gu... meudachd a' chait, gum faigheadh e a-staigh. Ach ma thàinig an cat a-staigh rinn an cù airson a bhith air, a bhith aige. Bha an cat a' fàs mòr agus thuig e an uair sin gu math nach b' e rud nàdarra a bha sa chat. Ach bha obair aige an cù a chumail bhuaithe. Thionndaidh e an sin ris an teine far an robh bìdeagan de shitheann aige gam bruich a bha e am beachd a ghabhail... greimean dheth ghabhail sa mhadainn mum falbhadh e. Agus ann an tionndadh na boise 's ann a bha an cat na bhoireannach. Ach ma bha an cù dìorrasach airson a bhith aig a' chat, bha e na bu mhiosa uile airson a bhith aig a' bhoireannach, agus thuirt i ris:

"Caisg do chù."

Bha e ceart gu leòr a' cumail air ais a' choin ach bha obair aige. Ach bha ise a' teannadh air, agus bha i a' tighinn na bu tinne 's na bu tinne air an t-àite anns an robh a' bhìdeag shitheann aige ga bhruich ris an teine. Nuair a chunnaic e seo bheannaich e e fhèin, agus thuirt ise ris:

"Tha mi a' faicinn," ars ise, "gur Pàpanach thu."

"Chan e do ghnothach-sa," ars esan, "gu dè th' annam, ach fuirich thusa air ais air neo leigidh mi às an cù."

Cha dèanadh e feum sam bith. Cha robh i a' fuireach air ais agus bha obair aig Fearchar an cù a chumail bhuaipe. Bho dheireadh thuirt e ris a' chù e ri dhol na caraibh agus e ga toirt na bìdeagan. Agus air a' chiad leum bha an cù na broilleach agus bha ise a-mach a' toirt leatha an doras 's na h-ursainnean agus an cù an sàs innte. An ceann tacain chaidh Fearchar [???] an dorais agus bha e a' cluinnteil donnalaich a' choin a' tighinn air anns an dorchadas, agus bha e a' tuigsinn gu math gun robh e ann an gàbhadh. Ri tìm bha an donnalaich a' fàs na b' ìsle, agus smaoinich e an uair sin gun robh an cù a' faighinn a' chuid bu mhiosa dheth air neo a' teannadh na b' fhaide bhuaithe. Agus bho dheireadh thall cha robh e a' cluinnteil a' choin idir, agus thill e a-staigh gu brònach dhan bhothan air ais.

An ceann tacain cò thàinig ach Bran, agus cha chuireadh e ach ceum an àite ceum leis an laige, agus cha robh ann de lùths ach gun do dh'imlich e cùl an dùirn aig Fearchar, agus shìn e e fhèin agus bha e marbh. Fhuair e a dhalladh ris an tè a chaidh e na caraibh.

Anns a' mhadainn thog Fearchar air. Ach a dh'aindeoin agus an t-uabhas a ghabh e dhen bhana-bhuidseach a thighinn a-staigh dhan bhothan, 's e an guth a chaidh na chluais dar a bha e ri fothag chadail, 's e sin an rud bu mhotha a bha a' cur... cur air. "Bidh dùil ri fear feachd ach cha bhi dùil ri fear lice."

Air adhart a ghabh e agus ràinig e Dùn Èideann, agus còmh' ri a chompanaich chaidh iad air beulaibh an luchd-riaghlaidh. Thuirt iad an sin riutha gun robh aca ri dhol air adhart gu ruige Lunnainn, gun robh an rìgh e fhèin airson bruidhinn riutha. Agus cha b' e ruith ach leum. Bha iadsan air a' bheachd gur e urram a bhathas a' dol a chur orra dar a ruigeadh iad an ceann-uidhe.

Agus a-mach a ghabh iad. Chan urrainn mi ghràdhainn dè an dòigh anns an d' fhuair iad ann - cha robh carabadan air rathad mòr san àm ann cho lìonmhor 's a tha an-diugh ann - ach co-dhiù ràinig iad an ceann-uidhe. Agus dar a chaidh iad air beulaibh an rìgh, 's e an rud a thuirt e riutha gun robh an luchd-riaghlaidh aige air a' bheachd nach robh e sàbhailte a leithid de dhaoine fhàgail anns a' Ghàidhealtachd; gum faodadh iad aimhreit a dhèanadh fhathast, agus an t-àite a chur troimh-a-chèile, agus gur e am beachd a bh' aca gum faigheadh iad a roghainn: an cur fairis - mar a theireadh iad san àm, an transportadh - air neo an ceann a chur dhiubh. Gun robh roghainn aca. Fhuair iad an roghainn, agus ghabh iad i. Agus b' e sin an ceann a chur dhiubh. Agus 's ann an sin, mun do bhàsaich Fearchar, 's ann a dhrùidh e air na faclan a thàinig na chluais: "Bidh dùil ri fear feachd ach cha bhi dùil ri fear lice." Ach 's ann fon leac a chaidh e.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math