Rannsaich

Mar a thàinig fiosrachadh mun Phrionnsa Teàrlach Èideard Sti...

Ceann-latha 02 June 1954
Àireamh a’ chlàir 28707
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1954.52.A4

Àireamh an Teip Thùsail

SA1954.052

Geàrr-chunntas

Mar a thàinig fiosrachadh mun Phrionnsa Teàrlach Èideard Stiùbhart a-nuas tro na ginealaichean.

Rugadh Aonghas Caimbeul à Cùl na Ceapaich ann an 1849. Nuair a bha e na bhalach, mu còig bliadhna deug, thachair e ri bodach uair, aig ceann Loch nan Uamh. Sheall am bodach (a bha mu 90 bliadhna aig am àm) dha an t-àite far an deach am Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart dhan bhàta a thug air falbh e an dèidh Chùil Lodair. 'S e fear de mhuinntir Ghleann Athaladail a bha còmhla ris a' Phrionnsa a sheall seo dhan bhodach. Bha Aonghas Caimbeul e fhèin na bhodach nuair a dh'innis e seo don fhiosraiche.

Notaichean a' Chlàir

See:
'The Highlands' (C. MacLean) p. 78.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Bonnie Prince Charlie

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Àrasaig is Mùideart

Baile/Àite - Àrasaig

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Àrasaig is Mùideart

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Calum MacIllEathain (CM): Bha sibh a' dol a dh'innse dhomh a-niste mu dheidhinn an seann duine a bha ag innse dhuibh mar... mar a... mun àite on d' fhalbh am Prionnsa. Agus ciamar a bha an toiseach a bha seo a' dol?

Dòmhnall Dòmhnallach (DD): 'S e seann duine a bha a' fuireach ann an Cùl na Ceapaich dham b' ainm Aonghas Caimbeul, a rugadh ann an eighteen forty-nine. Agus bha e ag innse dhomh, dar a bha e na bhalach òg, mu chuairt agus còig-deug no sia-deug a bhliadhnachan, agus e a' cuideachadh athar, a bha na fhear-togail bhàtaichean - agus 's e sin a bh' ann fhèin an dèidh sin - gun robh e a' falbh air cuairt latha gu ruige Loch Èilt. 'S e sin lochan beag air taobh eile... taobh eile Ailleart. Agus thachair seann duine air. Bha e an uair sin, bha e a' gràdhainn, mu cheithir fichead 's a deich. Agus thachair e air aig ceann Loch nan Uamh, agus an-diugh tha taigh air a thogail ann an sin goirid bhon àite, agus post a' fuireach ann, air neo bu chòir dhomh a ghràdhainn fear a bha na phosta gu bho chionn ùine glè ghoirid.

Agus dh'fhaighneachd e dhen bhalach, dh'fhaighneachd e dheth cò às a thàinig e, 's dh'innis e. Agus:

"Bhon a tha thu 'ad dhuine òg," ars esan, "tha mi a' dol a dh'innse dhut ann an seo gum beil sinn nar seasamh mu choinneamh an àite anns an deach am Prionnsa a-staigh dhan bhàta bheag a thug a-mach gu ruige an tè mhòr e dar a thug e a chùl ris an àite sa an dèidh Chùil Lodair. Bha mise," ars an seann duine, "shìos aig an spot sin."

Rubhachan beag a bha... a bha dìreach mun coinneamh. Agus thuirt e gun do sheall fear de Ghleann... de luchd Gleann Athaladail dha - a bha leis a' Phrionnsa, agus a dh'fhàg am Prionnsa beannachd aige air a' chreig - sheall e dha ann an sin an spot às an do leum e a-staigh dhan gheilidh. Agus dh'innis Aonghas Caimbeul a bha sin dhòmhsa - na sheann duine; bha e an uair sin mu chuairt air ceithir fichead agus a deich, duine seanchasail, pongail - agus dh'innis e dhòmhsa an naidheachd.

CM: Seadh, mar a chaidh...

DD: Mar a dh'fhàg... an spot às an do dh'fhàg am Prionnsa an dùthaich sa.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math