Mac na Banntraich, an caman, is na fuamhairean.
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1954.52.B2
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Mac na Banntraich, an caman, is na fuamhairean.
Chaidh Iain, Mac na Banntraich, a dh'iarraidh an fhortain. Thàinig e gu baile far an d' fhuair e obair aig gobha. Aig deireadh na bliadhna 's e clach-luaidh a dh'iarr e mar thuarastal. Rinn e caman oirre, is chuir e seo timcheall a chinn trì uairean. Bha e ag obair dhan ghobha fad trì bliadhna, is dh'fhàs an caman aige na bu mhotha leis an tuilleadh luaidhe a bha e a' cur ris. An dèidh trì bliadhna, thug an Rìgh obair dha mar bhuachaille. Bha trì fuamhairean agus am màthair a' fuireach ann an uamh, agus bhiodh iad daonnan a' falbh leis a' chrodh. Air a' chiad latha, thachair Iain ris an fhuamhair a bu lugha, agus mharbh e e leis a' chaman an dèidh deoch fìon a thabhan air. Mharbh e na fuamhairean eile air an aon dòigh. Bun a bha seo, phòs e nighean an Rìgh, is fhuair e na bha de dh'òr an uamh nam fuamhairean.
Chuala am fiosraiche seo aig Iain MacLeòid, bràthair a sheanmhar.
Àite Clàraidh
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Paraiste - Àrasaig is Mùideart
Baile/Àite - Àrasaig
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Seòrsachadh
Tar-sgrìobhadh
"Chan fhalbh," thuirt a mhàthair. "Fuirichidh tu còmhla rium fhìn."
"Feumaidh mi falbh," ars esan. "Chan eil e math sam bith an seo."
Chuir e air 's dh'fhalbh e sa mhadainn Diluain - tha mi a' smaoineachadh gur ann air madainn Diluain a dh'fhalbh e - 's bha e a' falbh, 's a' falbh, 's a' falbh, 's bha e a' cumail air 's ah, thàinig e an sin gu baile mòr brèagha ann an sin, 's bha balla mòr timcheall air a' bhaile 's chan fhaigheadh e a-staigh.
Bha gobhainn ag obair ann an ceàrdach goirid bhon bhaile. Rinn e dìreach air a' cheàrdaich 's chaidh e sìos. Chaidh e a-staigh don cheàrdaich 's bha e a' bruidhinn ris a' ghobhainn. Dh'fhaighneachd e am faigheadh e... dhen ghobhainn am faigheadh e obair aige.
"Ò ghiall," thuirt an gobhainn, "tha mi glè thoilichte," ars esan, "gun tàna tu," ars esan. "Tha dìreach... tha gille ùird a dhìth orm," ars esan, "airson bualadh an ùird," ars esan, "agus tha mi glè thoilichte gun tàna tu."
"Gasta," thuirt Iain. "Bidh sin ceart gu leòr."
"Dè an tuarastal a tha thu ag iarraidh?" thuirt an gobhainn.
"Ah chan eil," ars esan, "ach clach-luaidh an ceann na... bheir mi bliadhna agad ag obair," ars esan, "agus bheir thu dhomh clach-luaidh."
"Hud," ars an gobhainn, "gheibh thu còrr na tha sin."
"Chan fhaigh. Siud na tha a dhìth orm," thuirt e.
"Gasta."
Thòisich e an làrna-mhàireach sa cheàrdaich agus 's e gille ùird a b' fheàrr a bh' aig a' ghobhainn riamh. A h-uile buille a bheireadh Iain air an innean bha e cho math ri ceud buille a bheireadh na gillean a bh' aige roimhe sin. Bha iad a' faighinn air adhart uabhasach math, 's bha e fhèin 's bean a' ghobhainn, bha iad uabhasach còrdte, 's bha cloinn... a' chloinn cho math sin dha 's bha iad a' faighinn air adhart uabhasach math.
An ceann na bliadhna thuirt Iain ris a' ghobhainn:
"Tha mise a' falbh a-màireach," ars esan, "'s bheir thu dhomh mo thuarastal."
"Ò chan fhalbh thu idir," thuirt Iain... thuirt an gobhainn, thuirt e. "Chan eil sinn sgìth dhìot fhathast."
"Ò tha mi a' falbh co-dhiù," thuirt esan.
Thug an gobhainn dha clach-luaidh 's chaidh Iain a-mach. Chaidh Iain dhan a' cheàrdaich agus leagh e a' chlach-luaidh, agus dar a bha i leaghte chaidh e a-mach cùl na ceàrdaich 's rinn e caman oirre - caman air an luaidh. 'S dar a dh'fhuaraich an luaidh chuir e an caman trì uairean mu chuairt air a cheann mar siud.
"Ò cha dèan e math sam bith," thuirt e.
Thilg e an siud e. Chaidh e a-staigh far an robh an gobhainn.
"Ò," ars esan, "tha mi a' dol a ghabhail agad airson bliadhna eile fhathast," thuirt e.
"Ò tha sin uabhasach math," thuirt an gobhainn. "Dè an tuarastal a bhios a dhìth ort an triop seo?"
"Clach-luaidh," thuirt e.
"Hod, cha dèan e math sam bith," thuirt an gobhainn ris. "Is d' fhiach thu an còrr na sin."
"Hod, siud na tha a dhìth ormsa," ars esan. "Clach-luaidh."
"Gasta," thuirt an gobha. "Gheibh thu sin."
Dh'obraich Iain fad na bliadhna aig a' ghobhainn, ag obair anns a' cheàrdaich, agus 's e fear ùird a b' fheàrr a bh' aig a' ghobhainn riamh. A h-uile buille a bheireadh e air an innean bha e dìreach a cheart cho math ri ceud buille a bheireadh na gillean a bh' aige roimhe sin. Agus bha bean a' ghobhainn agus a' chloinn 's iad uile-gu-lèir timcheall air Iain. 'S ann a bha meas uabhasach aca air. Ach co-dhiù, an ceann bliadhna thuirt Iain:
"Bliadhna a-màireach... bliadhna an-diugh," ars esan, "bhon a thàna mise an seo," ars esan, "'s tha mo thuarastal a dhìth orm 's tha mi a' falbh a-màireach."
"Ò chan fhalbh thu idir," thuirt an gobhainn.
"Falbhaidh," thuirt esan, "agus thoir dhomh mo thuarastal."
"Alright," thuirt an gobhainn. "Gheibh thu sin."
Fhuair Iain a' chlach-luaidh 's chaidh e a-mach... chaidh e a-staigh dhan cheàrdaich agus chaidh a' chlach-luaidh a leaghadh agus an caman a bha cùl na ceàrdaich a chur còmhla ris, agus rinn e caman mòr air. Chuir e trì uairean mu chuairt air a cheann e agus:
"Huh," thuirt e, "cha dèan e math sam bith," thuirt e.
Chaidh e a-staigh don cheàrdaich.
"Ò uill," thuirt esan ris a' ghobhainn. "Tha mi a' dol a ghabhail agad airson bliadhna eile fhathast," thuirt e.
"Glè mhath," thuirt an gobhainn. "Tha mi fiadhaich toilichte airson sin."
"Dh'fhalbh e... dh'obraich e fad na bliadhna aig a' ghobhainn agus co-dhiù dar a bha... thàinig an seo ceann na bliadhna, thuirt e ris a' ghobhainn:
"Tha mise a' falbh a-màireach," thuirt e.
"A ghiall," thuirt an gobhainn. "Nach bochd e. Chan eil sinn sgìth dhìot fhathast," thuirt e.
"Thoir dhomh mo thuarastal," thuirt e. "Thoir dhomh mi thuarastal bliadhna 's tha mi a' falbh."
'S chaidh e a-mach. Thug e leis a' chlach-luaidh 's chuir e ann am poit mhòr dhan teine i 's rinn e... leagh e air an teine aig a' cheàrdaich i 's chuir e an seann chaman còmhla ris, agus dar a bha e sin fuar chuir e trì uairean mu chuairt air a cheann mar siud e.
"Ah uill, nì e an gnothach a-nis," thuirt e.
Dh'fhàg e beannachd aig a' ghobhainn 's dh'fhàg e beannachd aig a bhean 's dh'fhàg e beannachd aig a' chlann, 's bha iad a' caoineadh 's a' gal dar a dh'fhalbh Iain. Bha e a' cumail air an sin 's an caman aige air a ghualainn agus ràinig e am baile mòr... ràinig e geataichean a' bhaile. Dh'fhaighneachd e am faigheadh e a-staigh an siud, 's ah, thuirt iad gum faigheadh. Agus chùm e air 's chaidh e a-staigh dhan a' bhaile 's thachair an rìgh... Bha rìgh sa bhaile sin 's thachair e air, 's thuirt Iain gun robh e ag iarraidh obair.
"Chan eil obair agamsa," thuirt an rìgh, "a bheir mi dhut," ars esan, "ach ma ghabhas tu nad bhuachaille agam," ars esan, "airson coimhead an dèidh a' chruidh," thuirt e, "gheibh thu... bheir mi dhut e. Bheir mi dhut obair.
"Och uill," thuirt Iain, "tha sin ceart gu leòr. Gabhaidh mise an obair sin ma-tà," ars esan.
Agus bha 'hò hò' aige, fhios agad, 's e a' gabhail air gur e leth-bhurraidh a bh' ann - 'hò hò' aige. Co-dhiù, chaidh e a-staigh... fhuair e dèanamh dheth aig an rìgh 's a h-uile rud a bh' ann, agus sa mhadainn an làrna-mhàireach bha aige ri falbh leis a' chrodh a-staigh do phàirce mhòr a bha sin agus an cur a-staigh ann, 's bha aige ri fuireach an sin fad an latha. Bha aige ris a' chrodh a thoirt dachaigh feasgar a-rithist. Agus dar a bha e a' falbh, thug an rìgh dha biadh. Chan eil fhios agamsa dè uimhir de bhiadh 's a thug e dha, ach thug e dha de bhiadh na dhèanadh an gnothach dha fad an latha co-dhiù agus botal fìon. Agus bha Iain toilichte gu leòr, agus chùm e air 's dh'fhalbh e leis a' chrodh.
"Uill," thuirt an rìgh ris, "tha thu a' falbh leis a' chrodh?"
"Tha."
"Uill, 's... tha thu a' falbh leis a' chrodh?"
"Tha."
Uill dh'fhalbh Iain leis a' chrodh co-dhiù, 's chùm e air 's chaidh e a-staigh don a' phàirc, 's thugar a-staigh an crodh 's bha... Ò bha e fad an latha timcheall a' chruidh, 's bha e an seo a' falbh dhachaigh feasgar. Thàinig foimhear mòr a-nuas an sin, agus bha e a' dol air fheadh a... bha e a' dol air fheadh a' chruidh mar siud, agus rug e air an damh bu mhotha a bh' anns a' phàirc agus rug e air mar siud agus chath e air a ghualainn e, 's dh'fhalbh e leis.
"A mhèirlich, a mhèirlich," thuirt e... Iain ris, "a' goid cuid mo mhanaidsear a tha thu."
"A dhuine shuaraich," thuirt... "gun diù," thuirt an robair, ars esan. "Òlaidh mi air an uisge fhuar thu," ars esan, "mura dùin thu do bheul."
'S thilg e dheth an damh a bh' air a ghualainn agus... aig Iain a bhitheadh: "[???]," ars Iain, ars esan, "dèan air do shocair," ars esan. "Mas duine-uasal thu," ars esan, "òlaidh tu drama bhuam anns an toiseach," ars esan, "mun tòisich thu air an obair sin."
Agus thug e-mach am botal fìon agus thug e siud don fhoimhear e. Rug an fhoimhear air... rug am foimhear air a' bhotal agus chuir e sìos na amhaich mar siud e agus bha e ga òl, agus rug Iain air a' chaman agus chàirich e air a' bhotal mar siud e 's chuir e am botal sìos na phìosan ann an amhaich an fhoimheir agus thuit am foimhear fuar marbh aig a chasan. Dh'èirich e air agus rinn e cabhsair dheth anns a' chachala mhòr a bha a' dol a-mach.
Feasgar sin dh'fhalbh Iain dhachaigh leis a' chrodh 's bha an rìgh 's a h-uile duine sa bhaile a' feitheamh ris:
"Ah nach tusa an duine sona a thàinig dhan rìoghachd agamsa. Thàna tu dhachaigh leis a' chrodh saor sàbhailte mar a dh'fhalbh thu leotha. Cha robh buachaille againne riamh a dh'fhalbh le crodh no le caoraich às a seo a thàinig dhachaigh beò mar a thàinig am fear sin."
Agus cha tuirt Iain guth. Madainn an làrna-mhàireach, bha Iain a' falbh leis a' chrodh a-rithist. Thàinig an rìgh far an robh e.
"Tha uamh mhòr shuas an siud," thuirt an rìgh, ars esan, "agus bha trì foimhearan a' fuireach innte," thuirt esan, "agus am màthair," thuirt e, "'s chan eil air fhaicinn an-diugh," ars esan, "ach a dhà. 'S e duine sona a th' annad," thuirt e ri Iain, "thighinn dhan rìoghachd agamsa.
"Glè cheart," ars Iain. 'Ho ho!' aige, cha robh a' gabhail air dad.
Dh'fhalbh e co-dhiù leis a' chrodh. Thug an rìgh dha biadh 's a h-uile rud a bha a dhìth air agus botal fìon. Co-dhiù, ràinig Iain leis a' chrodh 's bha iad a' dol mu chuairt anns a' phàirc 's bha a h-uile dad ceart. Feasgar seo, dar a bha e a' falbh dhachaigh chunnaic e foimhear uabhasach a' tighinn - fear bu mhotha uile na a' chiad fhear - a' tighinn 's chaidh e air fheadh a' chruidh chun an damh bu mhotha a bh' anns an treud. Rug e air, chath e air a ghualainn e agus dh'fhalbh e leis. Dh'fhalbh Iain às a dhèidh.
"A mhèirlich, a mhèirlich," thuirt esan, "tha thu a' goid cuid mo mhaighstir," ars esan. "Dè tha thu a' mìnigeadh?"
"A rud gun diù," thuirt am foimhear, 's thilg e dheth [???]. "Òlaidh mi air an uisge fhuar thu," thuirt e.
"Nuair a dh'òlas," arsa Iain, ars esan, "bidh fhios againne air an còrr mu dheidhinn," ars esan. "Mas duine-uasal thu," ars esan," òlaidh tu pàirt dheth siud an toiseach."
'S thug e a-mach am botal fìon agus thug e siud dhan fhoimhear. Chuir am foimhear am botal fìon na amhaich agus bha e ga òl, agus dar a bha e ga òl tharraing Iain an caman luaidh air mar siud 's chuir e sìos na sgòrnan e. Bha am foimhear marbh. Dh'èirich e air leis a' chaman an sin 's rinn e cabhsair dheth aig a... cabhsair dheth aig a' chachala. Dh'fhalbh Iain dachaigh leis a' chrodh 's cha robh duine sa bhaile nach robh a' feitheamh Iain a' dol dhachaigh. An crodh gu saor sàbhailte 's bha a h-uile dad ceart - bha a h-uile crodh gasta.
Làrna-mhàireach bha Iain a' falbh leis a' chrodh a-rithist. Thàinig an rìgh far an robh e.
"Is tu an duine sona tighinn dhan rìoghachd agamsa," thuirt e. "Bha trì foimhearan mòra," ars esan, "san uaimh shuas an siud," ars esan, "'s chan eil ri fhaicinn an-diugh," ars esan, "ach aon fhear agus am màthair," thuirt e. "Am màthair còmh' riutha," thuirt e. "Cha deachaidh beathach air chall orm," ars esan bhon a thàna tu dhan rìoghachd."
Cha tuirt Iain guth. Fhuair Iain a chuid biadh 's a chuid... na bha a dhìth air agus botal fìon, 's chuir e siud na achlais 's dh'fhalbh e.
Am feasgar ud dar a bha e a' falbh dhachaigh leis a' chrodh thàinig foimhear air. Ò fear uabhasach. Bha am fear seo na bu mhotha na càch uile. 'S e seo an treasa fear bu mhotha uile-gu-lèir. Rug e air an damh bu mhotha a bh' aig Iain anns an treud agus thilg e siud air a ghualainn 's dh'fhalbh e leis. Dh'fhalbh Iain às a dhèidh.
"A mhèirlich, a mhèirlich," ars esan. "Tha thu a' goid cuid mo mhanaidsear air," thuirt esan. "Fàg iad," thuirt esan.
"A rud shuaraich," thuirt am foimhear a' tilleadh dha. "Òlaidh mi air an uisge fhuar thu," thuirt e.
Agus aig Iain a bhitheadh: "Och uill mas duine-uasal thu," ars Iain, ars esan, "òlaidh tu drama an toiseach," ars esan, "mun tèid sinn an grèim."
Agus rug am foimhear air a' bhotal fhìon agus chuir e sìos na amhaich mar siud e 's bha e ga òl, agus dar a bha e ga òl chàirich Iain an caman luaidh air agus chuir e sìos na amhaich e. Dìreach rinn e ceud mìle pìos dheth dìreach ann am broilleach an fhoimheir, agus thuit am foimhear agus dh'èirich air leis a' chaman agus rinn e cabhsair dheth ann an siud.
Dh'fhalbh Iain dhachaigh leis a' chrodh. Dh'fhalbh Iain dhachaigh leis a' chrodh, 's ò, 's ann a bha an rìgh 's nighean an rìgh - 's nighean uabhasach brèagha aig an rìgh - h-uile gin dhiubh bha iad a' feitheamh ri Iain, 's chaidh e dhachaigh 's bha an crodh aige mar a dh'fhalbh e leotha 's cha do ghabh e air seud.
"Is tu an duine sona tighinn dhan rìoghachd agamsa," thuirt e. "Cha robh buachaille riamh agam a dh'fhalbh le crodh no le caoraich no seud a thàinig dhachaigh beò. Mun tigeadh e a-staigh cha bhiodh beathach aca nach biodh e air ithe 's air a mharbhadh."
Agus co-dhiù bha sin ceart gu leòr. Sa mhadainn an làrna-mhàireach bha Iain a' falbh leis a' chrodh. Bha e ag iarraidh a' chrodh.
"Uill," thuirt e, "chan eil duine ri fhaicinn san uaimh shuas an-diugh," ars esan, "ach màthair nam foimhearan. Chan eil fhios cà 'n deachaidh na trì foimhearan," ars esan. "Chan eil gin dhiubh ri fhaicinn," thuirt e. "Chan eil ri faicinn ach am màthair," thuirt e.
Tha e coltach leam gun robh am màthair uabhasach. Bha fiacaill an doras a beul agus bha i a' dèanamh bata dheth, an fhiacaill a bha an doras a beòil. 'S bha slatan-draodhach aice 's bha i ga chur mu chuairt dhith fhèin mar siud agus cha robh duine thàinig riamh a gheibheadh timcheall oirre.
Dh'fhalbh Iain leis a' chrodh agus ràinig e... ràinig e a' phàirc 's bha an crodh aige a' dol timcheall ann an sin, 's bha e cho math dhiubh 's bha iad... bha iad... bha iad ceart gu leòr 's bha a h-uile dad ceart. 'S bha e a' falbh an sin feasgar 's chunnaic e a' chailleach a' tighinn. Chunnaic e màthair nam foimhearan a' tighinn agus an fhiacaill na beul mar siud bha... bha i a' dèanamh bata dhith 's bha slatan-draodhach air bhiod, agus thòisich i fhèin:
"Mharbh thu mo thriùir mhac," ars ise, "agus tha mise dìreach a' dol a thoirt an èirig a-mach... a' chreach a-mach an-diugh," thuirt a' chailleach.
Agus dìreach bha i a' dol a mharbhadh Iain an sin 's thòisich iad air a chèile, fhios agad... a chèile 's bha an slatan-draodhach aig a' chaillich 's chan fhaigheadh Iain thuice... chan fhaigheadh Iain mar astar dhi. Bho dheireadh fhuair e trup air choreigin. Thàinig e 's chàirich e an caman oirre anns na fiaclan agus thuit a' chailleach, agus dh'èirich e oirre leis a' bhata agus mharbh e a' chailleach an sin. Agus bha na triùir fhoimhearan agus a' chailleach... am màthair marbh ann, 's rinn e cabhsair dhiubh ann an... anns a' chachala aig a' phàirc, agus chaidh e dhachaigh agus bha an rìgh 's a h-uile duine beò riamh anns an rìoghachd ann an sin bha iad a' feitheamh ri Iain 's chaidh e dhachaigh. Thog iad Iain air an guailnean agus dh'fhalbh iad leis dhachaigh. Thuirt an rìgh ris gum faigheadh e an nighean aige ri phòsadh.
Chaidh iad dhan uaimh 's fhuair iad de dh'òr 's de dh'airgead anns an uaimh a bha sin, agus dìreach tha mise a' creidsinn nach do theirig an t-airgead gus an latha an-diugh.
Calum MacIllEathain (CM): Aidh, aidh. Aidh, aidh. Agus a-niste, bha sibh ag ràdh gun cuala sibh an sgeulachd sin aig bhur seanair, an ann?
WM: Bràthair mo sheanmhar.
CM: Bràthair bhur seanmhar, Iain MacLeòid. 'S ann aige a chuala sibh an sgeulachd a bha sin. Iain MacLeòid, bràthair bhur seanmhar.
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math