Rannsaich

Prògram Choinnich

Ceann-latha
Àireamh a’ chlàir 28833
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 03.11.2000

Geàrr-chunntas

Fiosrachadh mu dhràma rèidio stèidhichte air tachartasan bhon Dàrna Cogadh.

Tha Bill Innes agus Aonghas Pàdraig Caimbeul a' bruidhinn mu dheidhinn 'a' Ruith Caol', dràma rèidio ag innse mar a choisich triùir phrìosanach-cogaidh a bhuineadh do Bhaile a' Chaolais - Uilleam Kemp, Sandaidh Dòmhnallach agus Seumas MacUilleim - 1,000 mìle tron Roinn Eòrpa gu saorsa agus mar a bha an cuid Gàidhlig na chuideachadh dhaibh. Tha Aonghas Pàdraig, a rinn an dràma, ag innse carson a chaidh a sgrìobhadh. Tha fiosrachadh ann mu na caractaran agus cuideachd mu dè thachair do dh'Uilleam Kemp às dèidh a' chogaidh. Tha an dràma stèidhichte air rudan a thachair. Tha Bill Innes a' dèanamh lèirmheas air an dràma agus tha còmhradh ann mu dheidhinn nan rèisimeidean Gàidhealach agus na dh'fhuiling iad tron dà chogadh.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Kemp, William; MacDonald, Sandy; Wilson, Ginger

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Eilean - Leòdhas

Paraiste - Steòrnabhagh

Baile/Àite - Steòrnabhagh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Coinneach MacÌomhair (CM): A' Ruith Caol - dràma rèidio a chluinneas sibh an t-seachdain sa tighinn air Rèidio nan Gàidheal. An t-seachdain sa tighinn, bidh mòran a' comharrachadh an luach a tha iad a' cur air an ìobairt a rinn daoine fad dà chogadh mhòr na linn a chaidh seachad. Bidh cuimhne ga chumail air na rinn daoine fhad 's a tha ginealaichean ùra ag iarraidh a bhith a' cuimhneachadh. 'S iomadh sgeul treubhantais a chaidh innse thairis nam bliadhna, aig muir agus tìr. Tha tè dhiubh gu bhith air a comharrachadh air Rèidio nan Gàidheal an t-seachdain sa tighinn. A' Ruith Caol - sin ainm an dràma, Stèidhichte air mar a choisich triùir phrìosanaich cogaidh à Baile a' Chaolais mìle mìle tron Roinn Eòrpa gus an robh iad mu dheireadh saor. Bidh iad na triùir, Uilleam Kemp, Sandaidh Dòmhnallach agus Seumas MacUilleim. Sgeulachd iongantach, far an robh àite gu math cudromach aig a' chànan a bh' aca, nach robh duine ris an robh iad a' coinneachadh a' tuigse. B' i sin, Gàidhlig na h-Albainn. Tha an dràma gu bhith ann an ceithir earrannan, agus an uair sin Dihaoine bidh an uair a thìde air fad ri chluinntinn. Aonghas Phàdraig Caimbeul a sgrìobh a' Ruith Caol. Tha Bill Innes air ro-èisteachd a dhèanamh. Tha an dithis aca còmhla rium an-dràsta. Aonghais Phàdraig, cò às a thàinig a' bheachd an dràma seo a dhèanamh an toiseach?

Aonghas Pàdraig Caimbeul (AC): Uill, 's e... mar a thuirt thu, 's e sgeulachd a tha seo a tha ainmeil ann an dualchas 's ann an eachdraidh nan Gàidheal agus eachdraidh na h-Alba, agus tha i air a bhith mu chuairt, cha mhòr gun creid mi fhìn gu bheil trì fichead bliadhna ann, nach eil, bhon a thachair e, bhon àm an Dàrna Cogaidh. Agus ann an dòigh, tha e annasach gu bheil e air toirt cho fada sgeulachd cho mòr seo a chur ann an riochd dràma. Ach fhuair mise dìreach coimisean bhuaibh fhèin, bhon a' BhBC, Bill MacLeòid an riochdaire ann an Glaschu, an-uiridh dìreach airson dràma fad uair a thìde a dhèanamh dhen an sgeulachd a bha seo, a thachair anns an Fhraing, ann an nineteen forty, agus mar a choisich iad tron Fhraing, mar a thuirt thu, sìos dhan Spàinn gu saorsa. 'S e triùir à Baile a' Chaolais - sin Ginger Wilson, Sandaidh MacDhòmhnaill agus Willie Kemp. Ged a tha mi a' smaointinn gur e... gun do... chan ann... chan e iadsan an aon fheadhainn a thachair seo dhaibh. Tha mi a' smaointinn gun do theich agus gun do... gun robh seòrsa dhen aon sgeulachd à feadhainn eile à Uibhist, tha mi a' smaointinn, cuideachd.

Ach co-dhiù, 's e an coimisean a bh' agamsa, chan e dìreach an eachdraidh a sgrìobhadh, mòr agus cumhachdach 's gu bheil sin, ach cuideachd dràma tharraingeach a dhèanamh dheth dha luchd-èisteachd an latha an-diugh, a leanadh an sgeulachd, a bhiodh airson Rèidio nan Gàidheal a chur air, chan ann dìreach aon latha, ach an sgeulachd a leantainn, episode gu episode, ach gu sònraichte, fhios agad, na caractaran a thoirt beò, agus an còmhstri 's an cogadh 's an t-sabaid 's a' chàirdeas, a h-uile càil a bhiodh eadar triùir dhaoine a bha cho eadar-dhealaichte, ann an àm a bha cho duilich, a thoirt cho beò 's a b' urrainn dhomh, oir 's e trì daoine caran eadar-dhealaichte a bh' annta, fhios agad. Bha Sandaidh MacDhòmhnaill air ceann, mar gum b' eadh, an sgioba gu h-oifigeil - 's e corporal a bh' ann - ach bha am fear seo Uilleam Kemp, 's e bu làidire, tha mi cinnteach, na eanchainn agus na bhodhaig, agus mura b' e Uilleam Kemp, tha mi cinnteach nach biodh iad air faighinn sàbhailte tron an Fhraing. Agus mar eadar-mheadhanair, tha mi cinnteach, bha am fear seo Ginger Wilson, a bha òg - fhios agad, bha an triùir aca òg - ach bhiodh Wilson a' smaoineachadh, 'Nist, cò a leanas mi? An lean mi an duine treun, làidir a tha seo na bhodhaig 's na eanchainn, Kemp, no am bu chòir dhomh a bhith na bu shìobhalta agus na bu dìleasach?' 'S tha rudan eile air tighinn a-steach air, mu eachdraidh na h-Argylls agus am Fifty-first Highland Division 's mar sin air adhart.

CM: Uill, gu dearbha, tha mise air a bhith fortanach. Tha mise air a chluinntinn cuideachd, agus tha tòrr rudan a' tighinn a-steach ann, agus ann am beagan mhionaidean tha e duil-... caran duilich feuchainn ri obrachadh a-mach dìreach cò mu dheidhinn a tha còir agad a bhith a' bruidhinn mu dheidhinn. Ach aon sg-... aon rud a bhios, tha mi cinnteach, air inntinn dhaoine - a bheil an sgeulachd a tha san dràma, a bheil i air fad fìor?

APC: Chan eil dad anns an dràma, ma chuireas mi mar seo e, nach do thachair. Ach 's e ficsean a th' ann. Fhios agad, 's e... tha thu... bha agam ri an sgrìobhadh a stèidheachadh air rudan a thachair. Nis, bha sinn fortanach air sgàth 's e an neach-rannsachaidh air a' phrògram, 's e Lorne MacIntyre. Nist, Lorne MacIntyre, 's ann à Muile a tha e. 'S e athair Aonghas Mac an t-Saoir. Bidh daoine 's dòcha eòlach air a chuid bhàrdachd a bh' ann. Nise, thachair gun robh athair Lorne, 's e sin Aonghas Mac an t-Saoir, air an trèan eadar an t-Òban agus Glaschu an oidhche a bha am Blitz, a thachair am Blitz ann am forty-one, ann an Clydebank, agus cò thàinig air an trèan còmhla leis anns an Òban ach fear dhe na... dhe na curaidhean a bha seo, agus 's e sin Willie Kemp, agus tha mi a' smaointinn gur e leth-bhotal a bh' aige, agus beagan de smùid air, agus mus do ràinig Kemp agus Aonghas Mac an t-Saoir agus an trèan Clydebank agus Glaschu oidhche a' Bhlitz, fhios agad, bha Aonghas Mac an t-Saoir air an sgeulachd da-rìribh, gu fìrinneach, fhaighinn bho Kemp fhèin. An sgeulachd 's dòcha nach tàinig às an Herald 's às an Oban Times 's às na pàipearan-naidheachd aig an àm. Agus aig a sin, na tachartasan a tha a' tachairt air feadh an dealbh-chluich, thachair iad buileach glan, 's a thaobh an luchd-èisteachd, fhios agad, tha mi... tha mi a' cur an dealbh-chluich a' tòiseachadh air an trèan a tha sin, 's an uair sin ann am flashback a' dol air ais gu... dhan an Fhraing, agus a' crìochnachadh air ais san trèan. Ach a h-uile rud a tha a' tachairt anns an dealbh-chluich, thachair e da-rìribh. Fhios agad, thachair iad e ri Iùdhach air baidhsagal a bha ag iarraidh tighinn a dh'Alba a theicheadh. Thachair an tachartas eagallach a bha sin anns an eaglais anns a... anns an Fhraing. Agus mar sin air adhart.

CM: Uill, gu dearbha, sin an rud a bha mi a' dol a ràdh. Mana robh dearbhadh againn ron a seo, dearbhadh againn ann an seo, fiù 's ann an sgeulachdan mar seo fhèin. Bha rudan, chan e a-mhàin rudan a chanadh tu a bhiodh curaidhean a' dèanamh, ach bha rudan borba a' tachairt cuideachd, mar phàirt dhen an dleastanas a bha iad a' dèanamh a bhith a' feuchainn ri bhith saor, nach robh?

APC: Uill, tha mi a' smaointinn gum feum sinn cuimhneachadh gur e... 's e...

CM: 'S e cogadh a bh' ann.

APC: 'S e cogadh a bh' ann. 'S e cogadh a bh' ann, agus chan e a-mhàin cogadh a bh' ann, ach... tha mise ro òg airson a bhith anns a' chogadh, ach fhios agad, nuair a thachair seo 's a thill na balaich a bha seo dhachaigh a dh'Alba, 's e propaganda coup uabhasach mòr a bh' ann, agus rud mòr agus rud cumhachdail agus rud àraid gus gun do theich iad bho na Gearmailtich agus na rinn iad, agus tha sin, fhios agad, bha iad... bha iad nan curaidhean agus nan laoich mhòra. Agus tha mi cinnteach nach deach mòran ceasnachadh air... air na caractaran acasan air cùl a' ghnothaich, ach a leithid Kemp, fhios agad. Bha Uilleam Kemp a bha sin ann am Poilis Ghlaschu anns an tritheadan, agus a rèir an fhiosrachadh a th' agamsa, chaidh a chur a-mach às a' phoilis, fhios agad, airson [?brùidealachd] 's mar sin air adhart, agus mura b' e, mar a thuirt mi, gun robh e mar a bha e, 's dòcha nach biodh iad air faighinn idir, idir às an Fhraing. Agus chan e a-mhàin sin, ach mar a thuirt thu, 's e àm cogaidh a bh' ann. Cò aig a tha fios dè dhèanadh mi fhìn no thu fhèin no Bill, nuair a thig e a bhruidhinn an-ceartuair, nam biodh sinne anns an t-suidheachadh sin, ann am meadhan na Frainge, ann am meadhan cogadh, an aghaidh... an aghaidh regime a bha cho uabhasach aig an àm.

CM: Uill, gu dearbha, agus cò aige tha fhios, na daoine sìobhalta ris a bheil sinn air coinneachadh thairis nam bliadhna, nach do rinn iad fhèin, anns an seòrsa suidheachadh a bha sin, rudan a cheart cho uabhasach. Tha Bill còmhla rinn, agus tha e air a bhith ag èisteachd ris. An toiseach, anns an fharsaingeachd, Bill, mar dhràma rèidio, ciamar a tha seo ag obair?

Bill Innes (BI): Ò, feumaidh mi a ràdh gun do rinn mi fhìn sogan ris... ris an dealbh-chluich a bha seo. Tha e stèidhichte, mar a thuirt sibh, air pìos de dh'eachdraidh nan Gàidheal mum faod sinn a bhith gu math pròiseil, agus chan e cuspair a th' ann a tha furasta a chur an cèill air rèidio, agus faodaidh sinn a bhith moiteil às an sgioba air fad - às an sgrìobhadair, Aonghas Phàdraig, ach cuideachd às an stiùiriche Bill MacLeòid, mar a dhealbhaich e na bha a' tachairt, mar a chuala sinn anns a' bhlasad a bha siud, agus às na h-actairean cuideachd, cho math 's a thug iad beò an sgeul dhuinn. Agus tha mi an dòchas, ma gheibh daoine cothrom idir, gun èist iad ris ann an stereo. Mar a chuala sinn dìreach anns a' chriomag bheag a bha siud aig dìreach toiseach gnothaich, tha na fuaimeannan dìreach a' dealbhachadh ann an mac-meanmna mac an duine. Tha e a' cluinntinn cuideachd criomagan às na naidheachdan aig an àm, òrain ann am Fraingis 's ann an Gearmailtis, cainnt... anns na cànain sin cuideachd. Chan eil fhios a'm am bi daoine ag iarraidh fo-thiotalan a bhith air an rèidio, ach tha a h-uile dad a tha sin a' cuideachadh ris an dealbh a chruthachadh.

CM: Mar sin, ann an dòigh, 's e fìor dhràma a th' ann, ach tha sgeulachd ann cuideachd. Dè cho math 's a thàinig aig an dràma air an sgeulachd innse ann an dòigh na b' fheàrr na dìreach a h-innse le aon neach? An tàinig aige air seo a dhèanamh, a bheil thu a' smaoineachadh?

BI: Ò, thàinig gu dearbh fhèin e. 'S e an aon cheist a bhuail ormsa, am bu chòir barrachd a bhith ann mun t-suidheachadh anns an do ghlacadh na Gàidheil anns a' chiad àite, a chionn tha iad... 's dòcha gu bheil daoine an-diugh air dìochuimhneachadh gun robh an Dibhisean Ghàidhealach fhathast a' sabaid cola-deug às dèidh Dunkirk, agus cha tàinig sin troimhe, saoilidh mi, anns an dealbh-chluich, agus 's e sin pìos anns an eachdraidh às am faod sinn a bhith anabarrach pròiseil. So, dhùraiginn fhìn mionaid no dhà a bharrachd a bhith ann aig toiseach gnothaich airson sin a dhèanamh soilleir dhuinn. Ach a thuilleadh air an sin, abair gun tug na h-actairean - Calum MacFhionghain, Donnchadh MacNìll agus Daibhidh Walker - gun tug iad beò na gillean dhuinn. Agus Tormod MacGill-Eain cuideachd - dhearbh esan gun dèan deagh actair rud cumhachdach le pàirt nach eil cho cudromach air an duilleig.

APC: Am faodainn aontachadh dìreach ann a shin le Bill, agus tha mi a' smaoineachadh gur e sin an call cho - fhios agad, seo a' chiad choimisean dràma aig a' BhBC, tha mi a' smaointinn, airson grunn bhliadhnachan - fhios agad, cho beag dheth seo 's a th' againn, 's bu chòir, 's tha mi an dòchas gum bi fad a bharrachd ann, air sgàth, fhios agad, bha an ùine cho goirid, agus bha againn ri taghadh cò mu dheidhinn a sgrìobhadh sinn 's ciamar a sgrìobhadh sinn e, agus 's e call mòr a th' ann - tha Bill cho ceart - fhios agad, nach robh ùine, ann an seagh, a dhol a-steach gu eachdraidh mòr am Fifty-first Division. Fhios agad, nuair a... rinn mise leughadh air an eachdraidh a bha sin, airson mi fhìn a dheisealachadh airson seo a sgrìobhadh, agus bha mi a' rànaich gach latha. Fhios agad, nuair a bha mi a' leughadh mu dheidhinn am Fifty-first, gu h-àraid anns a' Chiad Chogadh, agus na h-Argylls, agus na dh'fhuiling iad, agus nach eil fios a'm mu dheidhinn, agus tha sin dìreach uabhasach, agus feumaidh sinn cuideachd sin a thoirt, fhios agad, a thoirt gu aire nan ginealach seo.

CM: Anns an dol seachad, Aonghais Phàdraig, a bheil thusa air a chluinntinn mar phrògram deiseil?

APC: Tha.

CM: Agus a bheil e air tionndadh a-mach mar a bha dùil agad?

APC: Uill, tha thu daonnan, nuair a tha thu cho faisg air rudeigin, tha thu... tha thu an uair sin ag èisteachd leis 's ag ràdh, uill, bu mhòr am beud nach do rinn mi siud, no carson... mar eisimpleir, tha tòrr ann mu dheidhinn, fhios agad, tha iad ag òl tòrr, fhios agad, tha iad a' dol tron Fhraing air allaban fad sia seachdainean, 's tha iad, fhios agad, a' fosgladh botalan fìon an siud 's an seo 's an ath rud, agus 's dòcha, dh'èist mi às ùr ris a-raoir 's bha mi ag ràdh, uill, 's dòcha gu bheil cus dheth sin ann, ann an da-rìribh, ged a bhiodh sin air tachairt, agus ged a thachair e, agus 's dòcha gum biodh sin na b' fheàrr air a shocrachadh sìos, agus tha mi cinnteach mar sgrìobhadair, nuair a choimheadas tu air an sgrìobhadh fhèin, ann an dràma air rèidio no air duilleag, tha thu... an aon rud a tha thu a' faicinn, 's e na rudan a tha ceàrr, 's tha sin mì-fhortanach.

CM: Uill, sin e. Anns an dol seachad, bha mi ag ràdh siud, airson bidh thu a' cluinntinn daoine gu math tric, daoine a' sgrìobhadh 's an uair sin, an uair sin bidh daoine eile a' tighinn a-steach agus a' falbh leis an sgrìobhadh 's a' dèanamh rudan leis, ach...

APC: Uill, tha thu... tha thu fon a' chuideam a tha sin, fhios agad. Tha producer agad, 's tha na h-actairean, 's tha agad ri, fhios agad...

CM: Sin a bha mi a' dol a dh'fhaighneachd dha Bill, ge-tà, ach nuair a thig gun an dràma, thog thu fhèin rud ann an siud, an rud a tha a' dèanamh dràma dhen a seo, agus dhòmhsa cuideachd, 's e sin na fuaimean, na h-aithrisean naidheachd, na cànanan diofraichte, gliogadaich nam botail, rudan beaga mar sin, sin a tha a' dèanamh an dràma dheth, nach e?

BI: Ò 's e, agus bheir sin ùine a dhèanamh ann an stiùidio. Tha fios a'm glè mhath gun do chuir Bill MacLeòid, feumaidh gun do chuir e saothair mhòr an cùlaibh an dràma a tha seo, ach tha e ag obrachadh uabhasach math. Agus mar a thug Aonghas Phàdraig tarraing air mar-thà, tha sinn a' faicinn taobh eile dhe na gillean cuideachd. Fhios agad, na rudan... an aimhreit a bhios ag èirigh eadar buidheann sam bith, triùir gu h-àraid - 's dòcha gum biodh dithis na b' fheàrr dheth - ach... agus cho làidir 's a bha an gille a bha seo, Uilleam Mòr Kemp, ach chan eil e air a cheiltinn bhuainn gun robh taobh eile air an duine. Tha e coltach gur e duine gasta a bh' ann sòbarra, ach air an dràm gum biodh e gu math borb agus fiadhaich. Agus 's dòcha gum bi deasbad gu leòr, tha mi cinnteach, mun phìos far a bheil e a' goid à eaglais, agus a' marbhadh sagart a tha a' dol ga bhrath dha na Gearmailtich. Ach mar a thuirt sinn mar-thà, 's ioma rud brùideil a tha a' tachairt aig àm cogaidh.

CM: An cuala tu, Bill, dad anns an dealbh-chluich nach do smaoinich thu air, no nach robh thu air a chluinntinn ron a seo?

BI: Ò, cha robh fhios a'm air an taobh eile a bha seo. Cha robh fhios a'm... mise eòlach ach air an sgeul mu na balaich 's mar a... mar a rinn iad, mar a fhuair iad air falbh, agus mar a thuirt Aonghas Phàdraig mar-thà, fhios a'd, 's e propaganda coup uabhasach a tha sin àm a' chogaidh, so cha robh sinn gam faicinn ach mar ghaisgich, ach tha sinn a-nist, anns an dealbh-chluich, a' faicinn taobh eile dhiubh. Ach aig a' cheann mu dheireadh, bha an rud a rinn iad uabhasach misneachail, agus 's math gun deach leotha.

CM: Uill, 's math gu dearbha, agus tapadh leat fhèin agus le Aonghas Phàdraig airson a thighinn a bhruidhinn rium ann an seo an-diugh. Bill Innes ann an Glaschu, Aonghas Phàdraig Caimbeul ann am Port Rìgh. Agus tha a' Ruith Caol air a mhaoineachadh le airgead CCG, agus bidh e ri chluinntinn an t-seachdain sa tighinn air Rèidio nan Gàidheal, eadar cairteal gu aon uair deug agus aon uair deug, Diluain gu Diardaoin. Bidh sin ann am meadhan prògram Mhòrag Dhòmhnallach, a' Mire ri Mòir. Agus an uair sin bidh air Dihaoine aig ochd uairean a dh'oidhche airson uair a thìde.

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math