Rannsaich

Gille Padra Dubh a' faighinn air ais na ghoid na Leòdaich.

Luchd-clàraidh
Ceann-latha November 1975
Àireamh a’ chlàir 2885
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1975.229.A1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1975.229

Geàrr-chunntas

Gille Padra Dubh a' faighinn air ais na ghoid Leòdaich an Eilein Sgitheanaich.

Bha Gille Padra Dubh Mac an t-Saoir a' fuireach ann an Gèirinis. Chaidh Blàr an Dronga a chur aig Creag Mhòr an Dronga eadar na Dòmhnallaich agus na Leòdaich. Thàinig na Leòdaich às an Eilean Sgitheanach a thogail creach à oighreachd Mhic 'ic Ailein, Uibhist. Chruinnich Dòmhnall Gorm Mac 'ic Ailein daoine gus na Leòdaich a chumail air ais. Bha triùir mhac aig Gille Padra Dubh sa bhlàr. Bha e fhèin còrr 's 80 bliadhna a dh'aois aig an àm. Chaidh esan suas a dh'fhaicinn mar a bha am blàr a' dol, ach chunnaic na Leòdaich e agus chuir iad naoinear air a thòir. Thòisich e a' ruith, ach mhothaich e gun robh iad gus breith air. Le sin, stad e agus mharbh e triùir aca le bhogha 's saighdean. Chùm e air treiseag eile. Stad e a-rithist agus mharbh e triùir eile. Thill an triùir a bha air fhàgail agus fhuair Gille Padra Dubh dhachaigh sàbhailte.

Thill na mic aige dhachaigh às dèidh a' bhlàir, 's dh'innis iad don athair gun deach am blàr leis na Leòdaich agus gun robh Dòmhnall Gorm marbh. Dh'fhalbh Gille Padra Dubh agus a thriùir mhac air ais gu Loch Sgioport far an robh na Leòdaich a' cur na creiche air bàtaichean. Thòisich Gille Padra Dubh ag èigheach, agus bha dùil aig na Leòdaich gun robh sluagh mòr a' tighinn air an tòir. Mar sin, leum iad dha na bàtaichean gus tàireadh às. Dh'fheuch Gille Padra Dubh saighead agus mharbh e MacLeòid, an ceann-cinnidh. Thug iad a' chreach air ais gu Mac 'ic Ailein 's fhuair iad duais mhòr.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Gille Padra Dubh

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill: 'S e mise Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill, Dòmhnall Iain Dhonnchaidh. Naidheachd bheag mu dheidhinn Gille Padra Dubh Mac an t-Saoir a bha shìos ann an Gèirinis.

Bha... chaidh Blàr an Dronga a chur a-muigh aig taobh Abhainn Ròdhag ann a sheothach, eadar na Leòdaich agus na Dòmhnallaich. A-nist, thàinig na Leòdaich a-nall às an Eilean Sgitheanach, an turas a bh' ann a sheothach, agus bha iad a' tighinn a thogail creiche gu ruige Uibhist, gu oighreachd Mhic 'ic Ailein.

Co-dhiù, fhuair na Dòmhnallaich a-mach, agus cha do... Clann 'ic Ailein a chanadh iad riutha 's iad an uair sin a' fuireach ann an Ormacleit. Fhuair iad a-mach gun robh na Leòdaich air tighinn gu ruige Uibhist, agus dh'fhalbh Dòmhnall Gorm Mac 'ic Ailein agus chruinnich e daoine agus chaidh e a-mach mu choinneimh na Leòdaich airson an cumail air n-ais, agus a' chreach a chumail air n-ais, agus nach toireadh iadsan leotha i.

Co-dhiù, thachair an dà arm ri chèile dìreach a-muigh aig taobh Abhainn Ròdhag, far an tuirt mi, aig Creag Mhòr an Dronga, agus sin an dòigh anns an canar Blàr an Dronga ris... ris a' bhlàr a chaidh a chur ann a shineach chun an latha an-diugh.

Tha e coltach gun robh am blàr gu math fiadhaich, agus bha Dòmhnall Gorm Mac 'ic Ailein, bha e air a ràdh mu dheidhinn gun robh e a' leum na h-aibhne air n-adhart agus an comhair a chùil, agus...

Ach a-nist, bha am fear seo a' fuireach shìos an Gèirinis, 's e Gille Padra Dubh a chanadh iad ris, Gille Padra Dubh Mac an t-Saoir, agus bha triùir mhac aige, agus bha an triùir mhac a bha seothach, bha iad aig a' bhlàr an latha seo. Bha esan a' gabhail fadachd nach robh na gillean a' tighinn dhachaigh feasgar, agus 's ann a smaointich e aige fhèin gun rachadh e fhèin suas feuch gu dè mar a bha a' dol dhan bhlàr.

Agus dh'fhalbh e, agus aig an àm a bha sin, bha e còrr 's ceithir fichead bliadhna a dh'aois. Uill, ràinig e co-dhiù a-nuas cliathach Hatharsal, faisg air... air far an robh am blàr, agus chitheadh e às a sin far an robh am blàr a' dol air n-adhart. Agus chunnaic e mar a bha cùisean a' dol. Ach chunnaic na Leòdaich cuideachd am fear a bha na shuidhe ann an taobh Hatharsal, agus chuir iad naoinear suas às a dhèidh, airson breith air. Agus dh'fhalbh an naoinear a bha sineach às dèidh Gille Padra Dubh.

Chunnaic esan a' tighinn iad, agus dh'fhalbh e, agus bha e ag ràdh ris fhèin co-dhiù nach dèanadh esan an gnothach air an naoinear, ach bha bogha 's saighead aige agus... agus na saighdean. Ach ged a bha fhèin, bha an naoinear tuilleadh 's a' chòir na aghaidh. Ach cha robh esan ach mall agus e sean, agus nuair a bha... a chunnaic e an ceann greise gun robh iad a' teannadh air, thionndaidh e mun cuairt - agus tha e coltach gun robh e air fear cho math 's a bh' ann air a' bhogha 's saighead - agus thionndaidh e agus dh'fheuch e an t-saighead, agus fear eile, agus fear eile, agus thug e triùir asta, agus cha robh sin air fhàgail acasan ann ach sianar.

Dh'fhalbh e a-rithist, agus dh'fheuch e pìos eile, agus an ceann greise thionndaidh e mun cuairt, agus dh'fheuch e a-rithist na trì saighdean às dèidh a chèile agus thug e triùir eile asta, agus cha robh an uair sin air fhàgail ach an triùir. Uill, nuair a chunnaic an triùir a bh' air fhàgail mar a thachair, cha do rinn iad ach tilleadh air n-ais, agus fhuair Gille Padra Dubh dhachaigh.

Uill, bha seo math gu leòr, agus dh'fhan e gus an do ràinig na gillean dhachaigh on bhlàr feasgar, agus nuair a ràinig iad dh'fhaighneachd e dhaibh gu dè mar a chaidh dhan latha. Agus dh'innis iadsan gun do chaill na Dòmhnallaich agus gun do rinn na Leòdaich an gnothach agus gun robh iad air falbh agus a' chreach aca. Bha a' chreach a bha sineach, 's e crodh 's caoraich, na b' urrainn dhaibh a chruinneachadh air feadh nam beanntanan aig... aig Uibhist 's aig Mac 'ic Ailein. Agus dh'innis iad gun deachaidh Dòmhnall Gorm fhèin a mharbhadh anns a' bhlàr.

Uill, thuirt esan riutha:

"Cha do dh'fhàg," ars esan, "na Leòdaich Uibhist fhathast. Agus 's fheàrr dhuibh dèanamh deiseil," ars esan, "nuair a ghabhas sibh ur biadh, agus falbhadh sibh còmhla riumsa."

Fhuair iadsan am biadh co-dhiù agus dh'fhalbh iad còmhla ri 'n athair a-mach gu ruige Loch Sgioport, far an robh na bàtaichean aig... aig na Leòdaich. Agus nuair a bha iad faisge a-mach air àite ris an can iad an Acarsaid Fhalaich, a-mach aig Loch Sgioport, bha na Leòdaich ann a shineach aig a' chladach agus a' chreach aca, an crodh agus na caoraich, agus iad a' deisealachadh airson an cur air bòrd a' bhàta... nam bàtaichean - bha dhà no trì bhàtaichean aca.

Agus dh'fhalbh Gille Padra Dubh agus leig e an èigh a bha seo às, agus dh'èigh e dha na gillean tighinn às a dhèidh, agus nuair a chunnaic na Leòdaich iad a' nochdadh, bha dùil aca gun robh an dàrna leth agus a bh' aig a' bhaile a-staigh às an dèidh. Agus cha do rinn iad ach dèanamh air na bàtaichean agus a' chreach fhàgail dìreach air tìr.

Ach bha MacLeòid fhèin a' dol dìreach air bòrd dhan bhàta, agus bha Gille Padra Dubh shuas os a chionn, agus dh'fheuch e an t-saighead air MacLeòid, an ceann-cinnidh aig na Leòdaich a bha còmhla riutha a-bhos aig a' bhlàr. Agus bhuail an t-saighead air MacLeòid agus aon chas a-staigh dhan bhàta agus a' chas eile a-mach aiste, agus dh'fhuaigh e ris a' bhàta e. Agus tha e air a ràdh gur ann an Dùn Bheagain a chaidh fhuasgladh on bhàta a-rithist, nuair a chaidh e air tìr thall anns an Eilean Sgitheanach. Cha robh ùine aca air fhuasgladh air eagal agus gun tigeadh an tòir às an dèidh.

Agus cha do rinn Gille Padra Dubh an uair sin, e fhèin agus na gillean, ach a' chreach, an crodh agus na caoraich, a thilleadh air n-ais a-nuas gu Mac 'ic Ailein. Agus a rèir eachdraidh, fhuair iad duais mhòr air a shon, airson an gnìomh math a rinn iad.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Meadhanach Math