Rannsaich

An Còirneal Gòrdan cho toilichte le obair a rinn poidsear is...

Luchd-clàraidh
Ceann-latha November 1975
Àireamh a’ chlàir 2887
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1975.229.A2

Àireamh an Teip Thùsail

SA1975.229

Geàrr-chunntas

An Còirneal Gòrdan cho toilichte le obair a rinn poidsear 's gun tug e dha cead iasg a ghlacadh uair sam bith.

Nuair a cheannaich an Còirneal Gòrdan oighreachd ann an Uibhist a Deas, thug e maor a-nall leis às an Eilean Sgitheanach. Bha poidsear uabhasach math ann aig an àm, Dòmhnall mac Nìll 'ic Dhòmhnaill (Dòmhnall nam Breac). Bha e a' fàilligeadh air a' mhaor grèim fhaighinn air.

Bha an còirneal ag iarraidh breac a ghlacadh gun dubhan gus an togadh e dealbh dheth. Chuir am maor fios air Dòmhnall, a' smaoineachadh gun cuireadh an Gòrdanach bhon oighreachd e a chionn 's gun robh e cho math air poidseadh. Rinn Dòmhnall an gnothach, agus bha an Gòrdanach cho toilichte leis 's gun tug e cead dha iasg a ghlacadh uair sam bith gun phàigheadh.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Dòmhnall nam Breac

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill: An sgeulachd seo, 's e Dòmhnall nam Breac a chanas sinn rithe.

Niste, nuair a cheannaich an Còirneal Gòrdanach an oighreachd a bha seothach, thug e às an Eilean Sgitheanach, thug maor dhachaigh às, airson fadhail Thogh, agus an t-sealg agus an t-iasg, a ghleidheadh o na daoine.

Agus a-nist, bha iasg gu leòr air an abhainn a bha sineach daonnan, agus bha fear a bha seothach aige air an oighreachd - 's e Dòmhnall mac Nìll 'ic Dhòmhnaill a chanadh iad ris - agus bha e na phoidsear uabhasach fhèin math. Bhiodh e daonnan ag iasgach nam breac, agus gan toirt às an fhadhail agus às na lochanan cho math 's a b' urrainn dha, agus bha e a' failleachdainn air a' mhaor aig a' Ghòrdanach grèim sam bith a dhèanamh air.

Agus cha robh fhios aig a' mhaor on t-saoghal a-nist gu dè an dòigh a dhèanadh e airson... airson faighinn clìoras Dòmhnall mac Nìll 'ic Dhòmhnaill a bha seothach, a chionn nam faigheadh e thuige ann an dòigh sam bith, agus nam faigheadh e breith air, rachadh aige air a chur a-mach às an fhearann, agus am fearann a thoirt bhuaithe.

Ach cha robh e a' faighinn grèim air Dòmhnall. Bha Dòmhnall, bhiodh e daonnan ag iasgach, ach na dèidh sin cha... cha b' urrainn dhan mhaor breith air.

Ach an turas a bha seo co-dhiù, thàinig an t-uachdaran fhèin dhachaigh, an Gòrdanach, agus bha e a' bruidhinn ris a' mhaor, agus thuirt e ris:

"Ò uill," ars esan, "b' fheàrr leam," ars esan, "gun robh breac a-nist air a shadadh a-staigh às an fhadhail gam ionnsaigh, agus gun lot dubhain a dhèanamh air, agus gum faighinn a dhealbh a tharraing," ars esan, "a' breabadaich air tìr. Am biodh fhios agad," ars esan ris a' mhaor, "air duine sam bith mun cuairt a dhèanadh a leithid seo dhomh?"

Uill a-nist, bha fhios aig a' mhaor math gu leòr gun robh Dòmhnall mac Nìll 'ic Dhòmhnaill a bha seothach, gun dèanadh e a cheart rud a bha am maor ag iarraidh air. Agus bha e fhèin air a bhith cho fada a' feuchainn ri... ris an duine fhaighinn às an fhearann, agus bha e a' smaointeachadh a-nist gu... nam faigheadh e... gun sealladh e e dhan Ghòrdanach cho math 's a bha an duine gu poidseadh, gun cuireadh an Gòrdanach fhèin às an fhearann e, 's gun toireadh e bhuaithe am fearann a bh' aige.

Agus dh'innis e dhan mhaor gun robh a leithid seo a dhuine aige air an oighreachd. Dh'innis e dha mu Dhòmhnall. Uill, co-dhiù, chaidh brath a chur air Dòmhnall agus thàinig Dòmhnall mac Nìll 'ic Dhòmhnaill. Agus, uill, rinn e... thàinig e far an robh an t-uachdaran, far an robh an Gòrdanach, agus rinn e modh dha 's a h-uile sìon, agus dh'innis an Gòrdanach dha an rud a bha a dhìth air, gum faigheadh breac a thoirt a-staigh gu tìr agus gun lot dubhain no rud sam bith a bhith air, agus am breac a bhith a' leumadaich dìreach ri taobh na fadhlach, agus gum faigheadh esan a dhealbh a tharraing leis a' chamara.

"Ach," ars esan, "chan eil coltas èisg sam bith air an fhadhail an-diugh," ars esan.

"Ò," arsa Dòmhnall ris, "cha robh," ars esan, "an fhadhail riamh gun iasg oirre."

Agus:

"Ò uill, ma tha sin mar sin," ars an Gòrdanach, "feuch thusa sìos feuch am faigh thu fear."

Agus dh'fhalbh e, agus chaidh e fhèin agus am maor sìos taobh na h-aibhne, agus bha iad a' siubhal thall 's a-bhos, agus chaidh Dòmhnall an uair sin na shìneadh ri taobh na fadhlach agus chuir e a làmh sìos fo chruime boghta a bh' ann, agus dh'fheuch e sìos cho math 's a b' urrainn dha, agus an ceann treise thog e a-nuas am breac mòr a bha sineach, agus grèim aige air ghiùran air, agus chaith e gu tìr e. Agus bha... bha am breac a' leumadaich dìreach air bruaich na h-aibhne agus fhuair an Gòrdanach, an t-uachdaran, a dhealbh a tharraing agus e dìreach a' leumadaich ann a shineach air tìr.

Uill, chan eil ciall aig cho toilichte 's a bha an Gòrdanach nuair a chunnaic e an gnothach a bh' ann a sheothach. Agus bha am maor air a dhòigh agus e ag ràdh ris fhèin gum biodh Dòmhnall a-nist, gun robh e air a shealltainn dhan mhaor cho math 's a bha e gu poidseadh agus gun cuireadh am maor a-mach às an fhearann e.

Ach thionndaidh an Gòrdanach mun cuairt agus thuirt e ri Dòmhnall:

"A-nist," ars esan, "rinn thu uabhasach math," ars esan, "dhomh. Ach, a-nist," ars esan, "tuilleadh às a dhèidh seo, bidh thusa," ars esan, "a' geàrd na fadhlach dhòmhsa, a chionn cha ghabh i gleidheadh ort. Chan urrainn mise a gleidheadh ort," ars esan, "no maor a th' agam. Ach gleidhidh tusa air càch i," ars esan, "agus gheibh thu pàigheadh air a shon," ars esan, "tuilleadh. Agus faodaidh tu," ars esan, "na thogras tu fhèin a thoirt às an fhadhail tuilleadh."

Agus fhuair Dòmhnall... fhuair Dòmhnall tuilleadh am fearann dha fhèin, clìor agus màl 's a h-uile sìon on uachdaran. Agus a chuid fhèin a thoirt às an fhadhail tuilleadh.

Agus sin agad... sin agad mar a chaidh do Dhòmhnall mac Nìll 'ic Dhòmhnaill.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Meadhanach Math