Rannsaich

Dòmhnall Cam agus mar a mharbh e saighdearan Chaisteal Steòrnabhaigh.

Ceann-latha March 1955
Àireamh a’ chlàir 29010
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1955.6.A6(c)

Àireamh an Teip Thùsail

SA1955.006

Geàrr-chunntas

Dòmhnall Cam agus mar a mharbh e saighdearan Chaisteal Steòrnabhaigh.

Uair a bha seo, chaidh Dòmhnall Cam gu Caisteal Steòrnabhaigh. Chuir e pleata mhòr mu thimcheall, is thòisich e ri dannsadh air a' ghainmhich. Bha a chlaidheamh fon phleata agus, nuair a thàinig na saighdearan Sasannach a-mach ga choimhead, ghabh e dhaibh is mharbh e iad.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Dòmhnall Cam

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Steòrnabhagh

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Steòrnabhagh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

James Ross (JR): Ciamar a-nis a rinn e... a ghabh e Caisteal Steòrnabhaigh uaireigineach? Nach robh... an robh naidheachd ann mun a sin?

Ruairidh MacAmhlaigh (RM): Ò seadh an caisteal...

JR: Rinn e an gnothach air na Sasannaich.

RM: Rinn e an gnothaich air na Sasannaich. Thàinig e fhèin 's dhà no trì eile à Ùig a-nall agus... Thàinig e fhèin 's dhà no trì... dhà no trì eile à Ùig a-nall agus dh'fhalaich an fheadhainn a thàinig còmhla ris e fhèin... iad fhèin. Agus thàinig esan agus sheas e, sheas e ann a shiud air a' ghainmhich agus aodach boireannaich air agus e cas-rùisgte, 's e a' dannsa ann a shin 's pleata... pleata mhòr mu uachdar agus an claidheamh fon a... fon a' phleata. Agus 's ann a dh'fheumadh iad tighinn a-mach a choimhead a' bhoireannaich 's a' gabhail view oirre. Air a fhuair esan a-mach iad, chun na traghad, chaidh e eatorra 's an caisteal. Ghabh e dhaibh. Bha càch a-nuas còmhla ris. Ghabh iadsan dhàsan. Mharbh iad a bhràthair ann.

"Seasaibh na fhuil," ars esan, "bu mhath air a chasan an-dè e."

Ghabh e dha na Sasannaich ann a shin 's mharbh e iad. Nach e bha carach. Bha e an aghaidh an lagh dhut a dhol a-steach ann a shiud.

JR: Ò an robh? A dhol a-steach a Steòrnabhagh?

RM: Bha, a dhol a-steach dhan a' chaisteal ann. Bha e aig gob a' chidhe ann a shin. Bha. Ò, bha e ga watchaigeadh tha fhios agad. Bha e a' watchaigeadh 'son nuair a bhiodh na Mòr-thìrich a' goid a' chruidh nach do chuir e an còcaire dhan a... dhan a' choire. Cha tàinig iad ann riamh bhon uair sin. Bha àirigh aca ann... shìos ann an seo, shìos ann a... thall ann am mòinteach Àrnais, Àirigh na Mòr-thìr, 's rug iad air ann a shin. Ach thàinig esan an t-astar à Ùig, agus bha coire aca a-staigh ann am buaile bhig ann a shiud, agus... bruiche mart ann. An còcaire... 's fear an urra ris, an còcaire. Rug esan air thòn 's air chùl amhach air a' chòcaire 's chuir e air a cheann dìreach dhan a' choire e.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math