Luadh sa Bhràighe.
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1969.41.A4
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Bha am fiosraiche aig luadh trì tursan anns a' Bhràighe. Tha e ag ainmeachadh nan taighean anns an robh iad. Bha aon luadh ann an sabhal, ach bha an fheadhainn eile am broinn an taighe. Rinneadh an clò le breabadair anns an sgìre, ris an cante Calum Iain Chaluim. Cha robh fighe ga dhèanamh anns an àite on a dh'eug e. Bhiodh fir nach robh pòsta a' tighinn a-steach nuair a bhiodh an luadhadh ann, agus a' gabhail pàirt anns an t-seinn. Bha dannsa agus seinn ann an dèidh làimh. Bha ainmean dhaoine air an toirt a-steach dha na h-òrain luaidh, agus b' e cùis nàire a bh' ann do neach mura biodh e air ainmeachadh. B' e an luadh am prìomh chothrom a bh' aig an òigridh a bhith a' coinneachadh.
Tha am fiosraiche ag innse beagan mu bhainnsean. B' ann an àm a' gheamhraidh a bhiodh iad, oir san t-samhradh bhiodh mòran air falbh ag iasgach is eile. Tha cuid dhe na boireannaich a bha math air òrain luaidh air an ainmeachadh, agus tha fiosrachadh a bharrachd air a thoirt seachad mu na seinneadairean.
Àite Clàraidh
Siorrachd - Meadhan Lodainn
Paraiste - Dùn Èideann
Baile/Àite - Ceàrnag Sheòrais, Sgoil Eòlais na h-Alba
Àite a' Chuspair
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Eilean - An t-Eilean Sgitheanach
Paraiste - Port Rìgh
Baile/Àite - Am Bràighe
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math