spacer
spacer

Luadh 's a' Bhràighe

Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
Tiotal a' Chlàir - Luadh 's a' Bhràighe
Fiosraichean - Seumas MacNeacail
Luchd-clàraidh - Dr Iain MacAonghuis; Iain Peatarsan

Geàrr-chunntas - Bha am fiosraiche aig luadh trì tursan anns a' Bhràighe. Tha e ag ainmeachadh nan taighean anns an robh iad. Bha aon luadh ann an sabhal, ach bha an fheadhainn eile am broinn an taighe. Rinneadh an clò le breabadair anns an sgìre, ris an cante Calum Iain Chaluim. Cha robh fighe ga dhèanamh anns an àite on a dh'eug e. Bhiodh fir nach robh pòsta a' tighinn a-steach nuair a bhiodh an luadh ann, agus a' gabhail pàirt anns an t-seinn. Bha dannsa agus seinn ann an dèidh làimh. Bha ainmean dhaoine air an toirt a-steach dha na h-òrain luaidh, agus b' e cùis nàire a bh' ann do neach mar a biodh e air ainmeachadh. B' e an luadh am prìomh chothrom a bh' aig an òigridh a bhith a' coinneachadh.

Tha am fiosraiche ag innse beagan mu bhainnsean. B' ann an àm a' Gheamhraidh a bhiodh iad, oir san t-samhradh bhiodh mòran air falbh ag iasgach is eile. Tha cuid dhe na boireannaich a bha math air òrain luaidh air an ainmeachadh, agus tha fiosrachadh a bharrachd air a thoirt seachad mu na seinneadairean.

Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:12:02
Àm Clàraidh - 1965.05.30
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Fiosrachadh
Cruinneachadh - Sgoil Eòlais na h-Alba

Àireamh a' Chlàir - 29172
Àireamh an Teip Thùsail - SA1969.041
Àireamh a' Chlàir Thùsail - SA1969.41.A4
Càileachd an Fhuaime - Math
Cruth Inneal a' Chlàir - R2R



Àite Clàraidh:
  Siorrachd - Meadhan Lodainn
  Paraiste - Dùn Èideann
  Baile/Àite - Dùn Èideann (Sgoil Eòlais na h-Alba)


Àite a' Chuspair:
  Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
  Paraiste - Port Rìgh
  Eilean - An t-Eilean Sgitheanach
  Baile/Àite - Am Bràighe

Notaichean a' Chlàir -

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/29172/1




Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA