Chunnacas cisteachan a' falbh à taigh.
Fiosraichean
Luchd-clàraidh
Ceann-latha
11 June 1959
Àireamh a’ chlàir
30257
Pàirt 1
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1959.40.B1
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Chunnacas cisteachan a' falbh à taigh.
Chaidh Donnchadh Ruadh agus a theaghlach gu Canada. Mun do dh'fhalbh iad, bhiodh daoine a' faicinn chisteachan a' falbh às an taigh. Cha robh am fiosraiche a' creidsinn seo, ach thàinig muillear à Beinn a' Bhadhla a dh'fhuireach anns an taigh. Bhiodh e cuideachd a' dèanamh chisteachan-laighe. Mar sin, bha mòran de chisteachan a' falbh às an taigh mar a chunnacas aig cuid roimhe.
Àite Clàraidh
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Paraiste - Uibhist a Deas
Eilean - Beinn a' Bhadhla
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Tar-sgrìobhadh
Calum MacIllEathain: Bha sibh ag ràdh nuair a bhiodh sibh a' dol dhan champa, seadh...
Pàdraig MacCarmaig: Gum biodh e... far a bheil taigh a' mhuilleir shìos ann a shineach anns an Ìochdar, 's e fear a bh' ann ris an canadh iad Donnchadh Ruadh. Dh'fhalbh iad a Chanada, fhios agaibh, an àm nan emigrants. Dh'fhalbh iad a-null gu ruige Red Deer ann a shiud. Uill cheannaich am muillear, cheannaich e, tha fhios agaibh, an taigh aca. 'S ann à Beinn na Fadhla a dh'fhalbh e. Bha iad ag ràdh nach eil fhios gu dè na bha iad a' faicinn a chisteachan a' falbh às an taigh, cisteachan-laighe, à taigh Dhonnchaidh Ruaidh. Uill bhithinn fhèin ga chluinntinn aca agus thuirt mi riutha:
"Och," arsa mise, "'s ann annaibh a tha na breugadairean. Chan eil fhios a'm carson a bheirinn feart oirbh."
"Uill ma-thà," ars iadsan, "cha mhòr nach eil sinn air dusan ciste fhaicinn a' falbh à taigh Dhonnchaidh Ruaidh."
"Ach cò às?" arsa mise. "Cà 'il an teaghlach a dh'fhalbhadh iad à taigh Dhonnchaidh Ruaidh? Carson a tha sibh a' dèanamh nam breug?"
Uill, cha do ghabh sinn an còrr dragh dheth, ach air a dh'fhalbh iadsan, Donnchadh Ruadh a-null a Chanada, ghabh am muillear e mar a bha mi ag innse dhuibh. Agus 's ann a' saorsainneachd a bha e. Chan eil fhios cia mheud ciste-laighe a dh'fhalbh às an taigh. Chreid mi an uair sin an gnothach; bha iad ga fhaicinn ceart gu leòr. Agus, bha iad a' faicinn uabhas san Ìochdar.

Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math