Rannsaich

Dealan-dè

Ceann-latha
Àireamh a’ chlàir 31425
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

DealanDe 1986.08.22

Geàrr-chunntas

Prìosanaich aig àm a' chogaidh a' dol air ais air chuairt dhan Phòlainn.

Bha Dòmhnall Ruairidh MacCoinnich agus Iain MacAmhlaigh nam prìosanaich aig àm a' chogaidh agus tha iad air ullachadh a dhèanamh airson tilleadh dhan Phòlainn. Bidh 140 gu lèir anns a' bhuidhinn. Tha iad ag ainmeachadh àiteachan sa Phòlainn far an robh iad nam prìosanaich agus ag innse mar a bha muinntir na Pòlainn gan cur fhèin ann an cunnart airson an cuideachadh. Bheir iad leotha rudan anns na bagaichean gu daoine bochda na Pòlainn. Tha iad cuideachd ag innse dè bhios iad a' dèanamh nuair a bhios iad an sin.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Eilean - Leòdhas

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Iain MacAmhlaigh (IMA): Uill, tha Mr Weston, chuala mi air a' wireless agaibh fhèin e bho chionn dà mhìos, agus fònaig sinn thuige, agus thuirt e gun robh e toilichte cluinntinn gun robh feadhainn à Alba a' tighinn ann. Agus thuirt e rium cuideachd gun robh fear DR MacKenzie, 's cha dèanadh e a-mach Àirigh a' Bhruthaich, dè a bh' ann, agus chaidh a spell-aigeadh dha, 's thuirt e gur e siud a bh' ann, gur e Àirigh a' Bhruthaich a bh' ann, 's dh'fhaighnich e am faighinn ann an touch ris, 's thuirt mi gum faigheadh, agus mar sin, fònaig mi gu Dòmhnall Rodaidh ann a sheo.

Dòmhnall Ruairidh MacCoinnich (DRM): Ò bha, bha mise air a chluinntinn air an èadhar cuideachd, agus mus do... robh Iain air a' fòn thugam, bha am balach agam fhìn [?air a dhol] gu Weston, agus bha e a' dèanamh... a' faighneachd dha mu dheidhinn an triop a bh' ann a sheo. Agus, uill, thàinig e bho rud gu rud às dèidh sin, gus a bheil mi ann a sheo a-nochd air an t-slighe, a' falbh. Ach gu dearbh, chan eil e glè fhurasta faighinn ann. Cha mhòr nach robh cho furasta faighinn às.

IMA: Bha, na bha a phàipearan ri dhèanamh an-àirde 's passport 's visa 's a h-uile càil. Ach bha e àraid, an t-seachdain a fhuair mise na pàipearan, chuir e thugam pàipearan airson a dhèanamh an-àirde 's a h-uile càil, agus an t-seachdain a fhuair mi iad, fhuair mi phone call às a' pholice station, gun robh nighean ann a sheo ga mo lorg, gur e nighean le Archie Steele à Cambuslang ann an Glaschu a bh' ann. Agus cha robh mi a' creidsinn mo chluasan, bhon bha am balach sin còmhla riumsa dà bhliadhna anns a... ann am Poland, 's thug mi... air a dheighinn a Ghlaschu bhithinn a' fònaigeadh a h-uile A. Steele a bhiodh anns an directory 's cha do lorg mi a-riamh e. 'S thuirt mi ri Calum MacLeod, a bhruidhinn rium anns a' pholice station, siud a ràdh a-rithist. Thuirt e gun robh an nighean le Archie Steele à Cambuslang ann an Glaschu ann a sheo a' lorg John MacAulay. Thuirt mi ris:

"Cùm ann a shin i gu 'n ruig mise."

'S chaidh mi sìos. Thug sinn a-mach gun taigh i, 's bha sinn a' còmhradh rithe, 's dh'innis mi dhi mu dheidhinn an triop sa, 's nuair a sheall mi dhi na pàipearan, 's ann a fònaig sinn gu a h-athair, 's tha a h-athair a' dol còmhla rium. 'S tha timcheall air fichead bliadhna bho chunna mi e... dà fhichead bliadhna, rather.

Iain MacÌomhair (IMI): Agus cia mheud agaibh a tha a' dol ann gu lèir?

IMA: Ceud 's dà fhichead.

DRM: Tha, ceud 's dà fhichead. Tha mise a' dol a thoirt naoi latha ann, ach Iain a' toirt trì latha deug ann. Chan eil mise a' dol air pàirt dhen an t-slighe air a bheil Iain a' dol idir. Tha Iain a' dol sìos ceann a deas Pholand, ach tha mise a' dol timcheall anns a' mheadhan, meadhan Pholand, timcheall Thorn 's na h-àitichean sin anns an robh na campaichean anns an robh mi na mo phrìosanach, [?mus tàinig mise] ann an Stalag Twenty-A, ach cha b' e sin an Stalag anns an robh Iain idir. Chan aithne dhomh gum faca mi Iain bhon latha a chaidh ar glacadh gu 'm faca mi aig an taigh e.

IMI: Agus dè fèar a tha sibh an dùil a dhèanamh anns a... anns an ùine a tha seo?

DRM: Uill, anns an ùine a tha sin, 's e... 's e... chan eil fhios agamsa dè a' Ghàidhlig a th' air pilgrimage, ach 's e pilgrimage a th' ann. Bidh sinn a' cur wreaths air uaighean 's air àitichean dhen an t-seòrsa sin. Bidh sinn a' cuimhneachadh air an fheadhainn nach do thill, agus tha gu leòr aca ann. Agus bidh sinn a' coimhead romhainn airson gur dòcha gun coinnich sinn ri feadhainn dhe na Poles a bha gu math dhuinn, nuair a bha sinn truagh nar prìosanaich 's a bhiodh iad a' cur... a' toirt dhuinn biadh gun fhiosta, ann an cunnart am beatha cuideachd.

IMI: Tha sibhse, Iain, a' dol gun a' cheann a deas agus tha mi a' tuigsinn gu bheil sibh a' dol a thadhal air fear dhe na concentration camps as ainmeile a bh' ann?

IMA: Tha. Bha mise anns a' champa faisg air a sin. Katowice a th' air an-diugh. 'S e Katowice a bh' againn air. Agus sin far an robh an campa againne. Agus dh'aithnichinn feadhainn dhe na Poles. Bha iad, man a thuirt Dòmhnall Rodaidh, bha iad glè mhath dhuinn, 's ma tha iad beò, tha mi a' dol gam faicinn, airson rud beag a thoir dhaibh de rudeigin, an àite na bha... cho... na pìosan arain agus ubhal agus ugh a bha iad a' toir dhuinne. Agus tha sinn cuideachd a' call-aigeadh anns a' choncentration camp ann an Auschwitz. Bhiodh sinne a' coimhead nan trèanaichean a' dol seachad, 's dh'fheumadh sinn a dhol nar sìneadh air an làr. Bha an railway air ar taobh [???] agus gu mu dheireadh lorg sinn dè bh' ann, gur e na h-Iùdhaich a bh' ann, a' dol dhan a' choncentration camp.

IMI: Agus dè na h-àiteachan air an taobh seo agus anns na h-eileanan à tha feadhainn a' dol còmhla ribh?

IMA: Tha ceathrar à Uibhist a' dol ann, agus tha dithis... tha ceathrar... dithis à Dingwall agus ceathrar à Inbhir Nis, tha mi a' smaoineachadh. Cha chreid mi... chan eil mi a' dèanamh a-mach gu bheil duine às na Hearadh. Ma tha, chan eil e... cha chuala sinn.

DRM: Chan eil mòran againn air fhàgail an-diugh, dhe na bh' ann.

IMA: Chan eil, gu dearbha.

DRM: Chan eil. Ach fuigheall air fhàgail dhe na bha... a thàinig dhachaigh.

IMI: Tha sibh air a bhith a' feuchainn ri faighinn a-mach dè na rudan a b' fheumaile a thoirt leibh airson an fheadhainn ris an tachair sibh.

DRM: Tha. Tha rudan ann a tha iad gann dheth, gu math gann dheth. 'S e experience, man tuirt iad, a bhios ann, a dhol a dh'fhaicinn dè man a tha an rìoghachd fo na Coimiunaich, an taca ris man a bha e fo riaghladh Hitler. Tha mi glè chinnteach às nach urrainn dhi a bhith mòran nas miosa na bha i fo riaghladh Hitler. Ach... agus an dèidh sin, tha e coltach gu bheil iad gu math truagh dheth, agus bu mhath leinn fios a bhith againn air rudan a tha a dh'uireasbhaidh orra. Ach tha na bheir sinn thuca, 's dòcha gu bheil cuideigin...

IMI: Dè na rudan a tha sibh air faighinn a-mach an-dràsta a bhiodh feumail?

IMA: Uill, thuirt e rinn anns an litir gun robh clann ann am Poland 's nach fhaca iad orainsearan a-riamh, no pears no càil dhen t-seòrsa sin, agus thuirt e rinn nam b' urrainn dhuinn dhà no thrì a chur dhan a' chase. Man a thuirt e fhèin anns an litir, to make a child happy. Agus rud eile a chuala mi bhon uair sin, gun robh feadhainn dhe na boireannaich ann a shin, an t-aodach aca 's nach fhaigheadh iad air a chàradh le dìth snàthadan agus snàithlean.

IMI: Agus bidh sibh a' cur feadhainn dhe na...

IMA: Ò uill, feumaidh sinn feuchainn.

IMI: Dhen sin dhan a' chase.

IMA: Feumaidh.

DRM: Feumaidh.

IMA: Ò, tha mise a' dol a chur orainsear agus snàithlean ann, agus a Dhòmhnaill Rodaidh, 's ann dhuinne a b' fhiach.

DRM: Ò uill, 's ann.

IMA: Agus orainsearan gu leòr againne.

IMI: Agus, tha, càit am bi sibh a' fuireach anns an ùine sin, fhad 's a bhios sibh thall?

DRM: Ò, bidh sinn ann an Warsaw. Bidh sinn anns a' Ghrand Hotel. Ach cha bhi sinn [???] ach latha no dhà, 's tha ullachadh ri dhèanamh romhainn anns a h-uile baile dham bi sinn a' dol.

IMI: Bidh an turas agaibh gu math atharraichte ri man a bha sibh anns an rìoghachd sin ron a seo.

IMA: Bidh, 's tha busaichean a' dol gar cur dhan a h-uile h-àite, dhan a h-uile campa dha bheil sinn a' dol. Agus man as trice, bidh biadh romhainn.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math