Rannsaich

Rinn Aonghas nan Corc an cladh ann an Àrasaig gus nach laigh...

Ceann-latha May 1954
Àireamh a’ chlàir 31665
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1954.43.1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1954.043

Geàrr-chunntas

Rinn Aonghas nan Corc an cladh ann an Àrasaig gus nach laigheadh an fhaire-chlaidh air corp a mhic.

'S e Aonghas nan Corc a rinn an cladh ann an Àrasaig. Chaochail mac air agus bha iad a' dol ga thiodhlacadh. Chaochail mac banntraich ann an Cùl na Ceapaich aig a' cheart àm. Bhiodh iad ri faire-chlaidh anns na làithean ud. Airson nach biodh an fhaire-chlaidh air mac na banntraich dh'fhalbh bodaich Chùl na Ceapaich leis air an oidhche agus thiodhlaic iad e. Nuair a chuala Aonghas nan Corc seo thuirt e gun dèanadh e cinnteach gum biodh an fhaire-chlaidh air a' bhalach greis. Thiodhlaic iad mac Aonghais nan Cuirce làrna-mhàireach anns a' chruisle san eaglais aig Cille Mhoire. Cha do leig e le duine tuilleadh a thiodhlaiceadh anns a' chladh air cùl Taigh na Ceapaich. Tha an fhaire-chlaidh air a' ghille òg sin gus an là an-diugh.

Tha an neach-clàraidh ag ràdh gun cuala e iomradh air sabaidean a' tachairt nuair a bhiodh dà thiodhlaiceadh ann aig an aon àm, feuch cò gheibheadh a-staigh an toiseach gus nach biodh an fhaire-chlaidh air.

Notaichean a' Chlàir

The 'faire-chlaidh' or graveyard watch was a belief that the last person buried in a cemetery had to guard it until the next one arrived.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Aonghas nan Corc

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Àrasaig is Mùideart

Baile/Àite - Àrasaig

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Àrasaig is Mùideart

Baile/Àite - Àrasaig

Cànan

Gàidhlig

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Calum MacIllEathain (CM): Agus ciamar a thachair an seo, ma-thà?

William MacDonald (WM): An cladh a th' againn ann an Àrasaig ann an seo, 's e Aonghas nan Corc a rinn an toiseachd e. Chaochail mac air... mac air agus bha iad a' dol ga thiodhlacadh. 'S chaochail mac banntraich ann an Cùl na Ceapaich aig a' cheart àm agus bha i a' dol ga thiodhlacadh. 'S bha iad uabhasach an uair ud leis rud ris an abair iad an fhaire-chlaidh. Tha fhios a'd dè tha sin? Agus co-dhiù, airson 's nach biodh an fhaire-chlaidh air mac na banntraich, dh'fhalbh bodaich Chùl na Ceapaich leis a' ghille air fheadh na h-oidhche agus ghabh iad suas Bràigh Chùl na Ceapaich - tha rathad ann gus an latha an-diugh, ceum rathaid ann - 's ghabh iad sìos a' choille bheag, agus 's ann air cùl taigh na Ceapaich a bha an cladh an uair sin.

Thiodhlaic iad an gille air fheadh na h-oidhche anns a' chladh agus dh'fhalbh iad dhachaigh, agus an làrna-mhàireach, dar a dh'èirich Aonghas nan Corc, chaidh innse dha gun deachaidh mac na banntraich a thiodhlacadh a-raoir, agus nach biodh an fhaire-chlaidh air idir.

"Ah uill," arsa Aonghas nan Corc, "bheir mise air," ars ise [sic], "gum bi an fhaire-chlaidh treis air," thuirt e. "Cuiridh mise... tiodhlacaidh mise mo mhac fhèin anns a' chrùisle bheag aig an eaglais sin shuas."

'S dh'fhalbh iad le mac Aonghais nan Corc làrna-mhàireach agus thiodhlaic iad anns a' chrùisle san eaglais e aig Cille Mhoire, agus cha do leig e leotha duine tuillidh a thiodhlacadh anns a' chladh a bha cùl taigh na Ceapaich, agus tha an fhaire-chlaidh air a' ghille òg a bha sin, tha an fhaire-chlaidh air gus an latha an-diugh.

CM: Dìreach. 'S mar a chuala mi iad ag iomradh gum biodh sabaidean uairean aig cladh nuair a bhiodh dà thiodhlacadh a' tighinn car aig an aon àm, gu 'm faigheadh iad... Dh'fheuchadh iad cò gheibheadh a-staigh an toiseach, dhan a' chladh. Bha a leithid de rud ann, air eagal gum biodh an fhaire-chlaidh air.

WM: Bha. Ò bha.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math