Rannsaich

Fhuair Cnoc nan Ceann ainm an dèidh sabaid a ghabh àite ann...

Ceann-latha May 1954
Àireamh a’ chlàir 31674
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1954.43.2

Àireamh an Teip Thùsail

SA1954.043

Geàrr-chunntas

Fhuair Cnoc nan Ceann ainm an dèidh sabaid a ghabh àite ann far an tug daoine na cinn dhe chèile.

Tha àite goirid dhan chladh ann an Àrasaig ris an canar Cnoc nan Ceann far an do shabaid daoine agus chuir iad na cinn dhe chèile. Bha iad fiadhaich an uair ud, ag òl 's a' sabaid. Cha b' fhiach banais no bàl mur a biodh sabaidean ann.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Àrasaig is Mùideart

Baile/Àite - Àrasaig

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Àrasaig is Mùideart

Baile/Àite - Cnoc nan Cinn, Àrasaig

Cànan

Gàidhlig

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

William MacDonald (WM): ...aig a... goirid bhon a' chladh, 's e Cnoc nan Ceann a th' aca air, far an robh sabaid mar sin ann, shabaidich iad agus chuir iad na cinn dhe chèile.

Calum MacIllEathain (CM): Aidh. Agus an robh aire chlaidh...?

WM: Uill, bha iad... chan eil fhios a'm an ann mu aire chlaidh a bh' ann, ach bha iad fiadhaich an uair ud, ag òl 's a' sabaid. Cha b' fhiach banais no bàl no àite sam bith mura biodh sabaidean ann, a' murt 's a' marbhadh a chèile, 's a h-uile rud den t-seòrsa sin.

CM: 'S thug iad Cnoc nan Ceann air an àite?

WM: Thug.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math