Rannsaich

Mar a chaidh Diarman a chur gu bàs.

Ceann-latha May 1954
Àireamh a’ chlàir 31709
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1954.43.5

Àireamh an Teip Thùsail

SA1954.043

Geàrr-chunntas

Mar a chaidh Diarman a chur gu bàs an dèidh dha mnathan na Fèinne a mharbhadh ann an Aird nam Murchan.

Bhiodh na Fiantaichean a' cruinneachadh air taobh Àird nam Murchan agus bhiodh iad a' falbh a shealg air feadh nan Crìochan Garbhach agus a' dol uaireannan cho fada tuath ris an Eilean Sgitheanach. Bha Diarman, Reatha agus Oisean nam measg.

Chuir iad umhail gun robh na mnathan aca a' fas uabhasach reamhar dar a bha iad a' dol a shealg. Aon là dh'fhàg iad Diarman aig an taigh fhad 's a chaidh an fheadhainn eile a shealg. Bha iad air taobh an Eilein Sgitheanaich dar a thug iad an aire gun robh an Fhèinn na teine. A-mach a ghabh iad. Bha aca ris an caol a tha eadar Gleann Eilg agus an t-Eilean Sgitheanach a leum. Cha d' fhuair Reatha gu tìr ach chùm càch romhpa.

Dar a ràinig iad an taigh fhuair iad a-mach dè thachair. Ghabh Diarman air gun robh e na chadal. Shaoil na boireannaich gun robh rudeigin fa-near dha agus cheangail na boireannaich fhalt ri posta. Chuir iad rudeigin na bheul. Dhùisg e le clisgeadh agus dh'fhàg e fhalt air a' phosta. Rinn e grèim air na boireannaich agus chuir e a h-uile duine dhiubh ri theine. Chuir na Fiantaichean eile Diarman gu bàs. 'S ann air sàillibh sin a thàinig cha mhòr crìoch air an Fhèinn sa cheàrn a bha seo.

Neach/Cuspair a' Chlàir

An Fhèinn; Diarman

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Àrasaig is Mùideart

Baile/Àite - Àrasaig

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal

Paraiste - Àird nam Murchan

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Calum MacIllEathain: Seadh, ma-thà. An cuala sibh fhèin, ma-thà, gun robh leithid a rud ann ri Fiantaichean anns an àite seo?

Donald MacDonald: Chuala. Agus 's e an ceann-suidhe a bh' aca, far an robh an Fhèinn a' cruinneachadh, 's ann air taobh Àird nam Murchan. Agus 's ann bhuaithe sin a bhiodh iad a' falbh a shealg air feadh nan crìochan Gàidhealach, agus a' dol uaireannan cho fada tuath ris an Eilean Sgitheanach. Agus bha fear dhiubh dham b' ainm Diarman, agus bha fear eile air an robh Reatha, agus bha fear air an robh Oisean, agus bha feadhainn eile dhiubh ann nach eil cuimhn' agam an-dràsta ro mhath c' ainm a bh' orra.

Ach tha e coltach rium, tha naidheachd a' dol gun d'fhalbh iad... gun robh iad a' cur uibhreachd air na mnathan aca, a bha iad a' fàgail às an dèidh ann an Àird nam Murchan dar a rachadh iad a shealg, gun robh iad a' fàs uabhasach reamhar. Agus bha e a' cur iongnadh mòr orra. Agus air latha dhe na lathaichean, dh'fhàg iad fear dhiubh aig an taigh, air an robh Diarman, agus dh'fhalbh càch agus rinn iad air an t-sealg.

Agus tha e coltach rium gun robh iad air taobh an Eilein Sgitheanaich dar a thug iad an aire gun robh an Fhèinn na teine air taobh Àird nam Murchan. A-mach a ghabh iad. Chuir e iongnadh mòr orra an Fhèinn a bhith na teine. Agus tha e coltach rium gun robh aca ris an àite, ris a' chaol a tha shuas eadar Gleann Eilg agus an t-Eilean Sgitheanach a leum, agus anns an leum chaidh am fear dhiubh air an robh Reatha sìos agus cha d' fhuair e gu tìr.

Ach chùm càch romhpa, agus dar a ràinig iad an taigh fhuair iad a-mach dè bu choiriche an Fhèinn a bhith na teine. Tha e coltach rium gun do ghabh Diarman air gun robh e na chadal, agus smaoinich na boireannaich gun robh rud air choreigineach fos-near dha dar a dh'fhuirich e an latha sa aig an taigh, agus cheangail iad am falt aige ri posta a bha goirid bhon àite san robh e san leabaidh, agus chuir iad rudeigin sìos na bheul. Agus dhùisg esan le clisgeadh, agus dh'fhàg e falt a chinn air a' phosta.

Dh'èirich Diarman an sin anns a' phian anns an robh e, agus rinn e grèim air na boireannaich, agus chuir e ri theine a h-uile duine dhiubh, a h-uile tè dhiubh. Agus dar a thàinig càch dhachaigh, 's e siud a bha romhpa.

Ach bith dè a bha Diarman ag ràdhainn riutha, cha do ghabh sin... cha do ghabh iad mòran leisgeil air, agus chuir iad Diarman gu bàs. 'S ann air sàillibh sin a bha iad ag ràdhainn nuair a thàinig cha mhòr crìoch air an Fhèinn 's air na Fiantaichean anns a' cheàrn a bha seo.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math