Rannsaich

Clann 'ic Dhùghaill agus Cù Glas Mheobail: fiosrachadh agus...

Ceann-latha May 1954
Àireamh a’ chlàir 31755
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1954.44.2

Àireamh an Teip Thùsail

SA1954.044

Geàrr-chunntas

Clann 'ic Dhùghaill agus Cù Glas Mheobail: fiosrachadh agus sgeulachd.

'S e fear de Chlann 'ic Dhùghaill a chaidh a mharbhadh le Cù Glas Mheobail agus 's ann air sàillibh sin a tha e ri fhaicinn nuair a bhàsaicheas duine aca. 'S ann leis fhèin a bha a' ghalla. Bha e air falbh treis agus nuair a thàinig e dhachaigh cha robh i ri fhaighinn. Smaointich iad gun robh i air fear de na h-eileanan air Loch Mhòrair. Bha cuileanan aice. Chaidh e a-mach don eilean, ach cha do dh'aithnich i e agus mharbh i e. 'S e seo as coireach gu bheil an cù glas ri fhaicinn mus tèid fear de Chlann 'ic Dhùghaill a thiodhlacadh.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Àrasaig is Mùideart

Baile/Àite - Àrasaig

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Àrasaig is Mùideart

Baile/Àite - Meobal

Cànan

Gàidhlig

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Donald MacDonald (DM): Agus bha an ceann-suidhe acasan shuas mu thuath Loch Mòrair, eadar Meobail agus àite ris an can iad Reit... Reitealan.

Calum MacIllEathain (CM): Dìreach.

DM: Agus 's ann air sàillibh sin a theireadh iad gun robh an cù glas, gum biodh e air lorg duine sam bith a gheibh... duine a gheibh... a bhàsaicheadh, gum biodh an cù glas ri fhaicinn, a chionn 's e fear de Chloinn 'ic Dhùghaill a chaidh a mharbhadh leis a' chù ghlas.

CM: Ò seadh, seadh. Seadh.

DM: B' ann leis fhèin a bha an cù, tha e coltach rium, agus bha e air falbh treis dheth fhèin bhon taigh agus dar a thàinig e dhachaigh 's e galla-choin... galla a bh' ann.

CM: Galla, seadh.

DM: Agus cha robh a' ghalla ri fhaighinn. Dh'fhorfhais iad càit an robh i agus smaoinich iad an sin gur ann ann am fear de dh'eileanan Mhòrair. Tha eileanan bòidheach a-mach ann an Loch Mòrair - tha iad ainmeil - agus smaoinich iad gur ann sin a bha a' ghalla. Agus cha b' e duine gun mhisneachd a dh'fheumadh a dhol air fhaotainn galla ann an eilean agus cuileanan aice. Ach co-dhiù... agus bha fhios aca air a sin. Ach bha fear seo, thuirt e:

"Ò faithnichidh a' ghalla mise. Chan eil eagal idir orm."

Agus chaidh e a-mach dhan eilean bheag a bha seo ach tha e coltach ris nach d' fhaithnich i e. Agus mharbh i ann an sin e. Agus 's e sin as coireach gu bheil iad ag ràdhainn gu bheil an cù glas ri fhaicinn uaireigineach fad 's a tha fear de Chloinn 'ic Dhùghaill air uachdar talmhainne. 'S ann tha mi a' minigeadh an dèidh a' bhàis. Fad 's...

CM: Dìreach, dìreach. Ò seadh, seadh. Mun tèid an corp aige a thiodhlacadh.

DM: Mun tèid a thiodhlacadh.

CM: Seadh, dìreach. Tha sin math.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math