Rannsaich

Raghnall mac Ailein Òig a' sàbhaladh Mhic 'ic Ailein bhon Donas.

Ceann-latha May 1954
Àireamh a’ chlàir 31794
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1954.44.3

Àireamh an Teip Thùsail

SA1954.044

Geàrr-chunntas

Raghnall mac Ailein Òig a' sàbhaladh Mhic 'ic Ailein bhon Donas.

Bha Dòmhnall Mac 'ic Ailein a' dol a dh'Uibhist turas agus chuir e fios air Raghnall mac Ailein Òig gun rachadh e còmhla ris. Dh'fhalbh iad agus cha robh an t-sìde math. Stad iad ann an Canaigh agus dh'fhàs Mac 'ic Ailein tinn. Dh'aithnich iad gun robh am bàs air.

A' chiad oidhche bha Raghnall mac Ailein Òig agus caraid eile cuide ris ann an taigh ann an Canaigh agus dh'fhairich iad èigheachd a-muigh. Bha fear an sin agus shaoil iad gur e an Donas a bh' ann, ann an riochd fireannaich. Bha e ag èigheachd air an fhear a bha a-staigh tighinn a-mach. Chuala Mac 'ic Ailein e agus thuirt e ri Raghnall gum feumadh e a dhol leis. Chùm Raghnall air ais e fad na h-oidhche. Ràinig am fear a bha a-muigh ursainn an dorais, ach cha leigeadh Raghnall am fear eile a-mach. Ghoir an coileach agus a-mach a ghabh an Donas a-null ri Rubha Shlèite. Thug Mac 'ic Ailein taing do Raghnall agus goirid an dèidh sin thàinig am bàs air.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Àrasaig is Mùideart

Baile/Àite - Àrasaig

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Na h-Eileanan Tarsainn

Eilean - Canaigh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Donald MacDonald: Mar a thuirt mi an toiseach 's e Dòmhnall a bh' air Mac 'ic Ailein a bha seo, agus cha robh barail aca ro mhath idir air an duine, a chionn leithid a rud ris a' mhàgan a bhith ga ruith. Ach bha e a' falbh triop gu ruige Canaigh... Uibhist, 's ann a bha e a' dol, agus chuir e fios air, an uair a bha seo, air Raghnall mac Ailein Òig gun rachadh e còmh' ris gu ruige Uibhist. Bha e co-dhiù aige na fhear-dreuchd. Agus dh'fhalbh iad agus cha robh an t-sìde uabhasach math idir, agus stad iad ri port ann an Canaigh. Agus ann an sin dh'fhàs esan gun a bhith gu math, Mac 'ic Ailein, agus dona ceart a bha e, agus dh'aithnich iad gun robh am bàs air.

An oidhche a bha e fìor dhona, a' chiad oidhche a bha e dona, dona, bha Mac 'ic Ailein agus caraid eile dha fhèin a-staigh na bhun anns an rùm anns an robh e anns an taigh sa ann an Canaigh, agus dh'fhairich iad èigheach a-muigh, agus chaidh iad a-mach agus bha fear an sin, coltas fir ann co-dhiù, agus 's e am beachd a bh' aca gur e an Donas a bh' ann, ann an coltas fireannaich, agus e ag èigheach air an fhear a bha a-staigh tighinn a-mach. Agus chuala Mac 'ic Ailein an èigheach agus a' ghlaodhraich a bha a-muigh agus thuirt e ri Raghnall mac Ailein Òig:

"Feumaidh mi falbh leis. Tha e gam fheitheamh."

"Cha tèid thu a-mach à seo a-nochd," arsa Raghnall mac Ailein Òig. "Tha mise coma cò tha a-muigh ach cumaidh mise an seo thu. Chan eil thu a' dol a-mach a chionn chan e duine ceart sam bith a tha a-muigh ud."

Uill, bha Mac 'ic Ailein, bha e eadar an leabaidh 's an doras fad na h-oidhche agus Raghnall mac Ailein Òig a' dol na bhad agus ga chumail air ais. Agus bho dheireadh, am fear a bha a-muigh, bha e cho dìorrasach agus bha iad ag ràdhainn gun do ràinig e ursainn an dorais. Ach cha dèanadh siud feum; cha leigeadh an duine sgairteil a bha a-staigh, cha leigeadh e a-mach am fear eile. Bho dheireadh, ghoir an coileach agus a-mach a ghabh am fear a bha iad ag ràdhainn a bha an riochd an Donais, agus dh'fhalbh e a-mach beul acarsaid Chanaigh, agus mar a bha an naidheachd ag ràdhainn 's ann a-null ri Rubha Shlèite a ghabh e.

Fhuair am fear a bha a-staigh, an uair sin, thuig e gu math gun robh am fear a thàinig air a thòir air falbh agus thug e taing do Raghnall mac Ailein Òig airson a chumail bhuaithe. Agus glè bheag ùine an dèidh sin dhùin e a shùilean 's cha d' fhosgail e tuillidh iad. Shiud far an tàinig am bàs air.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math