Rannsaich

Sgrìob Liath an Earraich - bean a' dèanamh mì-thuigse air ia...

Ceann-latha August 1957
Àireamh a’ chlàir 31801
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1957.75.1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1957.075

Geàrr-chunntas

Sgrìob Liath an Earraich - bean a' dèanamh mì-thuigse air iarrtas an duine aice.

Bha seann chàraid a' deasachadh bìdh airson a' gheamhraidh. Bha crog ime aca a bha iad a' dol a chumail gus an tigeadh 'Sgrìob Liath an Earraich'. Dh'iarr am bodach air a bhean feòil a chur air a' chàl [brot], ach chuir ise air a' chàl sa ghàrradh i agus dh'ith na h-eòin i. Thàinig seann duine chun an dorais an ceann lathaichean. Dh'fhaighnich am boireannach dha am b' esan Sgrìob Liath an Earraich agus thug i dha an t-ìm nuair a thuirt e gum b' e.

Thuirt an duine aice rithe gun robh e a' falbh a shireadh an fhortain, agus thuirt ise gun leanadh i e. Dh'iarr e oirre an doras a tharraing às a dèidh. Thug e sùil às a dhèidh agus chunnaic e i a' tarraing an dorais leatha. Thàinig iad seachad air àite far an robh mèirlich a' bruich caora agus thilg i an doras orra. Theich iad uile a' fàgail an airgid aca. Bha a' chàraid beairteach às a dhèidh.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Tuath

Eilean - Uibhist a Tuath

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Seòrsachadh

AT1386

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math