Rannsaich

Rud neo-shaoghalta a chluicheadh am feadan air fhàgail ann a...

Ceann-latha c. May 1954
Àireamh a’ chlàir 31888
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1954.45.2

Àireamh an Teip Thùsail

SA1954.045

Geàrr-chunntas

Rud neo-shaoghalta a chluicheadh am feadan air fhàgail ann an creathail an àite pàiste.

Bha càraid a' fuireach ann an gleann monaidh agus an dèidh a bhith pòsta treis mhòr bha pàiste aig a' bhean. Aon là, bha iad ag obair air buain agus dh'fhàg iad am pàiste sa chreathail. Dar a thàinig iad air ais, an àite am pàiste brèagha a dh'fhàg iad bha rud nach robh coltach ri rud saoghalta idir. Thuirt am bodach nach b' e am pàiste acasan a bh' ann agus gum biodh e a-mach à seo.

Cha do stad e a' caoineadh agus cha robh e a' fàs. Bha tàillear a-staigh aca ag obair là agus dh'iarr iad air coimhead às dèidh an rud sa chreathail fhad 's a bha iad a-muigh ag obair. Dh'èirich an rud sa chreathail air uilinn, thug e feadan caol dubh a-mach agus chluich e puirt pìobaireachd eireachdail an dèidh dhan tàillear gealltainn nach innseadh e do dhuine mu dheidhinn.

Làrna-mhàireach, dh'fhalbh fear an taighe gu ceàrdach Chnoc a' Chuilinn gus each a chruidheadh, ach cha robh fada gus an do thill e seach 's gun deach a' cheàrdach na teine. Cho luath 's a chuala am fear a bha sa chreathail seo thug e leum a-mach. [Chan eil an còrr dhen sgeulachd air a' chlàr.]

Notaichean a' Chlàir

This recording is incomplete.

See 'Mac-talla' vol. X no. 27 for a version of this story entitled 'Dòmhnall mac Thormaid agus Leanabh Sìthe Chnoc a' Chuilinn' by Niall MacLeòid.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Àrasaig is Mùideart

Baile/Àite - Àrasaig

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Meadhanach Math