Rannsaich

Sgeulachd mu thriùir mhac aig triùir bhanntraichean.

Ceann-latha March 1971
Àireamh a’ chlàir 32863
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1971.52.B3

Àireamh an Teip Thùsail

SA1971.052

Geàrr-chunntas

Sgeulachd mu thriùir mhac aig triùir bhanntraichean.

Bha triùir bhanntraichean ann, agus mac aig gach tè dhiubh: Rob, Iain agus Dòmhnall. Bha Dòmhnall gu math glic agus mar thoradh cha robh an dithis eile idir measail air. Mharbh iad na beathaichean aige. Thog Dòmhnall air leis na seicheannan. Chuir e seachad an oidhche sa choille agus laigh eòin air 's e na chadal. Rug e air fear dhe na h-eòin agus reic e e do dhuine beairteach airson suim mhòr, le bhith a' toirt a chreidsinn gur e fiosaiche a bh' ann. Thill Dòmhnall agus dh'innis e do chàch gun d' fhuair e an t-airgead air na seicheannan. Mharbh Rob agus Iain na beathaichean aca fhèin, ach nuair a dh'fheuch iad rin reic chaidh an cur dhan phrìosan.

Nuair a leigeadh ma sgaoil iad, mharbh iad màthair Dhòmhnaill. Thug e leis a corp agus chuir e ri taobh tobar e, faisg air taigh mòr. Dh'innis e do dh'fhear an taighe gun robh i bodhar. Nuair a phut an duine i, thuit i dhan tobar agus shaoil e gun do mharbh e i. Thug e airgead do Dhòmhnall airson an gnothach a chumail dìomhair, agus dh'innis Dòmhnall do chàch gun do reic e corp a mhàthar. Le seo, mharbh iad am màthraichean fhèin, ach nuair a dh'fheuch iad rin reic chaidh an cur dhan phrìosan a-rithist.

Nuair a leigeadh ma sgaoil iad an turas seo, chuir iad Dòmhnall ann am baraille 's iad am beachd a bhàthadh. Air an rathad, stad iad aig taigh-seinnse. Thug Dòmhnall an car à cìobair a bha a' dol seachad agus, bun a bha seo, chaidh an cìobair a-steach dhan bharaille na àite. Thilg Rob agus Iain am baraille le creag ach, nuair a ràinig iad an dachaigh, bha Dòmhall ann romhpa le caoraich a' chìobair. Thuirt e riutha gun tàinig e air ais bho na mairbh leis na caoraich. Bha iadsan airson an aon rud a dhèanamh. Chuir Dòmhnall ann am baraillean iad agus thilg e dhan mhuir iad.

Chuala am fiosraiche an sgeulachd seo aig athair agus tòrr dhaoine eile.

Cànan

Gàidhlig

Cruinneachadh

SoSS

Seòrsachadh

AT1535

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math