Rannsaich

Mac rìgh a thug dhachaidh Eun Òr na Frainge agus a bha air a...

Ceann-latha June 1957
Àireamh a’ chlàir 32892
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1957.42.A1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1957.042

Geàrr-chunntas

Mac rìgh a thug dhachaidh Eun Òr na Frainge agus a bha air a' shàbhaladh le bhean.

Ghabh Rìgh na Frainge cuairt don chladach agus fhuair e iteag òir ann agus bha e a' beachdachadh an robh leithid a dh'eun ann. Sheall e an iteag do Sheanagaidh Seanghal agus thuirt e gum feumadh eun a bhith ann ma bha iteag ann. Thuirt e ris soidhne a chur air a' gheat a' tabhainn cairtealachd na h-oidhche agus beagan pàigheadh do neach sam bith a dh'innseadh dad mun eun. Seo a char a dhèanamh.

Aon latha thàinig seòladair misgeach agus dh'innis e gun robh an t-eun air bàrr nan crann aca dar a chaidh an soitheach aca a bhriseadh. Fhuair e cairtealachd na h-oidhche agus dh'fhalbh e làrna-mhàireach.

Bha an rìgh ag iarraidh an eòin agus thuirt Seanagaidh Seanghal ris innse dha a thriùir mhac gur e am fear a gheibheadh an t-eun a bhiodh na oighre.

Dh'innis e seo dha na balaich agus dh'fhalbh an triùir aca. Ruig iad àite far am b' urrainn dhaibh taghadh eadar dà rathad. Char fear aon rathad agus fear rathad eile. Ghabh Jack, am fear a bu shine, seann rathad air a' mhonadh. Ruig e taigh cìobair mu àm cur-staigh nan caorach. Bha dùil aig a' chìobair ris agus bha fhios aige càit' an robh e a' dol. Thuirt e gur dòcha gum biodh fios aig a bhràthair mheadhanach, a bha astar latha agus bliadhna air falbh, mu dheidhinn Eun Òr na Frainge. Fhuair Jack cairtealachd na h-oidhche an sin agus anns a' mhadainn thug iad dha brògan a bheireadh e gu taigh bràthair a' chìobair mu àm cur-staigh nan caorach.

Bha Jack a' leum thairis air cnuic, aibhnichean is lochan agus ràinig e taigh bràthair a' chìobair mar a thuirt iad. Cha b' urrainn do bhràthair a' chìobair dad innse dha ach thuirt e gum bu dòcha gum b' urrainn do a bhràthair òg. An ath mhadainn fhuair Jack a bhracaist, ach cha robh càise dhearg aig bean an taighe. Thug iad ceirsle shnàth dha Jack a bheireadh e gu taigh a bhràthar òg mu àm cur-staigh nan caorach.

Fhuair Jack fàilte mhòr aig an taigh sin. Thuirt am bràthair òg gun deach na ceudan a dh'iarraidh an eòin agus nach do thill gin. An ath latha dh'innis e dha Jack gu robh an t-eun ann an caisteal air a dhìon le leòmhainn, coin agus glagan, ach gum biodh na beathaichean nan cadal air dà uair dheug. Fhuair Jack bracaist, ach cha robh fìon aig bean an taighe.

Dh'fhalbh Jack agus ruig e an caisteal mu dà uair dheug. Char e seachad air na leòmhainn 's na coin agus chunnaic e lofa, càis' agus fìon air bùird sa chaisteal nach robh a' ruith a-mach ge bith na ghabhadh e dhiubh. Chuir e dha phòcaid iad. Chunnaic e an uair sin triùir bhoireannach àlainn nan cadal agus an t-eun ann an cèidse os cionn tè dhiubh. Thug Jack an glùinean a bh' air a' chas chlì aige fhein 's chuir e air a' chas cheart aicese e 's thug e an glùinean air a' chas cheart aicese agus chuir e air a' chas chlì aige fhein e, fhuair e an t-eun agus dh'fhalbh e.

Bha e air ais aig taigh a' chìobair mu àm cur-staigh nan caorach. Dh'fhuirich e an oidhche agus thug e am botal fìon dhan bhean an ath latha. Thug ise dha searbhadair a bhiodh làn biadh a h-uile turas a dheidheadh a sgaoileadh. Thug an cìobair dha ceirsle shnàth gum faigheadh e air ais dhan bhràthair mheadhanach.

Ràinig e agus dh'fhàg e a' mhulchag càis' aig bean an taighe. Thug ise dha botal de stuth a shlànaicheadh cnàimhean briste. Fhuair e na brògan a bheireadh air ais don bhràthair a bu shine e agus dh'fhalbh e.

Cha robh lofa aig bean an taighe a' chiad turas a dh'fhuirich e, agus thug e dhi an lofa nach ruitheadh a-mach. Thug ise dha fàinne a bheireadh cobhair dha na rubaigeadh e.

Thill Jack gus an àite far an do dh'fhàg e a bhràithrean. Bha pòcaidean làn eòin acasan agus dar a chunnaic iad Jack le Eun Òr na Frainge thug iad bhuaithe e, thilg iad e sìos toll agus chaidh iad dhachaigh. Bha iadsan a-nise a' dol a dh'fhaighinn na h-oighreachd.

Bha Jack na laighe le cnàimhean briste. Rubaig e an fhàinne gun fhiosta agus thàinig duine air a bheulaibh agus dh'fhaighnich e an robh e ag iarraidh cobhair. Thuirt Jack gu robh e ag iarraidh a-mach às an toll san robh e agus an ath rud bha e air talamh tioram. Thug e a-mach am botal agus shlànaich e a chnàimhean briste agus sgaoil e an searbhadair agus ghabh e biadh.

Thill e gu taigh athar agus dh'iarr e orra an t-eun a chur a-mach. Dh'iarr an rìgh gum biodh Jack air a chur ann am baraille agus teine a chur ris. Dhiùlt a h-uile duine seo a dhèanamh agus chaidh cantainn ris a dhol a dh'fhalach sa choille. Rinn e seo. Bhiodh daoine a' tighinn thuige le biadh agus aodach uaireannan.

An dèidh bliadhna thàinig boireannach ann an soitheach don chaisteal agus ghlaodh i ris an rìgh athair an leanaibh aice a chur a-mach no chuireadh i an t-àite fodha. Sgaoil i siota mealeabhaid air a' mhuir agus thuirt i gun coisicheadh athair an leanaibh aice air. Dh'fhàillig a' chiad bhràthair agus cha leigeadh an t-eagal air an dàrna fear feuchainn. Thuig an rìgh an uair sin gur e Jack a fhuair an t-eun agus gur ann le Jack a bha an leanabh. Thuirt e ris a' choidsear gun toireadh e rud sam bith a b' urrainn dha gus Jack fhaighinn air ais.

Thill Jack cuide ris a' choidsear, 's cha robh snàithlean air. Chuir athair fàilte mhòr air. Choisich e a-mach air a' mhuir air an t-siota agus char e a-staigh air an t-soitheach far an robh a bhean 's a leanabh. Dh'fhàg e athair leis an t-eun.

Tha am fiosraiche a' smaoineachadh gun cuala i an stòiridh bho a màthair.

Notaichean a' Chlàir

The Gaelic word 'char' is an alternative to 'chaidh', and 'ruig' an alternative for 'ràinig'.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Cataibh

Paraiste - Fàrr

Baile/Àite - Armadal

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math