Dealan-dè
Luchd-agallaimh
Ceann-latha
Àireamh a’ chlàir
33037
Pàirt 1
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Prìosanaich cogaidh a dhiùlt obair a dhèanamh air tuathanas sa Phòlainn air Latha na Sàbaid.
Chaidh Dòmhnall Ailean MacIllEathain agus Ruairidh MacIllEathain, a bha nam prìosanaich cogaidh, air stailc nuair a chaidh iarraidh orra a dhol a-mach a dh'obair air tuathanas anns a' Phòlainn air Latha na Sàbaid. Tha iad ag innse dè an t-adhbhar a chaidh iarraidh orra dhol a dh'obair agus dè an t-adhbhar a chaidh iad air stailc. Tha iad cuideachd ag innse dè am peanas a fhuair iad agus mar nach b' urrainnear a' chùis a bha nan aghaidh a dhearbhadh. Bha iad ann am fìor chunnart air sgàth an rud a rinn iad.
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Tar-sgrìobhadh
Ruairidh MacIllEathain (RM): Sin latha nach dìochuimhnich sinn, tha mi cinnteach, gu bràth, agus bha sinn gu math fortanach nach deach ar cur an sàs air a shàillibh.
Ailean Caimbeul (AC): An innis sibh dhuinn dè thachair an latha a bha sin?
RM: Tha mi cinnteach an ceathrar againn a bh' ann às na h-eileanan, nach robh sinn air a dhèanamh nam biomaid nar n-ònrachd, ach bha a h-uile duine eile aontaichte a dhèanamh agus cha robh againn ri dhèanamh ach mar a dhèanadh càch. Chan eil mi a' smaoineachdainn gum b' fhiach e an cunnart dhan deach sinn, gum b' fhiach aon latha obrach a shàbhaladh. Nam biodh iad air ar dìteadh bha sinn air droch ghiullachd fhaighinn.
Agus chùm iad nar seasamh sinn o, tha mi cinnteach gur ann ro sheachd uairean sa mhadainn gu aon uair deug as t-oidhche a-muigh, agus an t-sìde glè fhuar, gun bhiadh gun deoch, ach gu fortanach gun robh duine no dhà bochd shuas an staidhre, agus nuair a gheibheamaid aire a' gheàird a thoirt dhiubh sin, gun robh iad an sin a' caith beagan bìdh a-nuas thugainn. Agus 's ann a' seinn a bha sinn, ann am Beurla, nuair a bha sinn a' leigeil fhaicinn dhan an fheadhainn a bha shuas an staidhre nach robh... nach robh an geàrd a' coimhead.
AC: Dè bha sibh a' seinn?
RM: Uill, bha dìreach a' seinn, 'Throw it out the window', air fonn... air fonn òran eile. Agus gu fortanach fhuair sinn beagan bìdh thugainn mar sin. Mura b' e sin bha sinn air a bhith gun bhiadh gun deoch o sheachd uairean sa mhadainn co-dhiù gu aon uair deug as t-oidhche.
AC: Niste, an aon rud nach do dh'innis sibh dhomh fhathast, 's e carson a bha sibh air stailc? Dè dh'iarr iad oirbh a dhèanamh a bha cho eadar-dhealaichte 's gun robh sibh a' diùltadh?
RM: Bha tuathanachas mòr aig an fhear leis am bu leis an taigh anns an robh sinn a' fuireach, 's bha ceathrar phrìosanach ag obair aige, ach bha iad air deireadh... bha iad air deireadh leis an obair agus gnothaichean a' tighinn teann orra, agus bha iad ag iarraidh gun d' rachamaid uile, na bh' anns a' champa uile, a-mach chun an tuathanaich a bha seo air Latha na Sàbaid, an aon latha a bha dòchas againn beagan fois fhaighinn.
'S e a shàbhail sinn an uair sin gun deach an ceathrar a bha seo a-mach chun an tuathanaich, an ceathrar a bha ag obair aige tron t-seachdain, chaidh iad a-mach, agus bha sinne ullaichte gu leòr a dhol a-mach chun an tuathanaich dha robh sinn fhèin ag obair fad na bliadhna, ach dhiùlt sinn a dhol a-mach chun an tuathanach leis an robh an taigh anns an robh sinn ag obair. Cinnteach gur ann airson pàirt dhen mhàl a phàigheadh dhan tuathanach a bha seo a bha iad a' dol a thoirt oirnn an latha a bha seo obrachadh.
Dòmhnall Ailean MacIllEathain (DM): Uill co-dhiù, an latha a bha sin, dh'fhàg iad sinn gu aon seachd uairean as t-oidhche a-muigh san fhuachd an sineach, agus dh'fhaillich orra dad a dhearbhadh oirnn. Bha sin san Dàmhair, mu mheadhan an Dàmhair, 's sinn ag obair air a' sugar beet agus bha sineach, bha e airgeadach. Agus cha do thachair dad gu, ò, faisg air an Nollaig, faisg air an Nollaig. Agus aig aon uair deug as t-oidhche dh'fhosgail... dh'fhosgail an doras 's thàinig... thàinig... thàinig an geàrd a-staigh agus an commandant mòr, còirnealair no dè bh' ann, agus dithis eile. 'S ghabh iad dìreach a-null gu leaba... 's e fear Hunt a bh' ann, 's e bha an earbsa a h-uile dad a bh' ann, Corporal Hunt - anns a' Sussex Regiment a bha e - 's bha e air tuiteam na chadal, 's ghabh iad a-null dìreach thuige 's chuir iad a' cheist chudromach air, airson gun fhaigheadh iad an latha leotha. Ach bha Hunt, bha a bhuadhan gu snog aige, agus cha deach leotha idir. Fhreagair e a' cheist ann a leithid a dhòigh agus nach do dhearbh iad riamh oirnn gun robh sinn... fios a'd, bha iadsan airson dearbhadh oirnn gun robh sinn a' sgeamadh, fhios agad, mar a chanas sinn sa Bheurla, premeditated, gun robh sinn a' sgeamadh, agus sin rud a bha iad... nuair a loisg iad a-staigh an oidhche ud aig aon uair deug as t-oidhche, agus bha Hunt bha e dreuganta, fhreagair e a h-uile ceist ceart, 's cha do chuir iad... cha do chuir iad dragh riamh tuilleadh oirnn.
Ach, Ailein, chaidh sinn cho faisg 's a b' urrainn do dhuine a dhol air spell mhath anns a' choncentration. Fhios a'd, 's e dìreach... 's e droch èigheach chianail a bha siud, nam biodh iad air a dhearbhadh oirnn. Chan eil fhios a'm dè bh' air tachairt dhuinn.
RM: Chan eil fhios a'm an robh sinn air tighinn às idir, tha mi a' creidsinn.

Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math