spacer
spacer

Fear a' Churracain Ghlais

Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
Tiotal a' Chlàir - Fear a' Churracain Ghlais
Fiosraichean - Aonghas MacLeòid
Luchd-clàraidh - Iain Latharna Caimbeul
Item Person - Fear a' Churracain Ghlais; nighean Fear Ceann Loch Trèig

Geàrr-chunntas - Bha fear ann dam b' ainm Fear a' Churracain Ghlais. Thuirt athair ris a dhol a dh'iarraidh nighean Fear Ceann Loch Trèig. Dh'fhalbh e sa bhìrlinn. Chaidh e gu caisteal Fear Ceann Loch Trèig. Bha an duine ceudna deiseil le chlaidheamh, is thuirt e ri Fear a' Churracain Ghlais nach toireadh e an nighean aige seachad gus an dèanadh esan iomadach gnìomh gaisgeil an-toiseach. Bha aige ri trì fuamhairean, tarbh mòr dubh, agus bana-bhuidseach dhearg a mharbhadh. Choilion e na gnìomhan seo, agus bha pòsadh ann is cuirm mhòr ann an dèidh làimh.

Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:17:29
Àm Clàraidh - 1950.11.17
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Sgeulachd
Cruinneachadh - Urras Nàiseanta na h-Alba

Àireamh a' Chlàir - 33082
Àireamh an Teip Thùsail - CW0119
Àireamh a' Chlàir Thùsail - CW0119.554
Càileachd an Fhuaime - Math
Cruth Inneal a' Chlàir - Uèir



Àite Clàraidh:
  Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
  Paraiste - Na h-Eileanan Tarsainn
  Eilean - Canaigh

Notaichean a' Chlàir -

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/33082/1




Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA