Sgeulachd nam Beanntainean Gorma
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
CW0129A.600
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Bha Rìgh Èirinn ann agus bha aon mhac aige. Chaochail a mhàthair is phòs an Rìgh a-rithist. 'S e banaltram a thog Mac an Rìgh. Bha buachaille aicese air an robh An Gille Ruadh, agus bhiodh Mac an Rìgh a' falbh còmhla ris. Aon latha, thurchair iad air coidse mhòr cheithir each anns an robh leddi mhòr dam b' ainm Nighean Rìgh nam Beanntainean Gorma. Chaidh ubhal a thoirt dhan bhuachaille, a thug air Mac an Rìgh tuiteam na chadal nuair a dh'ith e e is am pathadh air. Thug i bogsa anns an robh litir dhan bhuachaille cuideachd. Nuair a dhùisg Mac an Rìgh, thuirt an leddi nach fhaiceadh e tuilleadh i mura tigeadh e chun nam Beanntainean Gorma. Chaidh e dhachaigh gus comhairle fhaighinn bho athair. Mu dheireadh thall, fhuair e lorg air na Beanntainean Gorma le bhith a' siubhal air druim na h-Iolaire Mòire. Bha Nighean Rìgh nam Beanntainean Gorma tinn nuair a ràinig e, ach cho luath 's a sheall e an litir dhi, dh'fhàs i na b' fheàrr, agus phòs iad.
Notaichean a' Chlàir
Recorded at a Barra Folklore Committee cèilidh on behalf of the Folklore Institute of Scotland using John L. Campbell's Wire Recorder.
Àite Clàraidh
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Paraiste - Barraigh
Eilean - Barraigh
Baile/Àite - Bàgh a' Chaisteil
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Wire
Càileachd an Fhuaime
Math