Rannsaich

Mharbh mac treabhaiche Mac 'ic Ailein.

Ceann-latha 1959
Àireamh a’ chlàir 33909
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1959.46.B1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1959.046

Geàrr-chunntas

Mharbh mac treabhaiche Mac 'ic Ailein.

Dh'ith treabhaiche aig Mac 'ic Ailein pìos brisgein air beulaibh duine-uasal à Sasainn. Ghabh Mac 'ic Ailein an cuthach, oir bhiodh an Sasannach dhen bheachd gun robh an t-acras air na tuathanaich aige, agus mharbh e an treabhaiche. Mharbh e cuideachd an triùir mhac aige los nach dèanadh iad dìoghaltas air. Bha bean an treabhaiche trom agus theich i gu uamh ann an Èirisgeigh, far an do rugadh mac eile dhi. Chaidh buidheann le Mac 'ic Ailein a mharbhadh a' bhalaich, ach ghabh iad truas agus mharbh iad piseag na àite. Chreid Mac 'ic Ailein gun robh am balach marbh nuair a chunnaic e fuil na piseig.

Dh'fhàs am balach suas agus chaidh e dhan arm. Bha fios aige mu dheidhinn na thachair dha athair 's a bhràithrean agus, nuair a thàinig e air ais a dh'Uibhist air fòrladh, thug e leis buidheann de shaighdearan gus am murt a dhìoghladh. Thugadh rabhadh do Mhac 'ic Ailein agus dh'fheuch e ri teicheadh thar sàile, ach mharbh mac an treabhaiche e nuair a bha e a' dol air bòrd a' bhàta.

Chuala am fiosraiche a chuid sgeulachdan aig na seann daoine agus aig a theaghlach fhèin.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Mac 'ic Ailein

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Cànan

Gàidhlig

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Calum MacIllEathain (CM): Saoil an cuala sibh naidheachd mu Mhac 'ic Ailein agus an treabhaiche?

Calum Mac a' Phearsain (CMP): Chuala.

CM: Ciamar a bha i sin a' dol ma-thà?

CMP: Sasannach mòr a thàinig a dh'amharc air Mac 'ic Ailein, 's dè ach a bha an treabhaiche aige, bha e a' treabhadh agus... bheil fhios agaibh dè th' ann am brisgean? Thionndaidh brisgean mòr anns an sgrìob aige, 's chrom e... chrom e 's thog e... a' togail a' bhrisgein. Cha do rinn e ach a shuathadh mar seo sa bhriogais aige 's a chur na bheul.

Nuair a chunnaic Mac 'ic Ailein sin, bha e ag ràdh ris fhèin gum biodh an Sasannach a' smaointinn gur e an t-acras a bh' air... a bh' air an treabhaiche nuair a rinn e siud, an treabhaiche aige. Agus cha do rinn e sìon ach gabhail sìos 's an treabhaiche a [?throdadh]. Sin agad mar a bha mun treabhaiche aige.

Agus chaidh e an uair sin an dèidh na cloinne aige. Bha triùir ghillean aige, 's dh'fhalbh e às... às an dèidh. Theich na gillean. Rugadh fear... air fear aca aig Glaic a' Bhodaich - tha sineach an rathad a' dol a-mach gu ruige Loch Sgioport - 's ann a tha Glaic a' Bhodaich, far an do shrad e srian a bh' aige mu a chasan 's leag e an gille. 'S chaidh breith air.

Chaidh breith air an fheadhainn eile fada mun do ràinig iad sin. Tha ainm air an àite - chan eil cuimhn' agam dè an t-ainm a th' air - shuas goirid a dh'Ormacleit, far an do rug e air a' chiad fhear, am fear a b' òige dhiubh. Ach chuir e crìoch air na... air an triùir aca.

'S gu dè ach a bha màthair nan gillean, bean an treabhaiche, bha i trom, agus theich i nuair a chunnaic i sin, 's thug i oirre suas gu deas. Agus bha esan feuch am faigheadh e grèim oirre, Mac 'ic Ailein. Agus dè chaidh i ach gu ruige seòrsa de dh'uamh a tha sa... mu choinneamh Èirisgeigh, agus bha i a' fantail anns an uamhaidh a bha sin.

Agus rugadh pàiste gille dhi ann. Agus chuala esan an seo gun robh pàiste gille aice, agus 's ann a chuir e maoir a bh' aige às a dèidh. Agus bha iad a' faighneachd, feadh nan àiteachan, 's dh'innis cuideigin far an robh i.

'S dè ach a' mhadainn a bh' ann, dh'fhalbh ise... dh'fhalbh ise a-mach - 's bha am pàiste suas ri còrr 's dà bhliadhna san àm - dh'fhalbh i a-mach agus dh'fhàg i am pàiste a-staigh agus thug i dha cnàimh 's thuirt i ris:

"Bi thusa a' creim a' chnàimh a tha sin gus an till mise air ais."

Nuair a dh'fhalbh i, cò thàinig ach na maoir chun an àite, agus dh'èigh fear dhe na maoir a-staigh:

"Trobhad a-mach an seo, a bhalaich òig, 's gum faicinn thu."

Agus dh'èigh am balach òg:

"Stad gu 'n creim mi an cnàimh," ars am balach òg.

"Ò," ars esan, "thig a-mach," ars esan, "feuch am faic mi thu."

"Stad gu 'n creim mi an cnàimh," a chanadh esan, a h-uile triop a dh'iarrte air.

Agus ghabh iad truas ris a' phàiste. 'S gu dè ach a bha piseag bheag a ruith a-mach. 'S ann a rug iad air a' phiseig, 's mharbh iad a' phiseag leis a' chlaidheamh 's bha an fhuil... an fhuil air a' chlaidheamh. 'S thill iad air... far an robh Mac 'ic Ailein 's thug iad... sheall iad dha e 's ò, bha seo ceart gu leòr.

Ach gu dè dh'fhàs am balach mòr, agus dè rinn e ach liostaigeadh anns an arm, nuair a dh'fhàs e suas. Agus tha e coltach gun robh e na dhuine cliobhar, an gille, agus aig deireadh, 's ann a fhuair e na sheanalair anns an arm.

Agus bha fios aige dè rinn Mac 'ic Ailein air... air athair 's air a bhràithrean roimhe sin. Agus an triop a bha seo 's ann a fhuair e leave falbh dhachaigh agus saighdearan a thoirt
leis.

Land e an Loch Baghasdail, 's choisich e à Loch Baghasdail agus dè bha Mac 'ic Ailein,
ge brith gu dè, bha e ag aisling an oidhche roimhe sin, agus thuirt e ri tè dhe na... ris an t-searbhanta a bh' aige:

"Thalla feuch am faic thu," ars esan, "a bheil coltas duine sam bith a' tighinn," ars esan, "a' dèanamh air a' chaisteal a tha seo."

Dh'fhalbh i a shealltainn. 'S thill i a-staigh 's thuirt i:

"Chan fhaic mise duine," ars i fhèin, "ach boireannaich 's bucaidean aca a' falbh a thogail fhaochag dhen chladach."

Agus thuirt... thuirt esan:

"Ò, tha sin an ceart gu leòr."

Agus dh'èigh e an sin an ceann greise dhi a-rithist, 's e anns an leabaidh:

"Thalla 's seall fhathast feuch am faic thu coltas duine a' tighinn."

Dh'fhalbh i, agus chunnaic i na saighdearan, a' tighinn. Thuirt i:

"Tha," ars i fhèin, "saighdearan a-nuas Cill Donnain. Tha iad a' dèanamh dìreach air a... air a' chaisteal a tha seo."

"Tha," ars esan, "tha an t-àm agamsa," ars esan, "a bhith a' teicheadh," ars esan.

Dh'èirich e às an leabaidh 's chuir e air aodach, 's tharraing e. 'S dè ach a bhiodh long aige - dè an t-ainm a th' air an tà bheil an cladh... Cladh Àird Mhìcheil. Bha long aige aig Àird Mhìcheil shìos, fo bhonn leac mhòr a th' ann - tha an leac fhathast ann.

Agus dè ach a bha esan air muin eich, an seanalair a bha seothach, am balach sa, agus chunnaic e esan a' falbh bhon taigh 's e air muin an eich, 's cha do rinn e fhèin ach gallopadh leis an each às a dhèidh.

Rug e air dìreach nuair a bha e a' dol air bòrd, agus nach do mharbh e e, mun d' fhuair e air bòrd. Bha tè dhe na casan aige air bòrd sa bhàta, 's an tè eile air a... air an lic a bha seo, 's tharraing e an claidheamh air, 's rinn e dà leth air an duine leis a' chlaidheamh, tha e coltach.

CM: Tha i sin math.

CMP: Sin agad mar a chaidh crìoch a chur air.

Fear neo-ainmichte (F): Tha tuilleadh ann a bharrachd air.

CM: Ò gu dearbh bha i sin fìor mhath a-nist. Chuir iad crìoch air?

CMP: Chuir, chuir iad crìoch air.

CM: Cò aig a bhiodh sibh a' cluinntinn nan naidheachdan? Cò aig a bhiodh sibh a' cluinntinn nan seann naidheachdan?

CMP: Tha, aig na seann daoine a bh' ann an seo. Ò aig na seann daoine.

CM: 'S feumaidh gun robh bhur cuideachd fhèin math air naidheachdan, an robh? Na daoine a bhuineadh dhiubh fhèin?

CMP: Ò bha.

F: Ò bha athair glè mhath 's air... agus bha e na mhaighstir-dannsa, 's bha e cho math air dannsa. Nach robh e a' dannsa...

CM: 'S e maighstir-dannsa a bha nur n-athair, an e?

CMP: 'S e

CM: Agus bha bràthair agaibh san Òban, bha e uabhasach math?

CMP: Bha, Aonghas.

CM: Aonghas, bha. Fuirich gun cluinn sibh seo, ma-thà.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math