Rannsaich

Phòs cìobair maighdeann-mhara, thill i dhan mhuir, ach bha i...

Ceann-latha
Àireamh a’ chlàir 34215
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1957.44.A5

Àireamh an Teip Thùsail

SA1957.044

Geàrr-chunntas

Phòs cìobair maighdeann-mhara, thill i dhan mhuir, ach bha i fhathast a' coimhead às dèidh na cloinne.

Bha cìobair ann le cuilean. Dar a bhiodh daoine ag ràdh cho laghach 's a bha an cuilean bhiodh e ag ràdh, "tha là a' choin dhuibh ri thighinn." Dar a dh'fhàs an cù mòr chunnaic an cìobair maighdeann-mhara agus thug e fhèin 's an cù dubh a-staigh gu cladach i. Thug e dhachaigh i agus thug e an cochall snàmhaidh dhith agus dh'fhalaich e i. Phòs iad agus bha clann aca. Aon là chunnaic a' chlann an craiceann bòidheach agus sheall iad dham màthair e. Chuir i oirre e agus dh'fhalbh i a-mach air a' mhuir, agus bha a' chlann a' caoineadh. A h-uile là a bha an cìobair air falbh bha an taigh 's a' chlann air an glanadh, bha am biadh air a chur air a' bhòrd, am bò air a bleoghan 's a h-uile nì. Bha a' chlann ga faicinn, ach cha robh an duine.

Chuala am fiosraiche an stòiridh bho a mhàthair. Thachair e mu àm a' chiad chogaidh.

Cànan

Beurla, Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math