Rannsaich

An Sasannach agus am Flùr.

Ceann-latha July 1953
Àireamh a’ chlàir 34382
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1953.117.A11

Àireamh an Teip Thùsail

SA1953.117B

Geàrr-chunntas

An Sasannach agus am Flùr.

Chunnaic Seòras Bochanan Sasannach a' togail flùr dhan tè air an robh e a' suirighe anns an taigh mhòr. Dh'fhàg e an ad aige a-muigh, agus am flùr foipe. Thug Bochanan am flùr air falbh agus chur e salachar na àite. Nuair a thàinig an Sasannach a-mach, dh'iarr e air a' bhoireannach an ad a thogail. Cha d' fhuair i ach salachar.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Bochanan, Seòras

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Seòrsachadh

AT1528

Tar-sgrìobhadh

Eairdsidh Camshron: Ò an Sasannach 's am flùr. Uill bha Sasannach an siud 's bha e a' suirghe air leadaidh, 's bha Bochanan gu toirt fairis ga watchadh. Chaidh an Sasannach a-staigh don ghàrradh 's fhuair e flùr uamhraidh brèagha, 's thog e leis e. Gheàrr e e 's chuir e air an t-sràid e, 's chuir e an ad aige air muin an fhlùir. 'S dh'fhalbh e a-staigh don taigh mhòr a dh'iarraidh na leadaidh, 's cho fhad 's a bha e a-staigh leum Bochanan a-staigh don ghàrradh 's thug e am flùr air falbh 's chuir e salchar ann. Agus thàinig an Sasannach a-mach à sin 's an leadaidh aige, 's dh'iarr e air an leadaidh an ad a thogail. Bha ise ag iarraidh air e fhèin a togail, 's bha iad a' còmhdach. Thog an leadaidh an ad mu dheireadh 's dè bh' ann ach an salchar. Ach thuig e gur e Bochanan a rinn e, an rud air.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math