An rìgh, an droch mhuime agus a' phiseag.
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1960.1.B3
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
An rìgh, an droch mhuime agus a' phiseag.
Bha rìgh ann uaireigin agus bha triùir nighean aige. Phòs e a-rithist agus bha an dàrna bean dona dhan chloinn aige. Thug i air tè dhiubh a dhol gu eilean iomallach airson bliadhna. Bha i na h-aonar air an eilean, gun mòran bìdh aice. Thachair i air piseag, 's thug i cuibhreann dhen bhiadh aice dhan phiseig. Bha a' phiseag cho taingeil 's gun do bhiathaich i an nighean fad na bliadhna. Chaidh i air ais dhachaigh na bu bhrèagha na bha i a-riamh. Ri linn seo, chuir a muime an nighean aice fhèin a-null chun an eilein, feuch am fàsadh i brèagha. Cha tug ise, ge-tà, biadh dhan phiseig, agus le seo cha robh sìon air fhàgail dhith ach cnàmhan an ceann bliadhna.
Tha còrr 's 50 bliadhna bho chuala am fiosraiche an sgeulachd seo.
Àite Clàraidh
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Paraiste - Uibhist a Deas
Eilean - Uibhist a Deas
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math