Rannsaich

An dithis chompanach agus na robairean.

Ceann-latha 05 December 1959
Àireamh a’ chlàir 34464
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1960.2.A4

Àireamh an Teip Thùsail

SA1960.002

Geàrr-chunntas

An dithis chompanach agus na robairean.

Bha dithis chompanach ann a bha gu math bochd. Thug fear aca car às an fhear eile nuair a thug e dha poca cloimh airson poca chnòthan agus dà sgillinn. Nuair a chunnaic am fear eile nach robh cloimh sa phoca idir, chaidh e gu taigh a charaid gus an t-airgead fhaighinn air ais. Leig a charaid air gu robh e marbh ach dh'fhan am fear eile airson a dhol dhan eaglais còmhla ris a' chorp. Thàinig robairean a-staigh dhan eaglais airson an creach aca a roinn. Fhuair fear aca claidheamh ach nuair a chaidh e airson seo fheuchainn air a' chorp, ghluais an 'corp' agus theich na robairean. Thill dithis aca, ach nuair a chuala iad am 'fear marbh' a' sabaid ri charaid, theich iad a-rithist. Chùm an dithis charaidean an t-airgead aig na robairean.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Seòrsachadh

AT1654

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math