Dòmhnall Mòr Uibhisteach, fear-sgiobaidh a bh' aig Mac 'ic A...

Ceann-latha
Àireamh a' chlàir 34465
Pàirt 1
Pàirt 2

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1960.002.A5

Àireamh an Teip Thùsail

SA1960.002

Geàrr-chunntas

Dòmhnall Mòr Uibhisteach, fear-sgiobaidh a bh' aig Mac 'ic Ailein.

Bha Mac 'ic Ailein agus am fear-sgiobaidh aige, Dòmhnall Mòr Uibhisteach, air turas gu Canaigh. Thàinig long-chogaidh a bha ag iarraidh cuideachadh faighinn a-steach gu Loch Aoineart. Chaidh Dòmhnall Mòr air bòrd na luinge ach cha leigeadh an sgiobair le Dòmhnall an long a stiùireadh tron àite chumhang aig beul Loch Aoineart, agus bhuail i air sgeir. Chuireadh Dòmhnall ann an grèim agus bha e gu bhith air a chrochadh.

Chuireadh Dòmhnall ann am prìosan air eilean agus tha an sgeulachd ag innse mu iomadh gàbhadh tron deach e 's e a' feuchainn ri faighinn às. Ràinig e tìr-mòr agus bha teaghlach an siud a chuidich e, leis an do dh'fhuirich Dòmhnall fad bliadhna. Thill e a dh'Uibhist an uair sin, agus air adhart gu Canaigh, far an do choinnich e ri mhaighstir a-rithist. Cha do dh'aithnich Mac 'ic Ailein Dòmhnall Mòr, ach thug e obair dha air an luing aige. Dh'fhàg iad Canaigh agus nuair a bha iad a' tighinn faisg air Loch Aoineart, dh'fhàs an t-sìde fiadhaich, agus bha Mac 'ic Ailein 's an sgioba aige a' dùraigeadh gu robh Dòmhnall Mòr aca. Dh'innis Dòmhnall Mòr an uair sin gur e e fhèin a bh' ann agus thug e a-steach gu Loch Aoineart iad gu sàbhailte. Fhuair Dòmhnall dachaigh ann an Caisteal Dhreumasdail mar dhuais airson na rinn e, agus phòs e nighean an teaghlaich a thug cobhair dha.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Dòmhnall Mòr Uibhisteach; Mac 'ic Ailein

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Eilean - Uibhist a Deas

Paraiste - Uibhist a Deas

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Eilean - Uibhist a Deas

Paraiste - Uibhist a Deas

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Aonghas MacIllFhialain (AM): Bha fear ann an seo, fear-sgiobaidh a bh' aig Mac 'ic Ailein, Dòmhnall Mòr Uibhisteach a chanadh iad ris. Agus bha e air falbh ann an Canaigh. Bha e a' feitheamh ri tighinn dhachaigh, am faigheadh e a' phasaid dhachaigh gu ruige Uibhist.

Agus gu dè thàinig a-staigh gu ruige acarsaid Chanaigh ach long-chogaidh a bha a' tighinn gu ruige Loch Aoineart agus i ag iarraidh paidhleat airson tighinn a-staigh a Loch Aoineart, agus iad a' dol a thogail gearastan air Àirigh nam Ban, gu geàrd Loch Aoineart.

Agus smaointich Dòmhnall Mòr gur e deagh theansa a bh' aige faighinn a-nall, gum paidhleataigeadh e an long a-staigh gu ruige Loch Aoineart. Fhuair e innte, 's thàinig e a-nall tarsaing ceart gu leòr. 'S nuair a bha e a' tighinn a-staigh bha an t-àite cho cumhang aig beul a-muigh an locha. 'S e àite ris an can iad an Sruth Beag. Chan eil mòran leud ann ach mu thrì fichead slat. Agus nuair a bha e a' tighinn a-staigh a dh'ionnsaigh an àite chumhaing a bha sin, dh'iarr e an stiùir air an sgiobair. Stiùireadh e fhèin a-staigh i.

"Chan fhaigh thu sin, ach thoir dhòmhsa an cùrsa."

"Uill, mura faigh," arsa Dòmhnall Mòr, "biodh tu far an togair thu leatha."

Bha lìonadh gu math làidir air 's bha sruth uabhasach ann. Bha an sgiobair a' faicinn an àite dùinte roimhe 's cha robh e a' faicinn fosgladh sam bith. 'S ann a dh'fheuch e ri tilleadh, cur mun cuairt. Agus nuair a dh'fhalbh a' ghaoth às na siùil bha a leithid a ghrèim aig an t-sruth oirre, agus a-staigh a bha i leis an t-sruth, agus bhuail i air sgeir a th' ann ri taobh an t-sruth, agus bhathar ga cur às a chèile ann a shin.

Bha bodach a mhuinntir Chinn t-Sàile a' fuireach àite ris an can iad an Àird Bhuidhe, ri taobh an t-sruth, agus bha e ga coimhead, agus thuirt e:

"A Dhia," ars am bodach, ars esan, "nach i a tha ga sgonnadh," ars esan.

Cha tuirte riamh ris an sgeir sin ach Clach an Sgonnaidh chun an latha an-diugh.

Rugadh air Dòmhnall Mòr agus chuireadh ann an iarainn e.

Agus thòisich iad air toir ais-... toir aiste nan gunnachan an uair sin agus gan cur air tìr ann am bàgh a bha ri taobh an t-sruth. Agus cha tuirteadh ris an àite sin riamh ach Cùil nan Gunnachan, chun an latha an-diugh.

Ach co-dhiù, fhuair iad air falbh i, agus thug iad leotha Dòmhnall Mòr agus chuireadh ann am prìosan e air eilean gus an rachadh a chrochadh. Agus bha e ann a shin, agus 's e boireannach a bhiodh a' dol thuige le a bhiadh. Agus seo an oidhche mu dheireadh a bha e gus a bhith anns a' phrìosan. Bhathar a' dol ga chrochadh an làrna-mhàireach.

Nuair a thàinig am boireannach thuige sa mhadainn le a bhracaist, ò, ghuidh e oirre feuch am b' urrainn dhi de ròpa a thoir thuige na leigeadh a-mach air uinneig a bh' air chùlaibh a' phrìosain e, chun a' chnoic.

Bha sloc air a chladhach fon uinneig agus e air a lìonadh leis glainneachan 's leis a h-uile sìon bu mhiosa na chèile, oir 's ged a dh'fheuchadh duine a-mach air an uinneig gun robh e ullamh anns an t-sloc a bha sin.

Co-dhiù, nuair a chaidh ise thuige leis a' bhiadh mu dheireadh, shuaint i de ròpa uimpe fhèin fo a cuid aodaich, uiread 's a b' urrainn dhi fhalach. Agus nuair a thug i dha a bhiadh dh'fhàg i aige an ròpa anns a' phrìosan.

Agus nuair a thàinig an oidhche, cheangail Dòmhnall Mòr ceann an ròpa ris an leabaidh, agus chuir e a-mach air an uinneig e, agus cha rachadh e a-mach le a chuid aodaich oirre. Bha an uinneag cho beag. Chuir e dheth aodach ach a lèine, agus fhuair e a-mach air an uinneig. Agus bha e a' cromadh air an ròpa, agus bha e an seo ràinig e ceann an ròpa agus bha e fada on talamh. Cha robh fhios aige co-dhiù thilleadh e no leigeadh e às an ròpa 's a bhuaileadh e anns a... an lùib nan glainneachan.

Ò, cha robh aige ach am bàs co-dhiù. Leig e às an ròpa. Bhuail e sìos an lùib nan glainneachan a bha sin 's e rùisgte, 's chaidh a chasan a ghearradh gu h-olc. Dh'fheuch e an sin air an t-snàmh, agus shnàmh e gu tìr. Agus cha robh fios aige cà an rachadh e. Bha e a' cumail roimhe suas. Chunnaic e an seo solas. Rinn e dìreach air an t-solas.

Calum MacIllEathain (CM): 'S rinn e dìreach air an t-solas.

AM: A bheil e deiseil?

CM: Aidh. Tha e ceart. Tha.

AM: Bha taigh mòr, fada, dubh an sin, 's chaidh e a-staigh, agus cha robh a-staigh ach cailleach. Agus dh'fhaighneachd e dhith am faigheadh e fuireach ann an seo gu madainn.

"Ò, chan fhaigh," ars ise. "Chan eil àite an seo agad," ars ise. "'S fheàrr dhut falbh."

"An-tà, chan eil e furasta dhòmhsa falbh," ars esan. "Am fàgadh sibh a-staigh mi," ars esan, "gu madainn?" ars esan.

"Ò, chan fhalbh... chan fhàg," ars ise. "Ach mura falbh thu le do thoil fhèin," ars ise, "nuair a thig an nighean ro-mhòr dhachaigh," ars ise, "'s cumhang leatsa do chuid dhe seo."

"Uill, fanaidh sinn, ma-thà," ars esan, "gus an tig an nighean ro-mhòr fhèin," ars esan.

Cha robh e fada gus an do dh'fhairich e dùbhradh a' tighinn anns an doras. Nochd nighean mhòr, ruadh a-staigh 's boc goibhre air a muin. Bhuail i... 's a chasan ceangailte, 's bhuail i air an ùrlar e.

"Cha robh sibhse riamh," ars ise, "gun straigealair agaibh."

"An-tà, b' e sin an straigealair," ars a' chailleach. "Tha e dalma," ars ise. "Dh'fhaillich ormsa," ars ise, "gun cuirinn air falbh e," ars ise.

"Ò, ma dh'fhaillich e oirbhse," ars ise, "chan fhaillich e ormsa," ars ise. "Chan fhaca mi fear eile riamh a rachadh os cionn m' analach," ars ise.

Ghabh i a-null 's rugadh air amhaich air Dòmhnall Mòr. Dh'èirich Dòmhnall Mòr 's leis a h-uile carachd a bh' ann leag Dòmhnall Mòr air an ùrlar i.

"Uill, cha bhi agad ri ràdh a-rithist," arsa Dòmhnall Mòr, "nach fhaca thu fear a rachadh os cionn d' analach."

Dh'èirich an nighean ruadh agus chrath i i fhèin, agus thugadh làmh air a' bhoc goibhre agus mharbh i e agus dh'fheann i e, agus chuir i pìosan ann am poit air teine dheth.

Bha tòrr feòir ann an ceann eile an taighe shìos, agus dh'èirich Dòmhnall Mòr agus thòisich e air dèanamh sìoman air an fheur agus air a shuainteadh timcheall air fhèin feuch am faigheadh e e fhèin fhalach, 's gun air ach a lèine. Agus nuair a chover e e fhèin leis an fheur thàinig e a-nuas agus shuidh e aig an teine.

Ach dh'fhairich e an seo an ath ùpraid a' tighinn mun doras, agus nochd bodach mòr a-staigh agus dithis ghillean còmhla ris agus mart aca.

"Ò, cha robh sibhse riamh," ars am bodach, "gun straigealair agaibh an seo."

"An-tà, b' e sin an straigealair," ars a' chailleach. "Dh'fhaillich oirnne a chur air falbh."

"Ò, ma dh'fhaillich e oirbhse," ars esan, "chan fhaillich e oirnne. A bheil biadh agaibh deiseil?"

"Tha," ars an nighean ruadh.

"Uill, gheibh e a ghabhail, ma-thà," ars esan, "gus an gabh sinne ar biadh," ars esan, "mura falbh e leis fhèin."

Dh'fhalbh iad suas a cheann eile an taighe gu am biadh, agus dh'fhàgadh Dòmhnall Mòr bochd aig an teine. Agus nuair a ghabh iad am biadh thàinig fear dhe na gillean a-nuas agus dà chlaidheamh aige. Agus:

"Seo," ars esan, 's e a' tionndadh ri Dòmhnall Mòr, "gheibh thu fair play," ars esan. "Geàrd thu fhèin."

Dh'èirich Dòmhnall Mòr 's thòisich e fhèin 's an gille air [?sealan] 's uair dhe na h-uaireannan thug Dòmhnall Mòr a-nuas slis far na gruaidhe aige leis a' chlaidheamh. Chraobh-sgaoil an gille le fuil. Leigeadh an èigh gun robh an gille marbh.

"Chan eil," arsa Dòmhnall Mòr, "e marbh," ars esan. "Cha dèan siud sìon air," ars esan.

'S e Dòmhnall Mòr fhèin a chuir stad air an fhuil. Agus shuidh e far an robh e roimhe agus an claidheamh aige 's cha leigeadh an t-eagal leotha an uair sin dragh sam bith a chur air.

Mharbh iad a' bhò 's thòisich iad air a feannadh, 's nuair a bha iad ga cur às a chèile chuir am bodach poit mhòr air teine 's i làn uisge, 's a h-uile pìos a ghearradh e dhen bhoin chuireadh e anns an uisge ghoileach e, sa phoit e, gus dath liath a thoir air an fheòil, oir 's nan tigte rannsachadh, gura fhada o chaidh a marbhadh.

Nuair a shaill iad a' bhò dh'fhalbh iad a chadal 's dh'fhàgadh Dòmhnall Mòr aig an teine. Cha robh Dòmhnall Mòr... Cha robh iad fada air a dhol a chadal nuair a dh'fhairich e, Dòmhnall Mòr, ùpraid a' tighinn mun doras, agus cò bha seo ach an fheadhainn on a ghoideadh a' bhò a' tighinn air a sàillibh. Dh'fhalbh Dòmhnall Mòr sìos chun an dorais 's ghabh e a-mach.

"Cò na blaigeardan," ars esan, "a tha a' tighinn gu... a dh'ionnsaigh taigh duine chòir mun àm sa a dh'oidhche? Mura clìor sibh air falbh chan fhàg mi ceann air colainn agaibh," ars esan.

Nuair a chunnaic iad an [?tùirc] a thàinig a-mach, 's gun ann ach tòrr feòir, a-mach a ghabh iad. Chlisg an cridhe aca. Bha am bodach na dhùsgadh 's bha e a' cluinntinn Dhòmhnaill Mhòir.

"A bheil thu na do dhùsgadh, a nighean ruadh?" ars am bodach.

"Tha," ars an nighean ruadh.

"Èirich gu h-allamh," ars ise, "agus..." ars esan, "agus thoir biadh dhan duine. Agus càirich leaba dha. Agus b' e mo charaid e a' tighinn chun mo thaighe am beul na h-oidhche," ars esan.

Dh'èirich an nighean ruadh, agus chuir i poit air teine agus rinn i uisge blàth, agus chuir i air a chasan e, agus thòisich i air toir nan glainneachan às a chasan.

Agus bha Dòmhnall Mòr ann an... Dòmhnall Mòr bliadhna ann a shin. Agus 's ann a rinn e an seo airson feuch am faigheadh e tilleadh gu ruige Uibhist. Agus leis a h-uile h-aiseag a bh' ann fhuair e cho fad ri Canaigh.

Agus cò bha a-muigh ann an Canaigh anns an àm ach Mac 'ic Ailein leis an luing-fhada. Agus chaidh Dòmhnall Mòr far an robh e feuch am faigheadh e an t-aiseag gu ruige Uibhist. Agus cha robh duine riamh ann a dh'aithnicheadh e. Bha e air a dhol fo fheusaig. Cha deach e... 's fo ghruaig. Cha deach a chliopadh no a shèibheadh fad na bliadhna. Agus thuirt Mac 'ic Ailein ris gum faigheadh e an t-aiseag nan obraicheadh e a phasaid a-nall.

"Obraichidh," arsa Dòmhnall Mòr.

Co-dhiù, dh'fhalbh iad an seo 's dh'fhàg iad Canaigh a' tighinn a-nall gu ruige Loch Aoineart. Agus thàinig an latha fuathasach dona, agus bha Mac 'ic Ailein ga stiùireadh.

"Ah, tha eagal orm," arsa Mac 'ic Ailein, "nach dèan sinn an gnothach," ars esan. "Tha an fhairge trom."

"Ah," arsa fear dhe na gillean, "nam biodh Dòmhnall Mòr Uibhisteach againn," ars esan. "Chunna mise e a' ruith seo," ars esan, "latha bu mhiosa na an latha an-diugh."

"Ò, bha e na b' fheàrr dhuinn an duine sin bhuainn," arsa Mac 'ic Ailein, "na againn," ars esan. "Tha airgead-ceann mòr às an duine sin," ars esan.

Nuair a chuala Dòmhnall Mòr seo dh'èirich e sìos agus rug e air Mac 'ic Ailein agus sheòl e suas bhon a... bhon na stiùir e.

"Uill, tha e agad ann a sheo, ma-thà," arsa Dòmhnall Mòr, "'s dè nì thu air?"

Rug Dòmhnall Mòr air an fhailm agus cha do leig e deur a-staigh tuilleadh innte gus an tàinig i gu ruige Loch Aoineart.

Uill, cha robh fios aig Mac 'ic Ailein gu dè rud a dhèanadh e ris. Ach 's e am plan a rinn e gun cuireadh e do Chaisteal Bheagraim e, shìos aig Dreumasdal an sin, an caisteal a th' air an locha, agus gum biodh e ann a shin 's gum biodh e fhèin a' cumail ris.

Bha Dòmhnall Mòr air a... anns a' chaisteal an uair sin agus bhiodh Mac 'ic Ailein fhèin a' dol ga choimhead sìos.

Ach dè thòisich iad an seo ach air faicinn boireannach a' dol timcheall an locha agus cnapach gille aice air làimh, agus cha robh i a' dol a bhruidhinn ri duine. Agus dh'innseadh seo do Mhac 'ic Ailein, gun robh iad a' faicinn boireannach timcheall an locha siud, 's nach robh fhios gu dè seòrsa boireannaich a bh' innte, nach ann a mhuinntir seo a bha i co-dhiù, nach robh i a' dol a [?dh'own-aigeadh] duine.

Chaidh Mac 'ic Ailein sìos dhan chaisteal far an robh Dòmhnall Mòr, 's dh'fhaighneachd e de Dhòmhnall Mòr dè am boireannach a bhathar a' faicinn mun... timcheall an locha an seo. Am faca e fhèin i.

"An-tà," arsa Dòmhnall Mòr, "tè... Bha mise a-staigh aca," ars esan "fad bliadhna," ars esan, "agus tha mi cinnteach gura h-i a tha sin," ars esan.

"Ò, ma-thà," arsa Mac 'ic Ailein, "'s e an rud as fheàrr dhut a dhèanamh, pòs i," ars esan, "agus gheibh thu às a seo," ars esan. "'S dòcha nach bi guth tuilleadh ort," ars esan.

Phòs Dòmhnall Mòr an nighean ruadh, agus cha tàinig guth riamh tuilleadh air Dòmhnall Mòr. Fhuair e clìor.

Agus sin mar a thachair do Dhòmhnall Mòr Uibhisteach bochd.

CM: Tha i sin math.

AM: Cha d' fhuair sibh roimhe i siud?

CM: Cha d' fhuair.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math