Rannsaich

Dòmhnall Mòr Uibhisteach, fear-sgiobaidh a bh' aig Mac 'ic A...

Ceann-latha 05 December 1959
Àireamh a’ chlàir 34465
Pàirt 1
Pàirt 2

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1960.2.A5

Àireamh an Teip Thùsail

SA1960.002

Geàrr-chunntas

Dòmhnall Mòr Uibhisteach, fear-sgiobaidh a bh' aig Mac 'ic Ailein.

Bha Mac 'ic Ailein agus am fear-sgiobaidh aige, Dòmhnall Mòr Uibhisteach, air turas gu Canaigh. Thàinig long-chogaidh a bha ag iarraidh cuideachadh faighinn a-steach gu Loch Aoineart. Chaidh Dòmhnall Mòr air bòrd na luinge ach cha leigeadh an sgiobair le Dòmhnall an long a stiùireadh tron àite chumhang aig beul Loch Aoineart, agus bhuail i air sgeir. Chuireadh Dòmhnall ann an grèim agus bha e gu bhith air a chrochadh.

Chuireadh Dòmhnall ann am prìosan air eilean agus tha an sgeulachd ag innse mu iomadh gàbhadh tron deach e is e a' feuchainn ri faighinn às. Ràinig e tìr-mòr agus bha teaghlach an siud a chuidich e, leis an do dh'fhuirich Dòmhnall fad bliadhna. Thill e a dh'Uibhist an uair sin, agus air adhart gu Canaigh, far an do choinnich e ri mhaighstir a-rithist. Cha do dh'aithnich Mac 'ic Ailein Dòmhnall Mòr, ach thug e obair dha air an luing aige. Dh'fhàg iad Canaigh agus nuair a bha iad a' tighinn faisg air Loch Aoineart, dh'fhàs an t-sìde fiadhaich, agus bha Mac 'ic Ailein 's an sgioba aige a' dùraigeadh gu robh Dòmhnall Mòr aca. Dh'innis Dòmhnall Mòr an uair sin gur e e fhèin a bh' ann agus thug e a-steach gu Loch Aoineart iad gu sàbhailte. Fhuair Dòmhnall dachaigh ann an Caisteal Dhreumasdail mar dhuais airson na rinn e, agus phòs e nighean an teaghlaich a thug cobhair dha.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Dòmhnall Mòr Uibhisteach; Mac 'ic Ailein

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math