Rannsaich

Mar a fhuair Oisean bean agus mar a thachair dha an dèidh a...

Ceann-latha June 1957
Àireamh a’ chlàir 34796
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1957.48.B2

Àireamh an Teip Thùsail

SA1957.048

Geàrr-chunntas

Mar a fhuair Oisean bean agus mar a thachair dha an dèidh a call.

Bha Oisean ann am bothan àirigh às dèidh linn na Fèinne. Aon oidhche thàinig boireannach grànda agus cha leigeadh na daoine anns na bothanan eile a-staigh i, ach leig Oisean. Dh'ith iad biadh agus laigh iad còmhla, ach chuir Oisean claidheamh rùisgte eatorra. Sa mhadainn bha am boireannach bu bhrèagha a chunnaic e a-riamh roimhe. Dh'fhuirich iad còmhla ach thug i air gealltainn nach tilgeadh e oirre an ìomhachd anns an tàinig i.

Bliadhnaichean às dèidh sin chaidh Oisean don mhonadh latha agus bha cuilean gu bhith aig a' ghalla. Thuirt e ris a bhean dèanamh cinnteach nach toireadh i a' chiad chuilean do dhuine sam bith. Thàinig duine agus thug e oirre a' chiad chuilean a thoirt dha. Chaidh i fhèin agus Oisean a-mach air a chèile, agus thilg e oirre an ìomhachd anns an tàinig i.

Dh'fhalbh ise agus ghabh Oisean an t-aithreachas. Lean e i. Bha i a' falbh na feannaig san iarmailt. Thuirt i nach b' urrainn dhi tilleadh, ach thug i dha fàinne, 's i ag ràdh ris nach tachradh dad dha fhad 's a bha i air a chorraig.

Bha Oisean na bhodach agus bha e ag innse do ghille a bha cuide ris mu na Fianntan agus rudan eile. Aon latha thill an gille bhon mhonadh le fiadh, agus dh'fhaighnich e an do mharbh na Fianntan a-riamh fear cho mòr. Thuirt Oisean gum faca e sliasaid loin-duibh a bha na bu mhotha. Thilg an gille leabhraichean na Fèinne don teine.

Dh'iarr Oisean air a' bhalach a thogail air a mhuin agus chaidh iad don mhonadh. Fhuair iad cuilean a bhuineadh do na Fianntan. Bha Oisean dall agus bodhar. Thàinig iad gu àite sònraichte agus thug Oisean aon ghlaodh agus chunnaic an gille fèidh cho mòr 's a chunnaic e a-riamh. Chùm Oisean air a' glaodhaich gus an tàinig fiadh a bha mòr gu leòr agus chuir e an cuilean às a dhèidh.

Dh'iarr e air a' ghille teine a bheothachadh gus am fiadh a ròstadh. Dh'ith e bìdeag den fheòil fhad 's a bha e ga bruich. Dh'ith Oisean a bhiadh agus bha e cho làidir 's a bha e a-riamh, ach gun robh leus air a shùil.

Chaidh iad don choille agus mharbh e lon-dubh. Dh'ith an gille a bhuidheach agus thug e dhachaigh an spàg. Thilg e air a' bhòrd i agus bhrist i na ceithir casan. Bha i na bu mhotha na 'm fiadh a thug an gille dhachaigh.

Aon latha dh'iarr Oisean air a' ghille a thoirt don allt agus a ghlanadh. Thug e an fhàinne dheth agus thàinig an fheannag 's thog i i. Mharbh Oisean an gille gus nach innseadh e càit an robh e cuide ris agus theirig e fhèin.

Chuala am fiosraiche an sgeulachd bho a h-athair.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Ossian

Àite Clàraidh

Siorrachd - Cataibh

Paraiste - Fàrr

Cànan

Gàidhlig

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math