Rannsaich

Boban Saor agus Rìgh Lochlainn

Ceann-latha
Àireamh a’ chlàir 35338
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

CW0170C.929

Àireamh an Teip Thùsail

CW0170C

Geàrr-chunntas

'S e saor ainmeil a bha ann am Boban Saor. Uair dhe na h-uairean, dh'fhalbh e fhèin is a mhac a-null gu ruige Lochlann gus saorsainneachd a dhèanamh dhan Rìgh. Mus do dh'fhalbh e, thuirt a bhean ris gun a bhith gun leannan-falaich is e thall an sin. Mar sin, fhuair e tè fhad 's a bha e ann. Aon latha, bha a leannan muladach. Dh'innis i do Bhobban Saor gu robh an Rìgh a' dol a mharbhadh Bobban 's a mhac airson nach biodh aige rim pàigheadh. Ach rinn Bobban Saor a' chùis air an Righ aig a' cheann-thall.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Boban Saor

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Eilean - Canaigh

Paraiste - Na h-Eileanan Tarsainn

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

Canna

Tar-sgrìobhadh

Fear Chanaigh: This is Mr Duncan MacDonald telling a story about Boban Saor, the famous carpenter, and the King of Norway.

Donnchadh MacDhòmhnaill: A-nis, tha iad ag ràdh gura h-e saor fuathasach ainmeil a bh' ann am Boban Saor. Agus nuair a thàinig a mhac gu ìre dh'ionnsaich e an t-saorsainneachd dha cuideachd. Agus bhiodh e a-nis... am mac a' falbh còmhla ri athair daonnan dhan h-uile h-àite sam biodh saorsainneachd aige ri dhèanamh.

Agus gu dè an seo ach fhuair iad saorsainneachd ri dèanamh ann an Lochlann dhan Rìgh, agus bha aca a-nis ri falbh à Albainn a-null gu ruige Lochlann a dhèanamh na saorsainneachd a bh' ann an sin. Agus nuair a fhuair Boban Saor air dòigh, e fhèin agus a mhac, agus a bha e a' falbh:

"A-nis," ars a bhean ris, "bheir mi comhairle ort," ars ise, "on a tha thu a' falbh," ars i fhèin. "Na bi," ars ise, "ann an àite gu bràth," ars ise, "nach bi leannan-falaich agad, ma bhios tu à aonais an taighe."

Agus chùm Boban Saor seo na aire, agus nuair a ràinig e Lochlann, thòisich an t- saorsainneachd. Agus fhuair e leannan-falaich cuideachd, agus bhiodh e ga faicinn an-dràsta agus a-rithist, agus bhiodh iad a' bruidhinn air a h-uile sìon a bhiodh a' dol, 's cha bhiodh naidheachd sam bith a' dol mun cuairt nach innseadh i dha.

Agus bha an obair a' sìor dhol air aghaidh gu math. Agus an seo, bha an obair air thuar a bhith ullamh air a' cheann bho dheireadh, agus chaidh e seo, am feasgar a bh' ann an seo, a choimhead air an leannan-falaich a bh' aige, agus ò, bha i fuathasach, fuathasach muladach seach mar a b' àbhaist dhi a bhith. Cha robh e a' faighinn suigeannachd sam bith innte, agus:

"Tà gu dearbh fhèin," arsa Boban Saor rithe, "tha mi gad fhaighinn a-nochd," ars e fhèin, "fuathasach, fuathasach mì-thoilichte seach mar a b' àbhaist dhut a bhith."

"An-tà," ars ise, "chan eil sin na iongnadh sam bith," ars i fhèin. "Tha," ars ise, "naidheachd air chùl a' chinn agaibhse, nach eil fios agaibh air, agus a tha fios agamsa," ars i fhèin, "agus tha mi fuathasach, fuathasach duilich mur deidhinn."

"Dè tha sin?" arsa Boban Saor.

"Ò tha," ars ise, "tha an obair," ars ise, "a ghabh sibh os làimh ann an seo a dhèanamh, tha i gus a bhith ullamh. Agus 's ann a tha an Rìgh a-nis," ars ise, "a' dèanamh saod air cur às dhan dithis agaibh, air chor agus nach bi aige ri ur pàigheadh idir. Agus nan dèanadh sibh saod air choreigin," ars ise, "sibh fhèin a shàbhaladh, gu dearbh bhithinn fhìn toilichte."

"Ò," arsa Boban Saor, "tha mi fuathasach toilichte gun do dh'innis thu sin dhomh. Chan eil teagamh agam nach fheuch mi," ars esan, "ri saod air choreigin a dhèanamh, ge brith an tèid leam."

Agus a-nis an làrna-mhàireach, no glè ghoirid às a dhèidh sin, chaidh Boban Saor far an robh an Rìgh, agus bhruidhinn e ris, agus thuirt e ris an Rìgh gun robh an obair a-nis air thuar a bhith ullamh, agus nach robh mòran sam bith gun dèanamh, ach na bha gun dèanamh gura h-e cuid bu phrionnsabalaiche dhen obair air fad, agus gun robh e fuathasach, fuathasach duilich. An acfhainn a bha aige gus crìoch a chur air a seo, gun do dh'fhàg e a-staigh ann an dìochuimhn' i, agus gum feumadh e falbh ga h-iarraidh.

"Ò," arsa Rìgh Lochlainn, "cha tèid sibhse," ars esan, "ga h-iarraidh idir," ars e fhèin. "Gheibh sinn daoin' eile a thèid air an turas."

"Ò an-tà," arsa Boban Saor, "chan earb mi," ars esan, "ri duine sam bith," ars e fhèin," an acfhainn a th' ann," ars e fhèin, "a chionn tha i fuathasach, fuathasach fiachail. Ach ma chuireas sibhse ur mac fhèin ga h-iarraidh dhòmhsa, sin an aon duine ris an earb mise an turas a dhèanamh ceart."

Ò, dheònaich Rìgh Lochlainn a mhac fhèin a chur air falbh a dh'iarraidh na h-acfhainn shaorsainneachd a bh' ann an seo.

"Agus a-nis," arsa Boban Saor ris an Rìgh, "sgrìobhaidh mi fhìn litir agus dùinidh mi suas i. Cha bhi sìon aige ach an litir a thoirt ann an làimhean na mnatha agam fhìn nuair a ruigeas e, agus tuigidh ise anns an spot," ars esan, "dè an acfhainn a tha a dhìth orm, agus bheir i dha i gus a toirt thugam."

Bha seo glè cheart. Sgrìobh Boban Saor an litir, agus dhùin e suas i, agus chaidh e leatha gu mac an Rìgh, agus fhuair mac an Rìgh e fhèin air dòigh anns an spot agus dh'fhalbh e gu ruige Albainn a dh'iarraidh na h-acfhainn shaorsainneachd aig Boban Saor. Agus fada goirid gun robh an ùine a thug e air an rathad. Ràinig e taigh Bhobain Shaoir ann an Albainn, agus chunnaic e a' bhean aige agus shìn e dhi an litir. Agus dh'fhosgail i i, agus seo na briathran a bh' anns an litir:

"Tha car mu char, agus tha car an aghaidh cuir
Agus na tigeadh an acfhainn bheag a-nall
Gus an tèid an acfhainn mhòr a-null."

Agus nuair a leugh i na briathran a bh' ann an sin:

"Ò seadh," ars i fhèin, "tha mi a' tuigsinn a-nis dè tha a dhìth air mo chompanach. Thig thusa a-staigh ann an seo," ars ise ri mac an Rìgh.

Agus lean mac an Rìgh i a-staigh do sheòmar, agus nuair a chaidh e a-staigh seachad oirre air an doras, dh'iarr i air suidhe a-staigh ann an sin, agus thionndaidh i fhèin a-mach, agus chuir i car san iuchair anns an doras, agus dh'fhàg i ann an sin e. Agus dh'fhalbh i an uair sin agus sgrìobh i litir gu Rìgh Lochlainn, agus thuirt i ris an Rìgh anns an litir:

"Tha do mhac agamsa a-nis ann an seothach na phrìosanach, agus chan fhalbh e às a seo gu bràth gus an cuir thusa dhachaigh mo chompanach sàbhailte gam ionnsaigh, agus le a thuarastal aige, a h-uile sgillinn a choisinn e."

Agus nuair a ràinig an litir a bh' ann an sin Rìgh Lochlainn, sin nuair a chunnaic e gun d' fhuaras a-mach an rud a bha na bheachd, ach cha robh comas air. B' fheudar dha a h-uile sgillinn a choisinn Boban Saor agus a mhac a phàigheadh do Bhoban Saor, agus Boban Saor a chàradh air falbh sàbhailte gu ruige Albainn dhachaigh.

Agus nuair a thàinig Boban Saor dhachaigh an uair sin gu ruige Albainn, sin nuair a fhuair mac Rìgh Lochlainn a-null dhachaigh na àite. Agus dhealaich mise riutha.

Cruth Inneal a' Chlàir

Wire

Càileachd an Fhuaime

Math