Rannsaich

Mar a fhuair Pòl Crùbach £100 aig diofar àmannan bho MhacLeò...

Luchd-clàraidh
Ceann-latha 10 June 1958
Àireamh a’ chlàir 35595
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1958.45.A2b

Àireamh an Teip Thùsail

SA1958.045

Geàrr-chunntas

Mar a fhuair Pòl Crùbach £100 aig diofar àmannan bho MhacLeòid Dhùn Bheagain agus MacNèill Bharraigh leis cho làidir 's a bha e.

Bha Clann MhicNèill Bharraigh a' caitheamh cloiche mu choinneimh Caisteal Dhùn Bheagain. Gheall MacNèill £100 nach b' urrainn do dhuine ann an Dùn Bheagain clach a chaitheamh na b' fhaide. Thuirt MacLeòid Dhùn Bheagain ri Pòl Crùbach à Òsdal gun toireadh e dha £100 nan caitheadh e clach nas fhaide. Thilg e i troigh na b' fhaide.

Cheannaich e deise chlò leis a' £100 agus chaidh e dha na Hearadh a choimhead air càirdean. Shiubhail e dhachaigh ann am bìrlinn MhicNèill Bharraigh. Thòisich Pòl ag iomradh. Bhrist e ceithir ràimh agus theab e am marbhadh leis cho cruaidh 's a bha e ag iomradh a' tighinn a-steach a Dhùn Bheagain.

Thuirt MacNèill gun toireadh e dha £100 airson làmh an fhir a bheat iad a' caitheamh na cloiche. Dh'aontaich e sin a dhèanamh ann am fianais MhicLeòid. Thuirt MacNèill ris na gillean aige fhèin a mharbhadh nuair a nochdadh e. Rug Pòl air làmh MhicNèill agus cha leigeadh e às e gus am faigheadh e an £100. Cha robh £100 aige agus b' fheudar dha an t-airgead fhaighinn bho MhacLeòid. Cha do chuir MacNèill dragh air tuilleadh.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Eilean - An t-Eilean Sgitheanach

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Diùrinis

Eilean - An t-Eilean Sgitheanach

Baile/Àite - Dùn Bheagain

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math