Rannsaich

An t-Èireannach a shabhail an t-Iùdhach le bhith a' freagairt trì ceistean an rìgh.

Ceann-latha 24 June 1953
Àireamh a’ chlàir 3582
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1953.168.4

Àireamh an Teip Thùsail

SA1953.168

Geàrr-chunntas

An t-Èireannach a shabhail an t-Iùdhach le bhith a' freagairt trì ceistean an rìgh.

Bha Iùdhach is Èireannach coltach ri chèile. Bha an t-Iùdhach ag obair aig an rìgh agus bha an t-Èireannach bochd. Thàinig casaid an aghaidh an Iùdhaich agus bha an rìgh a' dol ga mharbhadh mura freagradh e trì ceistean. Fhreagair an t-Èireannach na trì ceistean às leth a charaid.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Seòrsachadh

AT922

Tar-sgrìobhadh

Catrìona NicFhionghain: Bha dà dhuine seo, dà charaide, agus bha fear... 's e Iùdhach a bh' ann am fear dhiubh agus Èireannach anns an fhear eile, agus bha iad uabhasach coltach ris a chèile. Bha fear dhiubh ag obair aig an rìgh. Bha am fear eile, cha robh e ach na dhuine bochd. Agus ge bith gu dè a' chasaid a chaidh a chur air an fhear eile no gu dè rinn e, chaidh innse dhan an rìgh, agus bha an rìgh a' dol ga mharbhadh mura freagradh e trì cheistean.

Ò bha an duine, cha robh fhios aige dè na ceistean a bhiodh ann, 's bha e cho draghail 's chaidh e air ais far an robh a charaide, am fear a bha seo, 's thuirt e ris... dh'innis e mar a bh' ann, 's thuirt e gun robh an rìgh a' dol ga mharbhadh mura freagradh e trì cheistean, agus nach robh fios gu dè na ceistean a bha e a' dol a chur air.

Uill, thagh e na... bha a charaide glè dhuilich 's thuirt e:

"Uill," ars esan, "thèid mise ann, bhon tha thusa na do dhuine nas àirde na mise, 's jobachan agad nas àirde na mise. Thèid mise ann air do shon bhon a tha thu cho duilich, agus feuchaidh mi na ceistean a fhreagairt, ge bith gu dè an fheadhainn a bhios ann... an seòrsa a bhios ann, agus cuiridh mi orm an t-aodach agadsa, 's bhon a tha sinn cho coltach ri chèile 's dòcha nach faithnich e sinn.

Dh'fhalbh an t-Èireannach gun an rìgh, 's thàinig meall chun an rìgh. Thàinig e gu beulaibh an rìgh, 's a' chiad cheist a thuirt... a thuirt... a chuir an rìgh air:

"Dè an ùine a bheir mi a' dol timcheall an saoghal? Innis dhomh dè an ùine a bheir mi a' dol timcheall an saoghal."

Studaig an t-Èireannach treiseag agus:

"Ma thèid thu suas agus ma..." Thuirt e: "Ma thèid thus suas agus ma chumas tu ceum ris a' ghrèin, thèid thu timcheall an saoghal ann an ceithir uairean fichead."

Cha tuirt e an còrr. Agus thuirt e sin ris an dara ceist:

"Dè is fhiach mi aig an àm seo?"

"Uill, b' fhiach ar slànaighear deich puinnd fhichead, agus shaoilinn gum b' fhiach thusa naoi puinnd fhichead."

Stad e.

"Cò air a tha mi a' smaoineachadh aig an àm seo, a-nise?"

"Uill, tha thu a' smaoineachadh gur e an t-Iùdhach a th' agad, ach 's e th' agad an t-Èireannach."

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math