Rannsaich

Blàr Phort Bheathain.

Ceann-latha June 1953
Àireamh a’ chlàir 360
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1953.105.B6

Àireamh an Teip Thùsail

SA1953.105

Geàrr-chunntas

Blàr Phort Bheathain.

Bha blàr aig na Muilich agus na Colbhasaich uaireigin thall anns an Ros. Bha MacIlleBhràth, Gleann Cainneir, agus MacIllEathain Dhubhaird mòr aig a chèile. Mharbh Colbhasach MacIlleBhràth is dh'innis e do mhuinntir Rois an rud a rinn e. Chuir iadsan às dha. Nuair a chuala na Colbhasaich seo, thàinig iad anns na birlinnean aca gu Port Bheathain. Chunnaic muinntir Rois is Mhuile na Colbhasaich a' tighinn is chuir iad teintean thuige gus an sluagh a thional. Leig iad leotha tighinn gu tìr agus suas dhan mhonadh beagan. Thionndaidh iad orra aig Cille Chuireabain is chuir iad an ruaig orra. Chaidh tòrr dhe na Colbhasaich a mharbhadh. Bha fear ann, Lachlann Mòr MacIllEathain, na bhoghadair iomraiteach. Bhathar ag ràdh gun toireadh e an ceann bhon chaoin-cheann le bogha is saighead.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal

Eilean - Muile

Cànan

Gàidhlig

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math