Chaidh seun a chur air Camshronach an Eireachd ro chogadh gu...
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1958.58.A4
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Chaidh seun a chur air Camshronach an Eireachd ro chogadh gun tilleadh e sàbhailte nan èireadh a bhean a dheasachadh biadh dha, ach cha do dh'èirich i agus cha do thill e.
Bhiodh na fineachan Gàidhealach a' creidsinn gun robh e feumail seun a chur air duine aig àm cogaidh. Dh'iarr Camshronach an Eireachd air bana-bhuidseach seun a chur air, agus thuirt i nan èireadh a bhean sa mhadainn 's gun deasaicheadh i a bhiadh, gun tilleadh e às a' chogadh sàbhailte.
An ath là, ged a bha e a' sadadh bhrògan oirre 's a' bruidhinn rithe, chan èireadh a bhean. Mu dheireadh thuirt e, "Cha ghluais bròg no bruidhinn an droch bhean-taighe," agus char e don chogadh 's cha do thill e.
Notaichean a' Chlàir
The proverb may also be found in 'Gaelic Proverbs' (A. Nicolson ed.) p. 111, where it is ascribed to Eòghann a' Chinn Bhig, ibid. App. III, p. 443.
Àite Clàraidh
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Eilean - An t-Eilean Sgitheanach
Cànan
Gàidhlig
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math