Rannsaich

Obair air a' chroit as t-earrach agus as t-samhradh.

Luchd-clàraidh
Ceann-latha April 1967
Àireamh a’ chlàir 36443
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1967.28.A2

Àireamh an Teip Thùsail

SA1967.028

Geàrr-chunntas

Obair air a' chroit as t-earrach agus as t-samhradh.

Tha am fiosraiche ag innse mun obair a bha air a dèanamh air a' chroit as t-earrach agus as t-samhradh. Aig deireadh a' Mhàirt bhiodh an fheamainn air a gearradh agus air a fàgail ann am meall gu toiseach a' Chèitein, nuair a bha am buntàta ga chur. Bha feamainn na b' fheàrr airson buntàta gainmhich. Bha an talamh anns an robh am buntàta a' bhliadhna roimhe air a threabhadh dà thuras agus an uair sin bha eòrna air a chur. An dèidh a' bhuntàta, bha coirce agus mu dheireadh eòrna air an cur. Bha sùith cuideachd ga chleachdadh mar thodhar air a' bhuntàta. Anns an Ògmhios agus san Iuchar bhiodh mòine ga buain, agus an uair sin bhiodh iad a' falbh dhan àirigh leis a' chrodh.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Barabhas

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Barabhas

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Mòrag NicLeòid (MN): Dìreach mar a bha a h-uile càil a' dol air adhart feadh na bliadhna.

Norman Paterson (NP): 'S e... bhiodh iad a' dol dhan an tràigh-fheamad leis an reothart a b' àirde, timcheall air deireadh March, gus am faigheadh iad a-mach cho fada nuair a bhiodh an tràigh a-muigh, 's bhiodh iad a' gearradh na feamad sin gus an ruigeadh iad faisg air cho àrd 's a bhiodh am muir a' dol, gus an cuireadh an làn a-steach an fheamainn cho faisg air bàrr a' chladaich 's a b' urrainn dhaibh, 's nach biodh aca ri falbh leatha cho fada. 'S bhiodh iad a' dol a choinneachadh... air a thigeadh an làn a-steach a-rithist, bhiodh iad a' coinneachadh na feamad sin man a dh'fhàgadh am muir i, 's bhiodh iad ga cur suas gu bàrr a' mhuir ann an clèibh, 's a' dèanamh dùintean dhith ann an sin. 'S bhiodh iad a-rithist a' roinn nan dùintean. Bhiodh tòrr slàn aig far am biodh dithis; bloigh tòrr far am biodh aon duine. 'S bhiodh duine bhos an cionn a' cunntadh nan clèibh gus nach biodh barrachd anns an dàrna dùn a bharrachd air na bhiodh anns an dùn eile. 'S bhiodh an fheamainn sin air a fàgail an sin a-rithist gus an deigheadh am buntàta a chur, mu thoiseach May. 'S e feamainn a bhiodh iad a' cur air buntàta na gainmheach bhon 's i a b' fheàrr a bha a' freagairt dhaibh, dhan a' ghainmhich.

'S bhiodh iad a-rithist ag eilghidh. An talamh anns an robh buntàta a' bhliadhna ron a sin, bhiodh iad ag eilghidh, agus a' tionndadh an talamh sin dà uair airson an eòrna. 'S e an t-eòrna... 's e an coirce a bhiodh iad a' cur às dèidh a' bhuntàta, agus 's e an t-eòrna an rud bho dheireadh a bhiodh iad a' cur. Agus 's e sùith an todhar a bhiodh a' dol air a' bhuntàta, 's cha d' fhuair sibh buntàta riamh cho tioram ri buntàta air an deigheadh sùith. 'S ann air a thigeadh an [?t-àile] dhen a' mhòine, mu dheireadh June no toiseach July, 's ann a b' àbhaist dhaibh a bhith a' buain na mònadh. 'S ann an uair sin às dèidh a' mhòine a bhuain, 's ann a bhiodh iad a' dol chun na h-àirigh leis a' chrodh.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math