Cleachdaidhean air Latha Fhèill Mìcheil an Uibhist a Deas
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1960.021.A1
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Cleachdaidhean air Latha Fhèill Mìcheil an Uibhist a Deas.
Bha latha sònraichte air a chumail do Naomh Mìcheal. Bhite a' bruich strùan mar bhonnach beannaichte, na chuimhneachan air.
Bhathar ag ràdh, nuair a theich sluagh à Flaitheanas, gun tug Naomh Mìcheal leis aran agus gun tug e pìos dheth dhan a h-uile duine airson 's gun tilleadh iad. Thill a' chuid mhòr dhiubh, ach bha an t-aireachas air an fheadhainn nach do thill, oir thuit iad far an robh iad, ge brith dè an t-àite a bha romhpa, co-dhiù 's e fairge, sgallachan, talamh, no gainmheach a bh' ann. Bhiodh iad an sin rè ùine gus an dèanadh iad suas airson a' chionta a rinn iad.
Bha an strùan air a dhèanamh an oidhche roimhe agus air a riarachadh air Latha Fhèill Mìcheil. Cha robh duine anns an teaghlach nach fheumadh pìos dheth fhaighinn. Nuair a bhite ga fhuine, bha an fhallaid ga caitheamh dhan teine agus bhite ag ràdh, "Seo siud dhutsa a Dhonais; do chuid fhèin."
Bhiodh daoine a' cruinneachadh aig Àird Mhìcheil, far am biodh rèis each aca agus geama iomain. Bhiodh bàl anns gach baile.
Àite Clàraidh
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Eilean - Uibhist a Deas
Paraiste - Uibhist a Deas
Àite a' Chuspair
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Eilean - Uibhist a Deas
Paraiste - Uibhist a Deas
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Tar-sgrìobhadh
Bha seann seanchasan ag ràdh, aig na seann daoine, nuair a bhrist an sluagh a-mach à Flaitheanas, gura h-e Naomh Mìcheal a chaidh a-mach, agus a thuirt e gun robh an t-àite a bha seo brath air a bhith falamh, agus gun tug e leis aran, agus gun robh e a' toirt pìos dhen aran a bha seo dhan a h-uile duine airson iad a thilleadh air ais, agus mar a bha iad a' blasad air an aran, agus ga ghabhail, gun robh iad a' tilleadh, agus gun do thill a' chuid mhòr dhiubh, ach a' chuid dhiubh nach do thill, gun do ghabh iad an t-aithreachas nuair a ràinig iad, 's a bha fios aca càit an robh iad a' dol, gun robh iad a' tuiteam an sin fhèin, sìos, ge brith gu dè an t-àite a bha romhpa, co-dhiù 's e fairge, no sgallachan, no talamh, no gainmheach no dè a bh' ann, agus gun robh iad ann... ri bhith ann a shineach rè ùine gus an dèanadh iad suas airson a' chiont a rinn iad, agus airson an t-aingeal uaisneach a bha seo a leantail.
'S ann a-nist, a rèir... a rèir choltais, mar a chuala mi fhìn aig na seann daoine, gum b' e sin an reusan a bh' air an t-strùan a dhèanamh, a chionn gun robh iad a' toirt urram do Naomh Mìcheal, gun robh iad a' dèanamh a' bhonnaich a bha seo, agus ga riarachadh orra fhèin, agus gum biodh e na urram romhpa nuair a ruigeadh iad an taobh thall, gum biodh e aca ri ràdh gun do rinn iad fhèin an t-aran a bha seo, agus gun robh iad ga riarachadh dha an teaghlaichean fhèin airson an toirt air an rathad cheart, agus airson urram dhàsan, gura h-e sin bu reusan gun robh iad ris an t-strùan a bha seo.
Bha strùan ri dhèanamh air Oidhche Fhèill Mìcheil, oidhche roimhe, agus bha e air a riarachadh latha Fhèill Mìcheil, agus cha robh duine a bhiodh anns an teaghlach nach fheumadh pìos dheth fhaighinn.
Nuair a bhiodh iad ga fhuine oidhche ron àm bha a' bhean, an fhallaid a bha i a' fàgail, bha i ga chaitheadh ann as teine, agus bha i ag ràdh:
"Seo... siud dhutsa, a Dhonais, do chuid fhèin."
Agus bha sin a' ciallachadh gun robh a' chuid nach dèanadh feum dhan t-strùan, gun robh e ri thoirt dhàsan, a chionn nach robh feum ann. Agus bha feadhainn eile ann cuideachd, agus 's e cuid a' mhadaidh a chanadh iad ris an fhallaid a bha iad a' fàgail, agus rachadh iad a-mach gu cùl an taighe, agus chaitheadh iad a-mach e, agus chanadh iad:
"Seo dhutsa seo, a mhadaidh."
Agus chan eil fhios a'm cò dhiubh a bha ceart, an fheadhainn a bha ag ràdh, "Seo dhutsa, a mhadaidh," no an fheadhainn a bha ag ràdh, "Seo dhutsa, a Dhonais," ach bha dà dhòigh aca air.
Bha a-nist an cleachdadh a bha sin, tha e coltach, a' dol, agus gu h-àraid ann an Uibhist a Deas an seo. Bha... 's aithnte dhuibh fhèin Àird Mhìcheil shìos an sin. Bha e ri linn mo shinn-seanar, 's tha mi cinnteach gun robh nuair a bha mo sheanair na bhalach beag, bhiodh iad a' cruinneachadh ann a shin Latha Fhèill Mìcheil, a h-uile duine a bh' anns an dùthaich, o cheann gu ceann, sean 's òg, bhiodh a h-uile duine cruinn ann ach seann duine, no seann bhean, no pàistean beaga, agus cha robh mac duine leis an t-saoghal dhiubh sin aig an robh each a-staigh nach robh a' toirt leotha nan each, agus bhiodh iad a' dol trì uairean leis na h-eich mun cuairt an teampaill airson urram a thoirt do Naomh Mìcheal, oir 's e Mìcheal nan Steud an t-ainm a bh' air Mìcheal, agus gum b' e sin na steud... Mìcheal nan Steud, gura h-e na h-eich, mar a chanadh iad, an coat of arm a bh' aig Naomh Mìcheal.
Cha robh... Bha iad a-rithist a' seinn laoidh, a h-uile duine aig am bitheadh i, agus a' dol trì uairean mun cuairt an teampaill a' gabhail na laoidh a bha sin, laoidh a bh' air a dèanamh mar urram do Naomh Mìcheal. Tha cuimhn' agamsa air feadhainn aig an robh pìosan dhith, ach cha robh mòran sam bith aig an fhear nach maireann dhith ach beagan fhaclan, ach bha i aig feadhainn a bh' ann roimhe sin.
Calum MacIllEathain (CM): Seadh. Agus chan eil fhios agaibh air na faclan a bh' aig an fhear nach maireann? Cha do thog sibh iad?
DM: Uill, chan eil cuimhn' agamsa ach gun robh... mar a bha i a' tòiseachadh, gun robh:
A Mhìcheil nan aingeal
'S na fìrinn à Flaitheas
Cuir dìonachd air m' anam
Le faileas do sgèith
Cuir dìonachd air m' anam
Le faileas do sgèith
Air...
Ò, chan eil cuimhn' agam oirre. Cha dearg mi air a dhol leatha. Cha dearg mi air a dhol leis an laoidh idir, ach gura h-ann mar siudach a bha i a' tòiseachadh. Ach bha i uabhasach fhèin fada, an laoidh a bha seo.
Bha e ri ràdh gum biodh... gum biodh daoine ann, tha fhios agaibh, nach biodh aig an taigh Oidhche Fhèill Mìcheil, no Latha Fhèill Mìcheil, gum biodh iad air falbh on taigh air turas, agus math dh'fhaodte gum biodh iad seachdainean gun tighinn dachaigh, bha an strùan, bha e ri fhàgail a-staigh gu cùramach gus an tigeadh iad. No, nam biodh iad tuilleadh 's a' chòir fada gun tighinn, bha fear ùr ag a dhèanamh, agus dh'fheumadh iad pìos dhen t-strùan fhaighinn a' h-uile bliadhna, o bhiodh iad nan leanaban gus am faigheadh iad am bàs, ged a bhiodh iad ceithir fichead bliadhna a dh'aois. Bha sin a chleachdadh a' dol anns an eilean a tha seo, ge brith an robh e anns na h-eileanan agaibh no eile, cha d' fhuair mise a-mach sin idir.
Bha iad a' toirt urram mhòr, mhòr do Naomh Mìcheal seach gin eile dhe na naoimh. Agus bha de dh'ùrnaighean aca, agus de rannan agus de dh'òraidean timcheall air an naomh a bha sin, rud nach urrainn dhòmhsa a chunntais, ged a bhiodh fios agam orra. Bha. Chan eil cuimhn' agamsa gu dearbh air gin dhe na h-ùrnaighean a bh' aca.
CM: Seadh. Agus an robh... an cuala sibh riamh gum biodh iad a' falbh le eich, rus each aca an latha sin?
DM: Bhitheadh, rus each aca cuideachd. Tha fhios agaibh, nuair a dhèanadh iad na h-ùrnaighean 's an t-adhradh a bha seo, bha iad an uair sin a' tòiseachadh air rus leis na h-eich, agus bhiodh iomain aca, agus bhiodh bàl an oidhche sin anns a h-uile baile, cha mhòr, o cheann gu ceann dhen dùthaich.
Bha fasan eile aca a-rithist, bhiodh na h-igheanan òga, bhiodh iad a' cruinneachadh churran, agus bhiodh dòrlach de churrain aig a h-uile tè riamh. Chan eil cuimhn' agam gu dè an t-ainm a bh' air an fhacal a bh' aig na seann daoine, mar a chanadh iad air a' pharsail churran a bhiodh aca. Ach cha robh ann ach na rachadh eadar an òrdag mhòr agus a' mheur. Dh'fheumadh sin a bhith làn, daonnan, aig a h-uile nighinn de churrain. Agus nuair a thòisicheadh am bàl 's an dannsa... 'S ann a-muigh a bhiodh iad aca am falach. Nuair a thòisicheadh am bàl 's an dannsa, bha iad a' dol a-mach a dh'iarraidh nan curran, ge brith an robh iad gan toir a-staigh air fad 's gu nach robh. Sheasadh i seo agus chanadh i:
"'S ann agamsa a tha na currain, ge brith cò as urrainn an toirt bhuam."
Bha a-nis cuideigin, tha fhios agaibh, a' leum oirre sin agus a' toirt bhuaipe nan curran. Ge brith an toireadh e bhuaipe iad 's gu nach toireadh, bha an cleachdadh a bha sin aca. Agus bha iad ag ràdh gur ann mar chleachdadh airson sonas a bha sin, a thaobh 's gun robh iad ga dhèanamh air... mar urram do Naomh Mìcheal a bha seo. Nuair a bha iad a' tòiseachadh anns a' mhadainn, gun robh a' bhuaidh a bha Naomh Mìcheal a' cur orra, gun robh a' bhuaidh a bha sineach orra gus an stadadh iad anmoch san oidhche, agus ge brith gu dè a bhiodh iad ris, eadar leannanachd no dad eile, gun robh sin a' tighinn gu buaidh dhaibh, agus ma bha fear ann a bha a' toirt nan curran bho thè sam bith, gun robh e mar chleachdadh... gun robh e mar chomharra, math dh'fhaodte, gur i a bhiodh aige fhèin, agus gun rachadh an gnothach gu math leotha nam pòsadh iad, agus cinnteach gu leòr, ma chaidh aige air na currain a thoirt bhuaipe, gum biodh teaghlach mòr aca, le chèile. Sin agaibh beachd eile a bh' aca. Nan rachadh aige air na currain a thoirt bhuaipe air fad, agus gura h-e sin tè a bhiodh aige fhèin mar bhean, gum biodh iad uabhasach fortanach anns an t-saoghal.
Sin agaibh mar a chuala mise mu dheidhinn, ge brith an cuala sibh fhèin guth riamh air a leithid a rud, ach bha e a' dol ann am measg nan seann daoine a bha seo.
Bho chionn fada, tha fhios agaibh, cha robh daoine ga innse. Cha bhiodh daoine ga innse dhan t-seòrsa agaibhse ann, tha fhios agaibh, an fheadhainn a bha a' falbh ag iarraidh naidheachdan 's òrain 's òraidean dhen a h-uile seòrsa. Cha bhiodh iad a' toirt dhaibh sìon, tha fhios agaibh, a bhuineadh do chreideamh. Tha mi cinnteach gur e sin an reusan agus nach eil... gu bheil e air bàsachadh a-mach, nach eil duine ann aig a bheil cuimhne air mòran dheth. Chan e gu bheil cuimhn' agamsa mi fhìn air mòran dheth, ach dìreach beagan an siud 's an seo mar a bha mi a' cluinntinn.
Sin agaibh nas urrainn dhòmhsa a ràdh ma dheidhinn an Naomh Mìcheal. Dh'fhaodte gun cuimhnichinn air tuilleadh uaireigin fhathast, ach chan eil cuimhn' agam an-dràsta air co-dhiù ach siud.
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math