spacer
spacer

Cleachdaidhean air Latha Fhèill Mìcheil an Uibhist a Deas.

Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
Tiotal a' Chlàir - Cleachdaidhean air Latha Fhèill Mìcheil an Uibhist a Deas.
Fiosraichean - Dòmhnall Mac an t-Saoir
Luchd-clàraidh - Calum Iain MacIlleathain

Geàrr-chunntas - Cleachdaidhean air Latha Fhèill Mìcheil an Uibhist a Deas.

Bha latha sònraichte air a chumail do Naomh Mìcheal. Bhite a' bruich strùan mar bhonnach beannaichte, na chuimhneachan air.

Bhathar ag ràdh, nuair a theich sluagh à flaitheanas, gun tug Naomh Mìcheal leis aran agus gun tug e pìos dheth dhan a h-uile duine airson 's gun tilleadh iad. Thill a' chuid mhòr dhiubh, ach bha an t-aireachas air an fheadhainn nach do thill, oir thuit iad far an robh iad, ge brith dè an t-àite a bha romhpa, co-dhiù 's e fairge, sgallachan, talamh, no gainmheach a bh' ann. Bhiodh iad an sin rè ùine gus an dèanadh iad suas airson a' chionta a rinn iad.

Bha an strùan air a dhèanamh an oidhche roimhe agus air a riarachadh air Latha Fhèill Mìcheil. Cha robh duine anns an teaghlach nach fheumadh pìos dheth fhaighinn. Nuair a bhite ga fhuine, bha an fhallaid ga caitheamh dhan teine agus bhite ag ràdh, "Seo siud dhutsa a Dhonais; do chuid fhèin."

Bhiodh daoine a' cruinneachadh aig Àird Mhìcheil, far am biodh rèis each aca agus geama iomain. Bhiodh bàl anns gach baile.

Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:11:58
Àm Clàraidh - 1959.12.20
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Sgeulachd, Fiosrachadh
Cruinneachadh - Sgoil Eòlais na h-Alba

Àireamh a' Chlàir - 36803
Àireamh an Teip Thùsail - SA1960.021
Àireamh a' Chlàir Thùsail - SA1960.21.A1
Càileachd an Fhuaime - Math
Cruth Inneal a' Chlàir - R2R



Àite Clàraidh:
  Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
  Paraiste - Uibhist a Deas
  Eilean - Uibhist a Deas


Àite a' Chuspair:
  Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
  Paraiste - Uibhist a Deas
  Eilean - Uibhist a Deas

Notaichean a' Chlàir -

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/36803/1




Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA