Rannsaich

Cleachdaidhean air Latha Fhèill Mìcheil an Uibhist a Deas.

Ceann-latha 20 December 1959
Àireamh a’ chlàir 36803
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1960.21.A1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1960.021

Geàrr-chunntas

Cleachdaidhean air Latha Fhèill Mìcheil an Uibhist a Deas.

Bha latha sònraichte air a chumail do Naomh Mìcheal. Bhite a' bruich strùan mar bhonnach beannaichte, na chuimhneachan air.

Bhathar ag ràdh, nuair a theich sluagh à flaitheanas, gun tug Naomh Mìcheal leis aran agus gun tug e pìos dheth dhan a h-uile duine airson 's gun tilleadh iad. Thill a' chuid mhòr dhiubh, ach bha an t-aireachas air an fheadhainn nach do thill, oir thuit iad far an robh iad, ge brith dè an t-àite a bha romhpa, co-dhiù 's e fairge, sgallachan, talamh, no gainmheach a bh' ann. Bhiodh iad an sin rè ùine gus an dèanadh iad suas airson a' chionta a rinn iad.

Bha an strùan air a dhèanamh an oidhche roimhe agus air a riarachadh air Latha Fhèill Mìcheil. Cha robh duine anns an teaghlach nach fheumadh pìos dheth fhaighinn. Nuair a bhite ga fhuine, bha an fhallaid ga caitheamh dhan teine agus bhite ag ràdh, "Seo siud dhutsa a Dhonais; do chuid fhèin."

Bhiodh daoine a' cruinneachadh aig Àird Mhìcheil, far am biodh rèis each aca agus geama iomain. Bhiodh bàl anns gach baile.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Cànan

Gàidhlig

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math