Caisteal Ormacleit.
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1960.24.A2
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Caisteal Ormacleit.
Phòs Mac 'ic Ailein boireannach à Sasainn. Bha i a' gearan cho bochd 's a bha an taigh anns an robh i a' fuireach agus le seo, thog Mac 'ic Ailein Caisteal Ormacleit. Thug e seachd bliadhna air a thogail. Cha robh airgead aige agus b' fheudar dha an stuth airson an caisteal a thogail fhaighinn air creideas. Cha b' urrainn dha seo a phàigheadh air ais. Thàinig na maoir airson an caisteal a thoirt bhuaithe. Nuair a bha dùil aige riutha, chruinnich Mac 'ic Ailein mu fhichead dhe na daoine bu treasa 's a b' fhiadhaiche coltas air an oighreachd aige airson biadh a thoirt dhaibh aig a' bhòrd. Thug e biadh dha na maoir cuideachd. Dh'innis Mac 'ic Ailein dha na maoir gun robh na daoine treuna seo ga dhìon a latha 's a dh'oidhche. Theich na maoir agus ghlèidh Mac 'ic Ailein an caisteal.
Neach/Cuspair a' Chlàir
Mac 'ic Ailein
Àite Clàraidh
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Eilean - Uibhist a Deas
Paraiste - Uibhist a Deas
Àite a' Chuspair
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Eilean - Uibhist a Deas
Paraiste - Uibhist a Deas
Baile/Àite - Ormacleit
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math