Rannsaich

Fear de Chlann 'ic Ailein a' dol còmhla ri robairean.

Ceann-latha October 1962
Àireamh a’ chlàir 37240
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1962.48.A1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1962.048

Geàrr-chunntas

Fear de Chlann 'ic Ailein a' dol còmhla ri robairean.

Bha fear de Chlann 'ic Ailein na threòraiche air bàta agus chuir e long Shasannach air na creagan aig Loch Aoineart an Uibhist a Deas, agus theich e. Chaidh a ghlacadh nuair a dh'fheuch e ri bàta Sasannach eile a bhriseadh. Chuireadh dhan phrìosan e ach fhuair e teicheadh agus bha e air allaban. Thàinig e gu taigh robairean agus dh'fheuch am màthair toirt air fàgail ach dhiùlt e. Rinn e sabaid rithe fhèin 's nighean làidir a bha aice agus bhuannaich e. Chaidh e am falach san taigh agus nuair a thàinig an athair agus dithis mhac rinn e an gnothach orrasan cuideachd. Dh'fhuirich e còmhla riutha airson greis ach dh'fhàg e iad. Bha leanabh aig an nighean bhuaithe.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math