Mar a chaidh an Fhèinn a thogail an toiseach ann an Èirinn.
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1960.16.A6+B1
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Mar a chaidh an Fhèinn a thogail an toiseach ann an Èirinn.
'S e Rìgh a bha air Èirinn, dam b' ainm Coraige Ruadh, a thog an Fhèinn an toiseach. Bha feadhainn ann a bha airson Èirinn a sgrios, is le seo, thug an Rìgh air na daoine a b' fhoghaintiche a bh' aige pòsadh, o chionn 's gum fàsadh a' mhuinntir aige fhèin na bu lìonmhoire. Mu dheireadh, bha cus aca ann, is chaidh iad an aghaidh an Rìgh; b' iad seo Na Fianntaichean, le fear dam b' ainm Cumhall os an cionn. Mar sin, rinn an Rìgh suas ri Rìgh Lochlainn airson cur às dha na Fianntaichean. Phòs Cumhall Nighean Rìgh Lochlainn, is chaidh esan a mharbhadh an dèidh làimh le Arca Dubh. Bha dithis chloinne aig Nighean Rìgh Lochlann; nighean is balach. Thugadh Fionn MacCumhaill air a' bhalach. Tha na nithean a leanas a' tighinn an lùib na sgeulachd: mar a fhuair Fionn an fhiosachd bhon bhreac; Bran, cù athar; claidheamh athar; a' bhiast a mharbh e; agus an t-òrd Fianntaich.
Neach/Cuspair a' Chlàir
Coraige Ruadh; Cumhall; Arca Dubh; Fionn MacCumhaill
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math