Rannsaich

Mar a chaidh fear à Siadar a dh'iarraidh bean agus nach d'fh...

Ceann-latha April 1963
Àireamh a’ chlàir 37752
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1963.22.A12

Àireamh an Teip Thùsail

SA1963.022

Geàrr-chunntas

Mar a chaidh fear à Siadar a dh'iarraidh bean agus nach d'fhuair e an tè ris an robh dùil aige.

Chaidh fear à Siadar a dh'iarraidh nighean aig bodach ann an Borgh airson bean. Dhiùlt i e, ach dh'fhalbh am bodach a-mach chun na h-àirigh far an robh an nighean eile aige. Bha ise deònach fear Shiadair a phòsadh; b' esan am fear air an robh sùil aice bho thùs. Thàinig am bodach dhachaigh, chuir e air na brògan spaideil aige agus ghabh e fhèin agus fear Shiadar drama airson an rèiteach a dhèanamh.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Eilean - Leòdhas

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Barabhas

Eilean - Leòdhas

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill: 'S ann ann an Siadar a bha an gille sa. Bha a mhàthair ris gun robh làn thìde aige pòsadh, 's gum bu chòir dha a dhol a lorg tè-eigin. Agus 's e sin an cleachdadh a bh' ann an uair sin. An seòrsa suirghe a bh' ann, bha thu a' falbh ga h-iarraidh 's bha thu a' faighneachd gu dè an tochradh a bha na cois. Agus 's e a' chiad cheist a dheigheadh a chur ort, dhan an taigh dha robh thu ga h-iarraidh, an robh fearann agad. Mana robh, cha robh càil... chan fhaigheadh tu làmh an nighean idir ann am pòsadh mana robh fearann agad. Uill, cha robh rian agad a cumail beò mana biodh fearann agad.

Ach co-dhiù, 's ann a... bha a mhàthair cho trom airsan bho dheireadh 's gur ann a fhuair e botal-bargain. Agus dh'fhalbh e co-dhiù. 'S ann as t-samhradh a bh' ann. Ghabh e sìos taobh Bhuirgh air a bha daoine a' dol a thàmh. Agus bhuail e an doras sa, 's bha am bodach, cha robh fada ag èirigh 's dh'fhosgail e an doras. Agus thuirt e ris:

"Tà, a dhuine òg," ars esan, "chan ann gun ghnothaich."

"Uill, chan ann," ars e fhèin. "Thàinig mi," ars esan, "le botal-bargain airson tè dhen a' chlann-nighean agad."

"Ò thig a-staigh. Thig a-staigh," ars esan.

'S ann a chanadh tu gur ann a bha am bodach a' feitheamh ris. No a' feitheamh ri cuideigin eile a thigeadh. Agus dh'èigh am bodach suas dhan a' chùlaist ris an nighean.

"A Sheònaid, a ghràidh, èirich 's fear ann a sheo gad iarraidh airson do phòsadh."

Dh'èirich Seònaid agus sheall air an tàcharan an seo.

"Ò," ars ise, "cha phòs mise idir e."

"Hod, hod," ars e fhèin, "agus fearann aige."

"Cha phòs mi idir e," ars ise.

Co-dhiù, 's ann a fhreagair a' chailleach shìos:

"Dè mu dheidhinn Màiri, ged a tha i air an àirigh?"

"Ò," ars am bodach, "chan fhalbh thu falamh mas urrainn dhòmhsa."

'S diod a rinn am bodach ach chuir e air na h-osanan, na shuidhe air an t-sèis. 'S thuirt e ris an gille:

"Fuirich ann a shin," ars esan, "gu 'n till mise."

Ghabh am bodach air falbh gu Catuil a-muigh air a' mhòinteach. 'S bha an nighean na cadal ann a shin, 's bha cliabh anns an doras. Bhuail am bodach am bata air a' chliabh 's thug an nighean giorradh dha 's gheibh i:

"Cò tha siud?"

"Tha mi fhìn, a ghràidh," ars esan.

"A bhobain," ars ise, "dè tha ceàrr 's gu bheil sibhse a-muigh seo mun tìde sa mhadainn?"

"Thàinig mi a-mach a dh'innse dhut," ars esan, "gun do rèitich thu an-diugh."

"Cò," ars ise, "a rèitich mise an-diugh?"

"Rèitich a leithid seo fear à Siadar."

"Ò uill a bhobain," ars ise, "an aon duine riamh anns an robh sùil agam."

"Uill a ghràidh," ars esan, "gheibh thu an dà bhò sin a tha nan suidhe thall... nan laighe thall air a' bhruthaich."

A-mach a thug am bodach, 's thuirt e ri fear Shiadair:

"Cùm ort gu 'n cuir mise dhìom na h-osanan, 's gu 'n cuir mi orm na brògan-liosaig."

Air a chaidh na brògan-liosaig a chur an-àirde, chaidh am botal a chur timcheall, 's bha an rèiteach seachad. Am bargan seachad.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math