spacer
spacer

Figheadair aig Mac Ille Bharraigh, a thog caisteal an Èirisg...

Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
Tiotal a' Chlàir - Figheadair aig Mac Ille Bharraigh, a thog caisteal an Èirisg...
Fiosraichean - Mìcheal Mac an t-Saoir
Luchd-clàraidh - Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach

Geàrr-chunntas - Figheadair aig Mac Ille Bharraigh, a thog caisteal an Èirisgeigh, ga mharbhadh le bràthair a mhnatha.

Bhiodh na h-eileanan aig uachdaran agus bhiodh iad gu tric a' cogadh ri chèile. Bha triùir ghillean aig Mac Ille Bharraigh, fear dhiubh nach robh cho oidhirpeach ri càch: rinn e figheadair dheth. Dh'eug an athair, ach cha do dh'fhàg e tiomnadh. Dh'iarr am figheadair pìos dhen oighreachd ach cha d' fhuair e sgillinn, agus chuir a bhràithrean a-mach às an taigh e.

Chaidh e dh'Èirinn, far an robh e cho math ri duine sam bith. Dh'fhaighnich iad dha cò às a thàinig e agus, nuair a dh'innis e dhaibh mar a thachair, thuirt iad ris gun cuireadh iad clachair agus saoir còmhla ris airson àite a dhèanamh suas dha. Thàinig iad gu Èirisgeigh agus thog iad taigh gun fhiosta air muinntir an eilein. 'S e caisteal a' bhreabadair a bh' air. Uair, chunnaic e smùid ri taobh na h-aibhne, agus grunn bhoireannach a' nigheadaireach. Dh'fhaighnich tè dhiubh an e esan a thog an caisteal agus an e am figheadair a bh' aig Mac Ille Bharraigh. Rug e oirre agus thug e air ais chun a' chaisteil i.

Bha i an sin ùine agus bha clann aice. Thàinig a bràthair air ais às a' chogadh agus chaidh innse dha mar a thachair. Nuair a bha am figheadair ag iasgach, chaidh e chun a' chaisteil, mharbh e an triùir chloinne agus chuir e teine ris an taigh.

Chunnaic am figheadair an smùid ach nuair a ràinig e an cladach thuit e às a' bhàta agus chaidh a mharbhadh. Thug am bràthair a phiuthar leis dhachaigh, ach cha ghabhadh i biadh no deoch: bha i cho muladach. Dh'iarr i orra a toirt far an robh a' chlann agus an duine aice air an cur. Cha robh i ach beò latha no dhà às dèidh seo.

Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:08:49
Àm Clàraidh - 1963
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Sgeulachd
Cruinneachadh - Sgoil Eòlais na h-Alba

Àireamh a' Chlàir - 37775
Àireamh an Teip Thùsail - SA1963.077
Àireamh a' Chlàir Thùsail - SA1963.77.A1
Càileachd an Fhuaime - Meadhanach Math
Cruth Inneal a' Chlàir - R2R



Àite a' Chuspair:
  Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
  Paraiste - Uibhist a Deas
  Eilean - Èirisgeigh

Notaichean a' Chlàir -

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/37775/1




Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA