Rannsaich

Am madadh-ruadh, am madadh-allaidh agus an t-ìm.

Ceann-latha 19 December 1959
Àireamh a’ chlàir 37946
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1960.28.B9

Àireamh an Teip Thùsail

SA1960.028

Geàrr-chunntas

Am madadh-ruadh, am madadh-allaidh agus an t-ìm.

Fhuair madadh-ruadh agus madadh-allaidh buideal làn ime air a' chladach. Chaidh aontachadh gun rachadh an t-ìm a ghleidheil gus am biodh sgrìob liath an earraich ann. Ach thòisich am madadh-ruadh air an t-ìm ithe beag air bheag gus an do chaith e.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Seòrsachadh

AT15

Tar-sgrìobhadh

Aonghas MacIllFhialain: Bha am madadh-ruadh 's am madadh-allaidh a bha seo bha iad còmhla, 's bhiodh iad a' siubhal a' chladaich. 'S bha iad an latha a bha seo air a' chladach 's dè a fhuair iad ach buideal agus e làn ime. Agus 's ann a ghlèidhte seo gu 'n tigeadh sgrìob liath an earraich. Chuir iad ann am falach e.

Ach an làrna-mhàireach chaidh am madadh-ruadh a-mach às an uaimh, 's dh'èigh e a-muigh:

"Ò thèid, thèid. Tha mi a' falbh còmhla riut," ars esan.

"Cò tha ag èigheach dhut an sin?" ars am madadh-allaidh.

"Chan eil ach fear a tha gam iarraidh gu goisteachd," ars esan.

Dh'fhalbh am madadh-ruadh chun a' bhuideil. Thug e treis air ithe na bha sa bhuideal, 's thill e.

"Tha thu air tighinn," ars am madadh-allaidh.

"Tha," ars am madadh-ruadh.

"Dè an t-ainm a thug sibh air an urra a tha siud?"

"Ò, sìos o bheul," ars esan, am madadh-ruadh.

Ach an ceann latha no dhà às a dhèidh sin chaidh am madadh-ruadh a-mach a-rithist, 's dh'èigh e an t-aon ceunda.

"Ò thèid, thèid. Tha mise a' falbh còmhla ribh."

"Cò tha ag èigheach dhut an-diugh?" ars am madadh-allaidh.

"Ò chan eil ach fear a tha gam iarraidh gu goisteachd," ars esan.

Dh'fhalbh am madadh-ruadh. Thug e treis eile air a' bhuideal an latha sin, 's thill e.

"Dè an t-ainm a thug sibh air an urra a tha sin an-diugh?" ars am madadh-allaidh nuair a thill e.

"Ò, mu leth," ars am madadh-allaidh... am madadh-ruadh.

Ach, an seo an treas latha chaidh am madadh-ruadh a-mach.

"Ò thèid, thèid. Tha mi a' falbh air a' mhionaid," ars esan, "còmhla ribh."

"Cò tha ag èigheach dhut an-diugh?" ars am madadh-allaidh.

"Tha fear a tha gam iarraidh gu goisteachd an siud," ars esan.

Dh'fhalbh am madadh-ruadh 's dh'ith e na bh' ann an latha sin. Nuair a thill e, dh'fhaighneachd am madadh-allaidh dheth:

"Seadh, dè an urra... an t-ainm a thig sibh air an urra a bh' agaibh an-diugh?" ars am madadh-allaidh.

"Ò, sgrìob a thòn," ars am madadh-ruadh.

Nuair a thàinig sgrìob liath an earraich 's a dh'fhalbh am madadh-allaidh feuch an robh dad anns a' bhuideal, cha robh sìon ann. Bha e air ithe aig a' mhadadh-ruadh. Sin a' ghoisteachd a bh' aigesan a h-uile latha a bha e a' falbh.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math